FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A’ gabhail ùidh ann an ceòl Taking an interest in music

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo with Dr Margaret MacKinnon Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo còmhla ris An Dr. Mairead NicFhionghain

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Taking an interest in music

[Dòmhnall] Bha thu a’ tòiseachadh a’ cluiche agus a’ gabhail ùidh ann an ceòl an uair sin, nach robh?

[Donaidh] Bha. Bha mi air sin a dhèanamh mus do dh’fhàg mi sgoil agus … Ach chuir mi romham nuair a chaidh mi dhan chollege gun sguirinn dhen sin … bha mi a’ smaointinn gum biodh e, nach biodh tìde agam air a shon. Agus tha mi creidsinn gun robh dà bhliadhna nach do rinn mi mòran gun a thòisich mi an uair sin anns an treas bliadhna a’ cluich anns na taighean-seinnse ann an Glaschu fhèin agus dannsan agus mar sin.

[Dòmhnall] Dè bha thu a’ cluich an uair sin?

[Donaidh] Uill, bhiodh giotàr sa mhòr-chuid ach bha mi air banjo a cheannach nuair a chaidh mi sìos a Ghlaschu an toiseach. Agus feumaidh mi ’g ràdh gun … fhuair mi am banjo a bha seo ann am bùth ris an canadh iad Sound Sense agus fhuair mi am banjo agus thòisich mi ga chluich. Thug mi an uair sin air ais a Leòdhas e agus chluich mi e aig dannsa ann an Talla an Àird agus bha mi smaoineachadh gun robh cùisean a’ dol ceart gu leòr agus nuair a cheannaich mi an uair sin packet sreanganan as ùr bha e follaiseach dhomh nach robh am banjo agam leis na … cha robh e tuned agam ceart agus mar sin dheth thàinig e orm ionnsachadh a-rithist.

[Dòmhnall] Dh’ionnsaich thu dà uair e!

[Donaidh] Dh’ionnsaich mi dà uair e, dh’ionnsaich.

[Dòmhnall] Nise, an robh aig an àm sin do mhàthair, air an robh sinn a’ bruidhinn, Cairistiona, an robh ise air tòiseachadh a’ sgrìobhadh òrain ’s an robh thusa air tòiseachadh a’ cluiche nan òran aice?

[Donaidh] Uill, thig air ais mionaid bheag a-nis gu na Greumaich agus fad an robh iad a’ toirt an samhradh .. ’s ann acasan a bha Brodick Castle ann an Arainn agus ’s ann shuas ann an seòmar àrd ann an sin a bha i gu math aonranach aon uair agus sgrìobh i Ciaradh an Fheasgair. Agus bha sin a’ crìochnachadh le “B' annsa leamsa àirigh mòintich na bhith 'n lùchairt an rìgh”.

[Dòmhnall] Bha.

[Donaidh] Nise, ’s e sin a’ chiad òran agus thàinig na h-òrain eile bhon fhear sin. Agus nuair a bha i a’ teagaisg tron .. nuair a bha mise a’ dol tron sgoil, Sgoil Sgiogarstaigh. Thòisich i a’ sgrìobhadh òrain, dìreach bàrdachd airson gum biodh a’ chlann .. gum biodh rudeigin às ùr aca, gus am biodh ciall aca mu dheidhinn a’ chultair a bha i a’ faicinn a bha gar fàgail a thaobh innealan is rudan mar sin agus bhiodh facail mar sin a’ tighinn a-steach dhan bhàrdachd. Ach bhiodh a’ chlann gan aithris aig a’ Mhòd ionadail a bhiodh ann an Steòrnabhagh. ’S ann as an Ògmhios a bhiodh am Mòd, aig deireadh na bliadhna.

[Dòmhnall] Agus an e sin na h-òrain a thòisich thusa a’ seinn air a’ cheann thall?

[Donaidh] ’S e. Feadhainn aca, bha aon... tha cuimhne agam air aon pìos bàrdachd a sgrìobh i agus ’s ann mu dheidhinn .. eil fhios agad is fàbhar mise .. dè a’ Ghàidhlig an-dràsta... an e rothar gaoithe a th’ air “windmill”? Uill fear mòr .. mar a bhios aca anns an Òlaind.

[Dòmhnall] Aidh.

[Donaidh] Agus leithid an rud sin, bha i a’ bruidhinn mu dheidhinn sin agus bha e a’ tòiseachadh le Is fàbhar mise tha mi cho mòr agus ’s e sin an aon phìos a dh’ionnsaich mise agus dh’aithris mi e aig a’ Mhòd sin agus cha do chuir mi riamh ceòl air an fhear sin agus cha robh e furasta dhomh ceòl fhaighinn air.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2014.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!