FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Moladh Beinn Dòbhrain (Praise of Ben Dorain) Moladh Beinn Dòbhrain

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme 'Sheinn am Bard' Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram 'Sheinn am Bard'

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Moladh Beinn Dòbhrain

[Preasantair] Ged a tha gaol a’ nochdadh mar chuspair ann am bàrdachd gu math tric, tha sealladh eadar-dhealaichte aig gach bàrd air. Tha an dàn Moladh Beinn Dòbhrain le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir a’ sealltainn dhuinn gnè eile de ghaol.

[Fionnghall] ’S mise Fionnghall MacIlleathain ’s ’s ann à Uibhist a Tuath a tha mi. Tha mi a’ fuireach ann an Obar Dheathain san latha an-diugh. Tha mi a’ smaoineachadh gur e pìos bàrdachd a tha seo aig am bi buaidh gu bràth, ann an àm sam bith agus a' tighinn air adhart. Tha e dìreach mar a bha e ann an àm aig Donnchadh Bàn fhèin.

[Fionnghall] Fhuair mi a-mach mu dheidhinn Dhonnchaidh Bhàin an toiseach nuair a bha mi anns an sgoil agus aig an àm sin b’ fheudar dhuinn sin ionnsachadh anns an sgoil agus cha robh uiread de dhiù agam air a’ bhàrdachd aige an uair sin ann. Ach nuair a dh’fhàs mi nas sine agus bha mi a’ smaoineachadh mu dheidhinn a’ chliù a bh’ aig an duine ann an eachdraidh ’s dualchas na Gàidhealtachd chaidh mi air ais thuige. ’S ann an seo a bha mi o chionn dà bhliadhna aig mullach na beinne còmhla ri companaich agus leugh mi earrann bheag den bhàrdachd aig Donnchadh dìreach mar chuimhneachan beag air an duine.

[Leughadair] An t-urram thar gach beinn

Aig Beinn Dòbhrain;

Dè na chunnaic mi fon ghrèine,

’S i bu bhoidhche leam:

Munadh fada rèidh,

Cuilidh ’m faighte fèidh,

Soilleireachd an t-slèibhe

Bha mi sònrachadh;

This programme, Sheinn am Bàrd, was first broadcast in 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!