FaclairDictionary EnglishGàidhlig

True or false Fìrinn no breug

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Fìrinn no breug

[Ùisdean] Dà sgioba ma-thà a tha eòlach gu leòr air a’ ghnothaich, bha iad ag innse dhomh, agus saoil ge-tà dè mar a tha iad le ‘Fìrinn no Breug’? A’ chiad chuairt. Tha a h-uile duine a’ faighinn facal agus tha aca ri mìneachadh no ciall an fhacail a lìbhrigeadh. Tha aon dhe na faclan air gach taobh ge-tà aig gach sgioba fuadain. Feumaidh gach sgioba breithneachadh orra agus tuairmse a dhèanamh càite a bheil fìrinn. Dearbhaidh gach taobh an uair sin cò tha ri fìrinn le teicneòlas annasach agus cairtean. Tha cothrom aig gach sgioba an taobh eile a cheasnachadh - sin ma leigeas mise leotha. A rèir mar a thèid leotha sgaoilidh mi puingean mar a thogras mi fhèin. Dà phuing gu cinnteach ma nì sgioba a-mach an fhìrinn. Seo mar a dhearbhaicheas mise cùisean. Ma tha sibh ceart “Yay!”. Ma tha sibh ceàrr “Boo!”. Bidh sinn an dòchas gur e am fear seo a chluinneas sibh.

[Iain] Carson a tha am fuaim sin air an taobh againne?

[Ùisdean] Cluinnidh tu ann an dà dhiog.

[Iain] Seadh.

[Ùisdean] ’S i a’ cheist ma-thà, cò tha ag innse na fìrinn? A’ chiad fhacal aig Màiri Anna.

[Màiri Anna] Tha am facal a th’ agamsa uabhasach fhèin furasta ’s bidh fhios aca gur e an fhìrinn a th’ ann anns an spot. ’S e am facal “fad-làmhach”.

[Ùisdean] “Fad-làmhach”.

[Màiri Anna] Nis, tha e a’ ciallachadh ‘làmhan fada’. Tuigidh sibh fhèin sin.

[Iain] Seadh.

[Màiri Anna] Ach tha e cuideachd a’ ciallachadh, fhios agad, nam biodh fear anns a’ choimhearsnachd agus tu amharas gun goideadh e rud nan tigeadh an teansa a rathad, gum biodh na ‘làmhan fada’, na crògan a’ giuallachd nad phocaid gun fhiosta dhut.

[Iain] An canadh tu “tha am fear ud car “fad-làmhach” dheth fhèin”?

[Màiri Anna] Cha bu toigh leat a ràdh “’s e an rag mhèirleach a tha ann an Aonghas an tuathanach”, chanadh tu “tha e caran “fad-làmhach””.

[Ùisdean] Bha dùil a’m gur e “pocaidean domhainn” a bh’ agad fhèin a bha i a’ ciallachadh.

[Iain] Uill ’s dòcha, ’s dòcha.

[Ùisdean] An e sin a tha i a’ ciallachadh?

[Màiri Anna] Uill a dh’innse na fìrinn ort fhèin, thugad fhèin a bha mi a’ tighinn.

[Ùisdean] Tha dà phuing a’ dol gu MacIlleMhicheil anns a’ bhad airson sin, a Mhàiri Anna. Bha sin a-mach às an rathad.

[Màiri Anna] Mise? Mise...

[Ùisdean] A Sheonag, a bheil ceist agad an sin?

[Seonag] A bheil e idir... a bheil e car coltach ris an fhacal a bhiodh aca... ’s ann airson fireannach a bhiodh tu a’ seachnadh. Bhiodh a làmhan sa h-uile h-àite. Mar a chanadh iad sa Bheurla “wandering hands”. An e sin an rud?

[Màiri Anna] Ò chan e, chan e oir dh’fhaodadh tu seo a ràdh mu dheidhinn boireannach cuideachd.

[Iain] Ò seadh, seadh.

[Màiri Anna] Fhios agad ma bha iad caran...

[Iain] Uill tha Seonag i fhèin car buailteach air...

[Ùisdean] Iain, bi modhail.

[Iain]... a bhith “fad-làmhach”.

[Ùisdean] Bi modhail!

[Màiri Anna] Coimhead an-dràsta nam faicinn-sa pàipear deich nòtaichean air pocaid-cùil Chaluim, nam bithinn “fad-làmhach” rachainn a-null ’s bhiodh e agam.

[Ùisdean] Gun fhios nach can Màiri Anna cus a-nis fàgaidh sinn sin far a bheil e. “Fad-làmhach” am facal aig Màiri Anna. ’S e am facal a th’ aig Calum, a Chaluim.

[Calum] ’S e “grìd”...

[Ùisdean] “Grìd”...

[Calum] “Grìd” a th’ agamsa...

[Ùisdean] “Grìd”. Siuthad.

[Calum] Agus tha am facal a tha seo a’ ciallachadh ‘cop’.

[Iain] Cop?

[Calum] Cop. Gu h-àraidh cop air uachdar leann. As na seann làithichean bhiodh gu math tric, bhiodh iad a’ falbh le leann air soithichean agus bhiodh tu aig muir agus bhiodh ’s dòcha am bàta a’ faighinn deagh chrathadh agus thigeadh an cop a bha seo – “griod” – gu uachdar.

[Iain] Ò “griod” a th’ ann a-nis?

[Ùisdean] ’S e “griod” a bh’ ann.

[Seonag] Dè th’ ann?

[Calum] “Grìd”, sorry.

[Ùisdean] Tha sinn ag aontachadh gur e “grìd” a th’ ann.

[Iain] Seadh, uh huh.

[Calum] Bhiodh sin a’ tighinn gu uachdar na togsaidean agus bha e caran cunnartach, airson an fhìrinn innse, air sailleibh gun robh tòrr fàilidhean ann agus dh’fhaodadh tu smùid a ghabhail le...

[Iain] Nam biodh tu “fad-làmhach”.

[Ùisdean] A bheil thu fhèin amharasach, a Sheonag? Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil...

[Iain] Tha mise amharasach mar a bha...

[Seonag] Chan eil fhios ’m. Dh’fhaodadh... nach eil rud air choreigin ann? Nach eil fumes a’ tighinn far...? A bheil e car coltach...?

[Calum] Uill tha e car coltach...

[Iain] Nuair a tha iad a’ dèanamh uisge-beatha...

[Seonag] Nach bi iad ag ràdh an “angels’ share”?

[Iain] An e sin a th’ ann?

[Calum] Tha mi a’ smaoineachadh air am Mary Celeste. Bha theory ann gur e sin a dh’fhàg... gun do dh’fhàg na seòladairean am Mary Celeste...

[Seonag] Ghabh iad an deoch?

[Iain] Air an “grìd”?

[Seonag] Nist, bha rudeigin mu dheidhinn am Mary Celeste gun teagamh.

[Ùisdean] Ann an cabhaig, ann an cabhaig. Tha mi a’ smaoineachadh... dìreach truisidh mi seachad dìreach an dà fhacal dhuibh – “fad-làmhach” agus “grìd” – ’s ann an diog no dhà dìreach cuiridh mi a’ cheist oirbh ma-thà, càite a bheil an fhìrinn? Cò aige a tha an fhìrinn?

[Seonag] Chan eil fhios ’m, erm...

[Iain] Aig Calum, tha mise a’ smaoineachadh.

[Seonag] Uill chuala mi an stòiridh aig Mary Celeste gun teagamh ’s mar sin dh’fhaodadh...

[Iain] Uill an tèid sinn...?

[Seonag] “Fad-làmhach”... Calum.

[Iain] Thèid sinn le Calum.

[Seonag] Calum.

[Ùisdean] ’S ann aig Calum a tha an fhìrinn. Sin am barail...

[Iain] Sin a tha sinn ag ràdh.

[Ùisdean] ’S ann aig Calum a tha an fhìrinn. An seall sibh dhuinn ma-thà?

[Iain] Ò seadh.

[Ùisdean] ’S ann aig Màiri Anna a tha an fhìrinn!

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!