FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Meet Donald Iain Coinnich ri Dòmhnall Iain

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Leugh Mi Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Leugh Mi

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Coinnich ri Dòmhnall Iain

[Anna] A Dhòmhnall Iain, cha bhi mòran againn a’ dèanamh siubhal mar a bhios Ishi a’ dèanamh ach tha thusa a’ tighinn ’s a’ falbh aig amannan cuideachd. Bha thu, Dè na h-àiteachan anns an robh thu o chionn ghoirid?

[Dòmhnall Iain] Uill fhad ’s a bha mi anns an oilthigh tha mi gu math fortanach ’s tha mi a’ faighinn làithean-saora gu math fada ’s tha mi air a bhith a’ falbh a h-uile samhradh on a thòisich mi san oilthigh. Tha mi air a bhith ann an Jordan ’s ann am Morocco ’s ann an taobh sear na Roinn Eòrpa ’s ann an Canada.

[Anna] Agus an dèanadh tu siubhal mar seo, mar a tha san leabhar seo?

[Dòmhnall Iain] Bu thoil leam smaointinn gun dèanainn e ach dh’fheumainn dìreach, fhios agad, dh’fheumainn, fhios agad, dìreach feuchainn ’s faicinn. Chan eil fhios ’m dè tha a’ dol a thachairt anns na bliadhnaichean a tha ri teachd.

[Anna] Nise, nuair a bha thusa ag èirigh suas anns an aon seòrsa sgìre innis dhomh mun leughadh a bhiodh tusa a’ dèanamh.

[Dòmhnall Iain] Uill tha cuimhne ’m nuair a bha mi gu math beag ’s, fhios agad, cha robh mi a’ leughadh an uair sin ach tha cuimhne ’m gum biodh mo phàrantan, bhiodh iadsan a’ leughadh leabhraichean dhomh fad, fhios agad, a h-uile h-oidhche. Tha cuimhne ’m bhiodh mo mhàthair daonnan a’ leughadh ’s cuideachd bhiodh m’ athair, bhiodh esan a’ leughadh leabhraichean dhuinn sa Bheurla leithid Topsy and Tim ’s rudan mar sin ach bhiodh e ga chur gu Gàidhlig fhad ’s a bhiodh e ga leughadh. ’S dòcha nach robh sìon a dh’fhios agam dè bh’ anns an rud a bha seo, dè bh’ anns a’ Bheurla.

[Anna] Cha robh e gu diofar dhut, an robh?

[Dòmhnall Iain] Cha robh e gu diofar dhomhs’. Tha cuimhne ’m bhiodh e cuideachd ag innse sgeulachdan dhuinn mu dheidhinn bòcain ’s fuamhairean ’s rudan mar sin a bha a’ fuireach shuas air Beinn Sciathan an Èirisgeigh ’s a h-uile rud mì-mhodhail a bhiodh e a’ dèanamh nuair a bha e beag. Chaidh m’ àrach timcheall tòrr sgeulachdan. Tha cuimhne ’m nuair a bha mi òg ’s nuair a bha mi fàs, fhios agad, nuair a bha mi ann an Èirisgeigh bhithinn a’ cur seachad tuilleadh ’s a’ chòrr ùine a’ leughadh. Cha robh... a h-uile uair den latha bhiodh mo shròn ann an leabhar, dh’fhios agad, nobhailean, leabhraichean eachdraidheil, leabhraichean saidheans, dìreach bha mi gu math, gu math toilichte a’ faighinn a-mach rudan ùra no a bhith caran a’ faighinn beagan ’s dòcha faighinn caran a bhith gam chur ann an saoghal eile tro bhith a’ leughadh ’s tro bhith a’ cleachdadh mo mhac-meanmhainn.

[Anna]’S e a’ chiad taghadh a th’ agadsa, ’s e leabhar bàrdachd a th’ ann. Am bàrdachd aig Somhairle MacGill-Eain, Dàin do Eimhir. Carson a thagh thu an leabhar a tha sin?

[Dòmhnall Iain] Uill thagh mise an leabhar a tha seo a chionn seo a’ chiad leabhar Gàidhlig a leugh mi a chòrd rium. Tha cuimhne ’m nuair a bha mi caran còig bliadhna deug, fhathast caran òg, fhathast caran... Cha bu thoil leam idir leabhraichean a bhiodh sinn a’ faighinn anns a’ chlas Ghàidhlig sa sgoil. Bha mi a’ smaointinn gun robh iad... cha robh feum sam bith annta. Tha cuimhne ’m seo a lorg air sgeilp anns an taigh againn agus a thogail ’s bha mi a’ smaointinn tha seo dìreach... bha e dìreach, fhios agad, cha robh mi air sìon mar sin a leughadh roimhe ’s na faireachdainnean a bh’ ann, am poilitigs, an gaol, na ceistean mòra a bha a’ tighinn na lùib agus dìreach na briathran àlainn agus a’ Ghàidhlig a bha dìreach cho eadar-dhealaichte bho Ghàidhlig sam bith a leugh mi no a chualami agus bha mi a’ smaointinn tha seo dìreach mìorbhaileach agus bha mi a’ smaointinn, uill seo dìreach... bha buaidh mhòr aige orm nuair a bha mi òg agus bha mi a’ smaointinn gur e seòrsa de Shomhairle a bh’ annam fhìn ach tha mi air ionnsachadh nach eil mi mar sin! Tha mi air rudan ionnsachadh on uair sin ach fhathast, fhios agad, air a’ bhalla agam tha dealbh agam de Shomhairle.

[Anna] Thug e buaidh ort.

[Dòmhnall Iain] Tha mi a’ smaointinn gun tug.

Chaidh am prògram seo, Leugh Mi, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!