FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Lots of phrases for good weather Iomadh abairt airson sìde mhath

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme 'Beul-chainnt' Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram 'Beul-chainnt'

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Iomadh abairt airson sìde mhath

[Eilidh NicLeòid] 'S e comharra air deagh shìde a th' ann nan deigheadh agad air a’ bhonaid agad a' crochadh air a' ghealaich. Tha iomadh abairt eile agad airson sìde mhath. 'S math an comharra air an t-sìde shamhraidh boillsgeadh dearg dhen t-solas a tha fad às.

[Lachlann MacGilliosa] Boillsge dearg dhen t-solas a tha fad às. Comharra math air sìde. Tha sin ag innse do dhaoine no do dhuine gu bheil sìde mhath air an rathad. Nuair a tha a' ghrian a' dol fodha, nuair a tha i a' dol dha na speuran 's e comharra math a th' air sin. Cha bhiodh na daoine o chionn fada, bha iad ag aithris air sin, 's dh' obraich sin a-nuas am measg nan daoine a th' ann an-diugh. Latha brosgail, cha robh thu cinnteach às idir, bha e a’ gealltainn latha math agus an-dèidh sin, dòcha nach robh e cho seasmhach ann an ceann ùine, ‘s dòcha gun thigeadh dorchadas air an speur, bha e a' cur car a' mhuiltein nad chuimhne no nad bheachd, bha e ga chur às, latha brosgalach. Tha facail cuideachd ann airson diofar amannan dhen latha is dhen oidhche. Aig àm dol fodha na grèine, thig ciaradh an fheasgair agus bidh àm na h-oidhche mar eisimpleir. Ach airson a h-uile grian a chì sinn a' dol fodha, chì sinn teile ag èiridh.

[Donnie Dòmhnallach] 'S e camhanaich, sin agad a' mhadainn no glasadh an latha, bha sin a' ciallachadh nuair a bhiodh e dorcha, bhiodh e a' tionndadh gu bhith glas agus mus soilleireachadh i.

[An t-Urr. Dòmhnall MacAmhlaigh] Camhanaich an latha, 's e facail cumanta a bha sin, ann an seo nuair a bha mise òg. Ri do thaobh, ann an seo, anns a' Bhàgh a tha thu a' faicinn ri do thaobh an seo, bhiodh mòran eathraichean ann an seo air acaire tron oidhche, bhiodh iad a' gabhail tàmh na h-oidhche ann an seo, agus cho luath 's a thigeadh camhanaich an latha, bha sin a' ciallachadh nuair a bhiodh a' ghrian a' cur an solas troimhpe anns an àird an ear, 's e sin camhanaich an latha, bhiodh iad an uair sin a-mach à seo an ceann an cosnaidh agus bhiodh an latha ag èirigh ann an làthaireach nuair a ruigeadh iad a' cheann a-muigh.

[Lachlann MacGilliosa] Gormadh an latha, 's e sin nuair a bhiodh a' ghrian ga briseadh a-mach às a' mhadainn, nuair a dh' fhàgadh tu, ‘s dòcha, far am biodh i ag èirigh às an ear ann an sin, bhiodh dìreach gormadh an latha is soillse gus a bhith soilleir, chan e dìreach, ceart soilleir ach dìreach gus a bhith soilleir, chànainn-sa sinn ri gormadh an latha.

[Eilidh NicLeòid] Agus dè mu dheidhinn àm an eadraidh

[Lachlann MacGilliosa] Àm an eadraidh, chanadh iad sin an àite a bhith ag ràdh meadhan-latha, chanadh iad "Ò, dè an t-àm a tha ann?", "Ò, àm an eadraidh". Sin agad an t-àm mar gum biodh iad a' toirt a-staigh a' chruidh airson am bleoghain, an eadhradh, agus 's ann an sin a bha iad an-còmhnaidh a' tachairt suas mu dhà dheug dhen latha. Tha thu a' cur gu feum aig meadhan-latha, àm an eadraidh, àm an eadraidh.

[Donnie Dòmhnallach] 'S e an co-thràth chanadh mi ri bheul na h-oidhche ach tha deasbad is argamaid mu dheidhinn sin is tha cuid a' smaoineachadh gur e madainn a th' ann ach tha mise a' smaoineachadh gur e comharra beul na h-oidhche. Tha thu a' faicinn, fhios agad, gu bheil feasgar a' fàs nas glasaiche, tha i dìreach greis mus fhàs i dorcha, sin an co-thràth. Chan fhaic thu rudan timcheall ort cho mhath no fada bhuat math idir.

[An t-Urr. Dòmhnall MacAmhlaigh] Ciaradh an fheasgair, tha e a' sealltainn nach eil an oidhche fada air falbh ach tha latha ann fhathast. Ciaradh an fheasgair.

[Boireannach] Balt? Tha mise a' smaoineachadh gun cuireadh tu dath air aodach leis.

[Duine] Cha chuala balt, am facal a-riamh. Cha chuala.

[Boireannach] Balt? Cha chuala.

[Boireanach] Cha chuala.

[Murchadh MacSuain] Balt. Tha iomadh ciall aig an fhacal balt, ach am balt a tha sinn a' bruidhinn air an-dràsta, tha e mu thaobh na sìde agus 's e soilleireachd a th' ann a chithear san adhar is sna speuran an-còmhnaidh san àird an iar, sin balt.

Chaidh am prògram seo, Beul Chainnt, a chraoladh an toiseach ann an 2002.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!