FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Spiorad a’ Charthannais (The Spirit of Kindliness) Spiorad a’ Charthannais

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Sheinn am Bàrd Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Sheinn am Bàrd

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Spiorad a’ Charthannais

[An t-Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh] Tha Spiorad a’ Charthannais mu dheidhinn an rud a bu chòir do dhaoine a bhith a’ gabhail ris ma tha iad gu bhith nan daoine a-mach às an t-saoghal agus ma tha iad a’ dol a bhith a’ dèiligeadh ri droch chreutairean ann an dòigh iochdmhor agus ceart. Agus tha, ’S ann mu dheidhinn sin a tha e a’ tòiseachadh, ri pearsachadh ‘Spiorad a’ Charthannais’, mar spiorad ’s tha e a’ còmhradh ris ’s tha e a’ cantainn gur e spiorad maiseach a th’ ann ’s gur e spiorad ceart a th’ ann ’s gur e spiorad làidir a th’ ann agus nan gabhadh daoine ris gum biodh a h-uile càil ceart anns an t-saoghal. Ach tha e a’ cantainn gu bheil an saoghal air a chùl a chur ris, gu bheil e an uair sin air falbh às an t-saoghal ’s gum feum sinn a-nis a bhith beò anns an t-saoghal thruagh a tha seo, mar a tha e ag ràdh, gun ‘Spiorad a’ Charthannais’ gar cuideachadh.

[Preasantair] Bha Iain Mac a’ Ghobhainn, no Seonaidh Phàdraig, beò rè àm caochlaideach air a’ Ghàidhealtachd. Bha uachdaran ùr’ air nochdadh a bha a’ cur prothaid air thoiseach air daoine agus bha fiù ’s pàirt den eaglais, na bheachd-san, air fàs cumhang, cruaidh le diadhghairean le miann a’ chòmhstri theann.

[Chrisma Bould] Bha leabhar agam aig an taigh ... tha Bàrdachd Leòdhais agam agus ’s e leabhar a bh’ aig m’ athair a bh’ ann. Nuair a thòisich mis’ air ais a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig a-rithist bha daoine a’ toirt leabhraichean dhomh agus sin aon de na leabhraichean a thàinig thugam agus tha Iain Mac a’ Ghobhainn an sin, Spiorad a’ Charthannais an sin.

[Chrisma Bould] ’S mise Chrisma Bould. Tha mi a’ fuireach ann an Dùn Èideann agus bidh mi a’ toirt seachad clasaichean Gàidhlig. Bidh mi a’ teagaisg Gàidhlig do dh’inbhich. Tha e follaiseach gu bheil beachdan làidir, làidir aig an duine ged a bha e gu math òg nuair a sgrìobh e seo. Bha e anns na ficheadan.

Chaidh am prògram seo, Sheinn am Bàrd, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!