FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The meanings of new words Ciall nam facal ùr

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Ciall nam facal ùr

[Ùisdean] Uill chun an ath-chuairt. Tha sinn uile eòlach gu leòr air faclan ùra ann an Gàidhlig. ’S dòcha nach eil sinn a’ tuigsinn cuid dhiubh. Uaireannan chan eil annta ach seann fhaclan ge-tà air an cleachdadh ann an dòighean ùr’. Cuid dhiubh a’ còrdadh rinn ’s cuid eile nach eil. Nàdar de ghocaireachd, tha mi cinnteach, ’s bha MacIlleMhìcheil math air an sin. Nì sinn ar dìcheall an suidheachadh sin a leasachadh anns a’ chuairt seo, ’s dòcha, agus chì sinn dè an t-alt a th’ aig na sgiobaidhean air na jackenfilisters aca fhèin. Dà phuing airson gach freagairt a tha ceart. Bonus ann an siud ’s ann an seo ’s ma tha am freagairt ceàrr thèid mise a-null chun an taobh eile. Seo na jackenfilisters ma-thà a bhios aig na sgiobaidhean. Màiri Anna, a Mhàiri Anna an toiseach, am fuaim a th’ agadsa ma tha thu a’ dol a dh’fheuchainn air.

[Ùisdean] Aiseag Bheàrnaraigh, a Chaluim. Aiseag Bheàrnaraigh.

[Calum] A bheil RTE oirre sin, a bheil?

[Ùisdean] Tha mi a’ smaoineachadh gur e ... Chan eil! Uill fàgaidh mi an RTE aig daoine eile. Agus air an taobh eile, Iain, am fuaim a th’ agadsa.

[Ùisdean] Furasta aithneachadh.

[Iain] Uill, chan ann agamsa a tha e ach bhrùth mi am putan!

[Ùisdean] Tha e gu math coltach ri fuaim a chluinneas sibh an Ìle agus ’s e na geòidh ann an Ìle a th’ ann. Seo na faclan ma-thà. Cuiridh mise na faclan a-mach. Dallaibh air na jackenfilisters cho luath ’s a ghabhas. Dè tha am facal seo a’ ciallachadh – “sgriubhaire”?

[Ùisdean] Na geòidh.

[Iain] An e rud ris am bi thu a’ cur sgriubha dhan bhalla?

[Ùisdean] ’S e, ’s e. Screwdriver.

[Seonag] Ò, “screwdriver”. Sgriubhaire.

[Ùisdean] Tha e gu math follaiseach nach eil Seonag ga chleachdadh ro thric.

[Seonag] Chan eil!

[Ùisdean] Puingean do MhacIlleMhìcheil. An dàrna facal ma-thà. Seo an dàrna facal – “cularan”, “cularan”.

[Seonag] “Cularan”.

[Ùisdean] Na jackenfilisters.

[Ùisdean] Ò, tha na geòidh a’ dol math.

[Iain] ’S e ... an e lus no meas a th’ ann? ’S e, ’s e “cucumber”?

[Ùisdean] ’S e, tha thu as an ... “Cucumber”?

[Iain] An e “cucumber” a th’ ann?

[Ùisdean] Rud gun fheum. Rud gun fheum.

[Iain] Ò, gu dearbh, ’s e.

[Ùisdean] Tha thu ceart. Tha thu ceart, Iain. A bheil thu fhèin ris a’ chucumber, a Chaluim?

[Calum] Chan eil mi uabhasach keen air.

[Ùisdean] Tha thu glè cheart. “Cucumber”.

[Iain] A bheil iad a’ toirt losgadh-bràghad ort?

[Seonag] ’S brùchadh cuideachd.

[Calum] Tha.

[Iain] ’S brùchadh, ò uill fàgaidh sinn aig an sin e.

[Ùisdean] Air adhart chun an treas facal – “amharclann”.

[Ùisdean] Ò, a Mhàiri Anna.

[Màiri Anna] Àite far am bi thu ag amharc a-mach air nithean leithid taisbeanadh a tha timcheall ort no dealbhan no leithid sin.

[Ùisdean] Mar as trice, ’s dòcha?

[Màiri Anna] Ò uill bidh mi a’ dol ann gu tric, ceart gu leòr, bithidh.

[Seonag] ’S dè th’ ann?

[Ùisdean] Uill tha mi ag amas air càite mar as trice a bhios tu ag amharc, a bheil thu a’ smaoineachadh?

[Màiri Anna] Càite am bi mi ag amharc?

[Ùisdean] Tha mi a’ toirt dhut, seadh, tha mi a’ toirt dhut aon phuing.

[Màiri Anna] ’S iomadh àite sin far am bi mi ag amharc.

[Ùisdean] Aon phuing. An taobh eile.

[Iain] “Amharclann” ...

[Seonag] “Telescope”? “Observatory”?

[Iain] Ò chan e, chan e.

[Ùisdean] “Observatory”.

[Iain] Ò an e “observatory” ...?

[Seonag] An e?

[Ùisdean] Uill bha Màiri Anna ceart. Bha Seonag ceart. Mar sin bheir mi puing an urra dhuibh. Facal, an ath-fhear – “saoranach”, “saoranach”.

[Ùisdean] A Mhàiri Anna a-rithist.

[Màiri Anna] Fear a fhuair saorsa fuireach ann, no tè, fear no tè. Tha mi an-còmhnaidh a’ dol dha na fir, fhios agad, agus a’ dìochuimhneachadh gu bheil.

[Iain] Thug sinn an aire dhe sin!

[Màiri Anna] Fear no tè a fhuair cead saorsa a bhith a’ fuireach ann an dùthaich.

[Ùisdean] Gun teagamh sam bith. Ceart, ceart. Tha sin dìreach cho math ’s a ghabhas, a Mhàiri Anna. Comharran do Mhàiri Anna. Am facal mu dheireadh ann an cabhaig. Chan eil cus ùine air fhàgail againn air a’ chuairt a tha seo. Feuchaibh air na jackenfilisters le “ughagan”, “ughagan”.

[Iain] An e soitheach beag anns am bi thu a’ cur ugh?

[Ùisdean] Tha ugh ceangailte ris. Bheir mi dhut leth-chothrom eile air. Ann an cabhaig.

[Iain] “Ughagan”... An e ...? Tha mi a’ smaoineachadh air “gealagan”. Chan e ...

[Ùisdean] Bheir mi dhut leth-chothrom eile.

[Iain] Shaoil mise gur e soitheach beag ...

[Ùisdean] Bheir mi dhut puing airson a bhith ceangailte ri ugh.

[Màiri Anna] Tha mi a’ smaoineachadh gur e dòigh anns a bheil ugh air a chòcaireachd.

[Ùisdean] Chan e buileach. “Egg custard”.

[Màiri Anna] ’S e “egg custard”.

[Ùisdean] Bheir mi dhut comharra, a Mhàiri Anna.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!