FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Growing up all over the place A’ fàs suas air feadh an àite

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo with Mary-Anne MacDonald Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo còmhla ri Màiri-Anna NicDhòmhnaill

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

A’ fàs suas air feadh an àite

[Dòmhnall Moireasdan] ‘S ann à Uibhist a Deas a chaidh do thogail gu ìre mhòr?

[Màiri-Anna NicDhòmhnaill] B’ann ann an Uibhist a Deas a chaidh mo thogail gu ìre, a chionn ‘s gur ann an taigh mòr ann an Uibhist a Deas a bha teaghlach m’ athar , a bha m’ athair. Ach b’ ann à Bheàrnaraigh a bha mo mhàthair, mar sin bha mi eadar deas is tuath. Nuair a ruiginn gu tuath, bhiodh iad a’ magadh orm airson ‘s ann deasach a bha mi a’ bruidhinn, nuair a bhithinn sa ceann a deas bhithinn a’ faighinn magadh orm son a bhith caran tuathach a’ bruidhinn, ach bha mise eadar dà lionn.

[Dòmhnall Moireasdan] Ach bha thu cuideachd speileag air tìr-mòr?

[Màiri-Anna NicDhòmhnaill] Bha sinn speileag air tìr-mòr, chaidh m’athair a dh’ obair greis aig Oighreachd mhòr ann an Siorrachd Sruighlea nuair a bha mi mu chòig bliadhna a dh’ aois, agus bha e caran sgriosail ann an dòigh dhòmhsa, cha robh agamsa ach Gàidhlig, bha mi air a bhith trì mìosan san sgoil anns an taigh mhòr, ‘s bha bean-teagaisg againne ann an sin, ‘s e Mrs McRury, ‘s bha i uabhasach laghach ris an fheadhainn bheaga ged nach robh guth air poileasaidh Gàidhlig aig an àm. Nuair a ruigeamaid dhan sgoil ‘s gun cus Beurla againne, ‘s e Gàidhlig a bh’ aice ga bhruidhinn, fhios a’d, gus am biodhamaid saorsanail ’ no gus am biodhamaid toilichte san sgoil. ‘S mar sin, bha sinn a’ tighinn gu ìre Beurla a thuigsinn. Ach nuair a ghluais an teaghlach gu Siorrachd Sruighlea gu Port of Menteith, thuigsinn Beurla meadhanach math. Ach, uill, chànainn “No” co-dhiù. Tha mi a’ smaoineachadh gur e sin an aon fhacal a bh’ agam.

[Dòmhnall Moireasdan] Is bha agad ri dhol dhan sgoil?

[Màiri-Anna NicDhòmhnaill] Bha agam ri dhol dhan sgoil. Bha mi coltach ris a’ chloinn bhig, fhios a’d, cluinnidh tu an-diugh na tha de dhaoine a’ tighinn a Bhreatainn às gach ceàrn, ‘s tha chlann bheag sin a’ dol dhan sgoil, ‘s chan eil Beurla aca. Tha fhios agamsa cò ris a tha e coltach.

[Dòmhnall Moireasdan] Cò ris a bha e coltach?

[Màiri-Anna NicDhòmhnaill] Uill, cha robh aon duine sa sgoil sin aig an robh Gàidhlig. Is a’ chiad latha san sgoil, tha cuimhne a’m, ‘s mo mhathair gam thoirt ann. Agus a’ mìneachadh, of course bha Beurla aig mo mhàthair, ach ise ag innse dha na tidsearan “Ò, nì i cunntadh is nì i sums bheaga is nì i beagan sgrìobhaidh, ‘s nì i a h-uile càil”. Is thuirt an tidsear “Ò faighnich mi dhi fhèin ma-thà”. Is bha i a’ faighneachd dhòmhsa, fhios agad, “An aithne dhut an aibidil? Do you know the alphabet? ”aice-se, is ghnog i cinn gu modhail is “Do you know your numbers?” aice-se gu robh gu bheil, fhios agad cho modhail le sìon.

[Dòmhnall Moireasdan] Bha thu modhail an uair sin?

[Màiri-Anna NicDhòmhnaill] Bha, fhios agad, ach ‘s dòcha bha an àm a bha mi seachd gu robh sin air seargadh , chan eil fhios agam. Is thuirt i rium an uair sin “Can you count for me, dear?” arsa ise, “Can you count from one to ten? ” Boireannach bochd is bha i cho laghach is cho gasta is thòisich an oinnseach “aon, a dhà, a trì, a ceithir, a còig” is chunnaic mi, fhios agad, a h-aghaidh, bha e shuas os mo chionn, o chionn ‘s bha mise cho beag is bha bean-teagaisg a bh’ innte nise cho mòr ‘s cho àrd, dh’ atharraich a h-aghaidh is bha mi a’ faicinn air aghaidh inbheach dì-tuigse, ‘s an uair sin, bha mi a’ smaointinn gun robh a’ chiad thuigse gun robh cànan ann agus gun robh aineolas cànain a sgaradh dhaoine, o chionn ‘s cha robh am boireannach sin ga mo thuigsinn aig dòigh sam bith.

[Dòmhnall Moireasdan] Ach an àite do chuir an aghaidh cànain, ’s ann a chuir e gu cànan thu.

[Màiri-Anna NicDhòmhnaill] Gun robh mi a’ faireachdainn sin, nuair a dh’ fhàs mi nas sine, cha robh an uair sin. Ach tha mi a’ smaoineachadh gur e sin mar gum biodh am fras anns an do dh’ fhàs ùidh ann an cànan.

[Dòmhnall Moireasdan] Agus tha an aois sin a’ leantainn fhathast. Thig sinn gu sin a-rithist. Chaidh thu dhan oilthigh, Uill, chaidh thu an toiseach air ais a dh’ Uibhist is chaidh thu dhan àrd-sgoil ann an Loch Abair, cò ris a bha sin coltach?

[Màiri-Anna NicDhòmhnaill] Cha robh an sgoil uabhasach math. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e nas fheàrr an-diugh leis na tha mi a’ cluinntinn mu dheidhinn, ach aig an àm, chan eil mi a’ smaoineachadh gun robh putadh làidir gu leòr a thaobh leantainn ort gu foghlam aig àrd ìre.

[Dòmhnall Moireasdan] Dè mu dheidhinn saoghal ostail?

[Màiri-Anna NicDhòmhnaill] Ò bha saoghal ostail. Bha a h-uile ostail dona na dòigh fhèin. ’S e an rud as motha air a bheil cuimhne agamsa mun ostail, ‘s e na sèithrichean. Cha robh aon sèithear cofhurtail dhen t-seòrsa-sa am broinn an togalaich. Ò uill, bha aig a’ mhatron san t-seòmar aice fhèin am bateigin anns a’ chùl ach far an robh sinne, bha sèithrichean cruaidh, fiodha. Dèan fhèin ceithir, dealbh dheth, ceithir bliadhna air do mhàs air sèithear cruaidh fiodha.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2010.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!