FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Welcoming Morag and Allan A’ cur fàilte air Mòrag is Ailean

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

A’ cur fàilte air Mòrag is Ailean

[Ùisdean] Fàilte oirbh gu Aibisidh far am bi mise, Ùisdean MacIllFhinnein agus dà sgioba de shàr eòlaichean air aoigheachd agus tha iad a’ feuchainn cò as eòlaiche air abairtean, seanfhaclan is hieroglyphics na Gàidhlig. Dà sgioba a dh’fheumas a bhith gu math modhail no thig mise orra leis a’ chaman. Chì sinn am bi feum air. Chan eil a’ chòrr aca a nì iad air oidhcheannan fuar a’ gheamhraidh, ach a bhith cagnadh agus a’ cnàmh cìre agus a’ meòrachadh air briathrachas na Gàidhlig. Faodaidh cainnt a bhith modhail ged a bhios i goirt. Agus bidh sinn an dòchas nach eil na farpaisich no na farspaich againne gu bhith mì-mhodhail co-dhiù.

[Ùisdean] Chun nan sgiobaidhean ma-thà agus na sgiobairean an tòiseach air mo làimh chlì, Iain MacIlleMhìicheil à Eilean Ìle o thùs, tha Iain air a bhith na chraoladair fad bhliadhnaichean a-nis

[Iain] Fad bhliadhnaichean mòra.

[Ùisdean] Cha can mi cia mheud, ò cha can mi cia mheud, ach tha e coltach gun deach tòrr dhen eòlas a th’ aige an-diugh a thogail is ’s e na lunnachan òg a’ frithealadh taighean-seinnse agus nan taighean-bidhe as fhèarr air taobh siar Baile Ghlaschu agus tha thu ris an sin fhathast.

[Iain] Tha leis an fhìrinn. Tha, gu dearbh fhèin, is toigh leam deagh ghrèim bìdh fhathast.

[Ùisdean] Cha chreid mi nach robh an aon lèine agad anns an oilthigh ’s a tha ort a-nochd.

[Iain] Cha robh buileach.

[Ùisdean] Cha robh.

[Iain] Chan eil mi a’ smaoineachadh gun rachadh gin dhiubh sin faisg orra nan fheadhainn a b’ agam san oilthigh.

[Ùisdean] Cha deigheadh. Uill, còmhla ri Iain an turas seo Mòrag Stiùbhart. Bhuineadh Mòrag dhan t-saoghal sin far a bheil boireannaich a’ tighinn beò às aonais cead draibhidh. Tha i fhèin dhen bharail gur ann air sgàth ’s gun do rugadh i ann an Griomasaigh ann an Uibhist a Tuath a tha seo. Tha i mar sin nas eòlaiche air ràimh na tha i air roundabouts ged nach eil cus dhiubh sin ann an Slèite far a bheil i a-nis a’ fuireach. Tha i ag innse dhomh gu bheil i fhèin is MacIlleMhìcheil air a bhith eòlach air a chèile còrr is còig bliadhna deug thar fhichead.

[Iain] Tha gu dearbh, is bha sinn anns an oilthigh còmhla ribh.

[Ùisdean] Tòrr eòlais a th’ aice air craoladh an-diugh, ’s ann bho Iain a thog i na sgilean on a’ chiad dol-a-mach. Gu h-àraidh ma bheir tu chreidsinn air daoine gun robh fhios agad dè bha thu a’ dèanamh fiù ’s ged nach biodh sgot idir agad. Tha fàilte romhad, a Mhòraig.

[Mòrag] Tapadh leat ’s gun guth air na taighean-bìdh is taighean-seinnse.

[Ùisdean] Bha tomhas den fhìrinn againne an sin?

[Mòrag] Tha mi a’ smaoineachadh an deagh rud.

[Iain] Bha i còmhla rium an sin cuideachd.

[Ùisdean] Dìreach tomhas den fhìrinn, uill ’s e rud math a tha sin. Agus air mo làimh dheis ma-thà, Màiri-Anna NicDhòmhnaill. Tha Màiri-Anna am measg nan coimhearsnachdan agam fhèin a tha nas eòlaiche air faclan na tha cuid a chionn ‘s gu bheil sinn a-nis mòran nas sine. Tha Màiri-Anna air a bhith an-sàs ann am briathrachas cha mhòr fad a beatha, eadar a bhith ag obair aig buidheann ainmeil leithid Reuters agus dhan BhBC. Tha i bhon uair sin air a bhith ag ionnsachadh chànain agus a bhith a’ siubhal an t-saoghail. Chan eil fìrinn sam bith anns an sgeulachd gun do rugadh i agus leth-bhreac dhen fhaclair Dwelly fo h-achlais. Sin agad na Hearaich co-dhiù, a Mhàiri-Anna.

[Mary-Anne] Sin e, ach fear fo gach achlais.

[Ùisdean] Fear fo gach achlais? Uill. Còmhla ri Màiri-Anna ged-thà airson taic a chumail rithe. Tha fhios gur e a’ chiad turas a-riamh a thug Caimbeulach gu Dòmhnallach, Ailean Caimbeul. Sgitheanach à Gleann Dàil air taobh an iar an Eilein, far an robh, a rèir a’ bhàird, Iain Dubh, Dhòmhnaill nan Òran, gillean òga tapaidh, gillean a’ fàs uaireigin. An dèidh fhoghlam, bha saoghal cosnaidh Ailein air a roinn eadar margaidheachd, craoladh agus obair leasachaidh na Gàidhlig ach bidh e fhèin ag ràdh gur ann ri reic a bha e fad a bheatha gu ruige seo agus a-nochd tha e an dòchas gliocas as ùire a reic ris an sgioba a tha mu choinneimh.

[Ailean] Is tha feum aca air.

[Ùisdean] Tha feum aca air. An car a bhios san t-seann-mhaide, tha mi cinnteach nach gabh a thoirt às, Ailein. An reic thu dad idir dhaibh, a bheil thu a’ smaoineachadh?

[Ailean] Uill, tha mi an dòchas gun reic agus ’s toigh leam cuideachd a bhith an-sàs ann an leasachadh seann uidheaman mar tractors is càraichean agus sin as coireach gu bheil mi a’ faireachdainn cho cofhurtail a bhith am measg seann mhodailean an seo a-nochd.

[Ùisdean] Uill, chan eil fhios a’m nach fhaigh thu comharra airson sin, Ailean, cùm a-staigh orm is gheibh thu…

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!