FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donald MacLachlan from Morven Dòmhall MacLachlainn às a’ Mhoirbheinn

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Dòmhall MacLachlainn às a’ Mhoirbheinn

[Dòmhnall Uilleam] Car coltach ris, ’s e bu choireach ach ministear, duine gu math neònach dom b’ ainm Dòmhall MacLachlainn às a’ Mhoirbheinn. Co-dhiù b’ e ministear Àird nam Murchan a bh’ ann agus tha e coltach nach robh a dhreuchd a’ còrdadh ris idir, idir, idir agus mar sin thog e air.

[Dòmhnall Uilleam] Chaidh e sìos a Lunnainn agus bha e a’ coimhead timcheall feuch ciamar a dhèanadh e airgead. Agus dè b’ fheàrr leis na suidhe sìos agus leabhran beag drabasta a sgrìobhadh dom b’ aimn ‘An Essay Upon the Improving and Adding to of the Wealth and Strength of Great Britain and Ireland through Fornication’. Agus chaidh a chlò-bhualadh cuideachd!

[Dòmhnall Uilleam] Co-dhiù, bha e cuideachd a’ coimhead airson barrachd airgid agus feumaidh gun cuala e gun robh trustees ann an Georgia, gun robh iad a’ coimhead airson dhaoine a dheigheadh a-null thairis agus a dhìon na dùthcha ud an aghaidh nan Spàinnteach mu dheas. Agus chuir e litir thuc’ agus tha e coltach gun robh e ag iarraidh gun toireadh iad airgead dhàsan ’s gun deigheadh iad, gun deigheadh e air ais chun na Gàidhealtachd agus gun trusadh e daoine agus gun cuireadh e sìos a Lunnainn iad agus gun deigheadh iad a-null thairis a Georgia.

[Dòmhnall] Tha Darien air bruthaichean Abhainn Altamaha, faisg air crìoch Florida. ’S e port iasgaich beag, sochair a th’ ann an-diugh ach bha e an uair ud air fìor iomall na h-ìompaireachd.

[Dòmhnall] A dh’aindeoin an t-sàir aig MacLachlainn ris an lagh, chaidh gabhail ri a phlana. Anns an Fhaoilleach seachd deug ’s a sia deug air fhichead ràinig a’ chiad bhuidheann dhiubh, ochd fichead ’s a seachd duine deug, a’ gabhail sealbh de na bha air fhàgail de ghearastan rìgh Gheorgia.

[Michael Sacrickson] It was virtually a hell on earth. The bugs had a tendency to drive them crazy – they had never known the like in Scotland. A British officer that was stationed here for a very short while said that he was three months at sea and could still here the infernal buzzing of the damned insects. Diseases that are no longer a problem in the United States ran rampant here, yellow fever, swamp fever, dysentery, even malaria and it plagued the highlanders from the start.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!