FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donald Morrison in conversation with Norma MacLeod Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Norma NicLeòid

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo with Norma MacLeod Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo còmhla ri Norma NicLeòid

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Norma NicLeòid

[Dòmhnall Moireasdan] Norma NicLeòid, obraiche sòisealta, stiùiriche comhairle, foillsichear agus sgrìobhadair. Norma, fàilte oirbh.

[Norma NicLeòid] Tapadh leat.

[Dòmhnall Moireasdan] Abair farsaingeachd de rudan a tha sibh air a dhèanamh nur beatha. A bheil càil gan ceangal ri chèile ann an dòigh sam bith no a bheil iad gu tur eadar-dhealaichte?

[Norma NicLeòid] Uill, tha iad gu math eadar-dhealaichte ach tha ceangal, tha mi a' creidsinn, eadar a h-uile gin aca. Gu bheil iad co-cheangailte ri coimhearsnachd, ri daoine, ri teaghlaichean, ri gluasad am measg a' chinne-daonna a' feuchainn ri bhith a' dèanamh freasgairt nas urrainn dhut agus an uair sin, tha mi a' creidsinn, a' sgrìobhadh, 's ann a-rithist mu dheidhinn teaghlaichean a tha sin, agus tha gun teagamh ceangal eatorra.

[Dòmhnall Moireasdan] Tha fhios gu bheil daoine cudromach dhuibh, dh'fheumadh iad a bhith ann an obair shòisealta.

[Norma NicLeòid] Ò tha, dè th’ ann nas cudromaiche na daoine? An cinne-daonna. Tha an cinne-daonna iongantach.

[Dòmhnall Moireasdan] Cà' na cur thu eòlas air a' chinne-daonna an toiseach ma-thà ann an Ùige ann an Leòdhas?

[Norma NicLeòid] Ann an Ùige ann an Leòdhas ann am baile beag, Loch Croistean. Far an robh an taigh againne fhèin, 's taigh muinntir Ceann Loch nan Clachan. Agus cha mhòr nach robh sinn ’s an ath-thaigh mar aon theaghlach mòr.

[Dòmhnall Moireasdan] Dè dh'fhàgadh sin? Dìreach cha b’ ann an sin a bha ur cuideachd o thùs, an ann?

[Norma NicLeòid] Uill, 's ann à sin a bha cuideachd m' athar ged as ann air Loch a’ Ghainmhich a rugadh is thogadh esan bha a cuideachd gu lèir à Ùige. Ach 's e a dh'fhàg sinn ann an siud gun robh m' athair ann an sgoil ann an Loch Croistean agus rugadh mise ann an sin agus bha mi ann gun robh mi còrr is naoi bliadhna a dh'aois.

[Dòmhnall Moireasdan] Ann an sgoil bheag ann an àite car iomallach, tha e air falbh o bhailtean eile.

[Norma NicLeòid] Bha, iomallach air falbh bho bhailtean eile, gun teagamh sam bith, bha.

[Dòmhnall Moireasdan] 'S ciamar a bha thu a' faighinn sin nuair a b' fheudar dhuibh falbh 's ghluais thu an uair sin a dh’Àirigh an Tùim. Metropolis mòr an taca ri Loch Croistean.

[Norma NicLeòid] Uill, tha tòrr dhaoine, tha fhios agad, tha iad a' smaoineachadh gun robh Loch Croistean iomallach 's bha air sgàth nach fhaicheadh tu ach aon taigh eile, ach bha sinne a' coimhead tòrr dhaoine ann, daoine às na bailtean eile - à Cairisiadair is à Geisiadair is à Lioncleit - nuair a bha daoine a' gabhail an rathaid an uair ud agus bha iad a' tadhail ann na taighean. Bha muinntir Chairisiadair is Gheisiadair a' coiseachd a-mach à Lioncleit dhan Phost Oifis a dh'fhaighinn rudan is bha sinne a' coimhead tòrr dhaoine. Ach nuair a ghluais sinne a dh’Àirigh an Tùim, bho sgoil bheag anns an robh mu dhusan leanabh gu sgoil anns an robh suas ri ceud, bha sin, bha trauma gu leòr ann an gluasad bho Loch Croistean bhon cha robh cus fios agams’ gun robh mòran a leithid eile de dh'àiteachan ann a bharrachd air Beàrnaraigh agus Loch an Abhaich, bhon b’ ann às a bha mo phàrantan.

[Dòmhnall Moireasdan] Cha robh sibh air a bhith shìos na taobhan sin a-riamh?

[Norma NicLeòid] Ò, cha robh, cha robh. Cha robh mise air a bhith sìos air na badan sin a-riamh, a-riamh agus 's ann às a bha an t-uabhas thaighean.

[Dòmhnall Moireasdan] Dè bha sin aig naoi bliadhna a dh'aois?

[Norma NicLeòid] ’S ann.

[Dòmhnall Moireasdan] An canadh sibh gur e Ùigeach a th' annaibh ma-thà no Sìarach no dè seòrsa creutair a th' annaibh?

[Norma NicLeòid] Chan eil càil a dh’fhios agams’ cò às a tha mi!

[Dòmhnall Moireasdan] À Leòdhas, tha mi a' creidsinn gum fàg sinn aig an sin e!

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2010.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!