FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Chrissie Lawson in conversation with Donald Morrison Criosaidh Lawson a’ còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Criosaidh Lawson a’ còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan

[Dòmhnall Moireasdan] Criosaidh Lawson, Criosaidh Mhurchaidh Iain Alasdair Bhàin à Seiseadair. Nurs uaireigin ach fad iomadh bliadhna sloinntearair còmhla ris an duine aice, Bill Lawson, anns na Hearadh. Fàilte oirbh, a Chriosaidh.

[Criosaidh Lawson] Tapadh leat.

[Dòmhnall Moireasdan] Nise, thug mi a-mach an sloinneadh agaibh an siud oir tha cò sibh agus an sloinneadh agaibh garbh cudromach dhuibh, tha fhios.

[Criosaidh Lawson] Tha, tha gu dearbha. Nuair a chluinneas tu an-diugh cuideigin eile ga ràdh saoilidh tu gu bheil e cho neònach anns an latha a th’ ann an-diugh ach ’s e, tha thu ceart.

[Dòmhnall Moireasdan] Agus thèid sibhse tòrr nas fhaide air ais na siud, tha fhios, nur sinnsearachd fhèin.

[Criosaidh Lawson] Thèid, gu h-àraidh le na Bànaich a bha sin. Bha iad, mar a bhiodh mo mhàthair ag ràdh, “bha iad anns an Rùbha bho a-riamh”, as bith dè bha sin a’ ciallachadh. Thèid mi air ais gu sia ceud deug ceithir fichead agus a deich.

[Dòmhnall Moireasdan] An tèid gu dearbha?

[Criosaidh Lawson] Mm-hum. Ann an Gallaibh. Chan ann ann an Leòdhas, ach thàinig mo shinn-shinn-seanmhair, thàinig i a-nall à Gallaibh agus tha, phòs i fear ann an Seiseadair. Tha mi a’ creids’ gur ann air taobh an iasgaich a choinnich iad agus sin an, tha mi a’ smaoineachadh, gur e sin cho fad air ais ’s as urrainn dhut a dhol. Agus ’s urrainn dhut sin a dhèanamh ann an clàran ann an Gallaibh, ach chan eil na clàran sin againn, gu mì-fhortanach, ann an Leòdhas ach dheigheadh mo mhàthair, bha mo mhàthair garbh math air sloinntearachd agus a bhith ag innse dhuinn a h-uile càil a bha sin.

[Dòmhnall Moireasdan] Ach ged abhiodh , ’s iomadh màthair ’s seanmhair ’s sinn-seanmhair a rinn sin, ach thog sibhse ùidh ann. Ciamar a thàinig an ùidh sin?

[Criosaidh Lawson] Uill ’s e rud, cha robh càil a mhothachadh agam dheth ach, fhios agad, bha daoine a-riamh air ais ’s air adhart as an taigh againn a’ faighneachd dhi mu dheidhinn sloinntearachd ’s mu na teaghlaichean aca fhèin agus ge b’ oil leat bha tòrr dheth, fhios agad, a’ dol a-steach agus bha thu a’ cùimhneachadh air. Chanainn-sa gur ann ann an eachdraidh nan eilean a bha barrachd de dh’ùidh agam na bh’ agam ann an sloinntearachd ach an-diugh air sgàth an obair a tha sinn a’ dèanamh chan urrainn dhut sgaradh a dhèanamh eadar an dà rud. Ma tha thu a’ dèanamh sloinntearachd tha eachdraidh choimhearsnachd agad cuideachd.

[Dòmhnall Moireasdan] Agus tha an ceangal sin gu mòr le ... gu h-àraidh Canada, tha mi a’ smaointinn, nach eil, ceangal teaghlaich?

[Criosaidh Lawson] Tha.

[Dòmhnall Moireasdan] ... taobh an teaghlaich?

[Criosaidh Lawson] Tha Canada dhomhsa ann an iomadach dòigh air sgàth an teaghlaich, teaghlach mo mhàthar agus teaghlach m’ athar, ach gu h-àraidh teaghlach mo mhàthar. Chaidh iad a-nall ann an sin, a bràithrean ’s aon phiuthar dhi agus bha sianar de a bràithrean thall ann an Canada aig aon àm agus aon duine aca, chaidh e a-nall air a’ Mhetagama ach thill e agus thug e timcheall air dà bhliadhna dheug ann an Canada ’s bha e a’ fuireach còmhla rinne fad a bheatha ’s mar sin bha mi a’ cluinntinn mu dheidhinn Canada fad na tìde.

[Dòmhnall Moireasdan] Bhiodh e man ath-bhaile ann an dòigh.

[Criosaidh Lawson] Uill bha fhios a’m air tòrr na b’ fheàrr na bha fhios a’m air taobh siar Leòdhais.

[Dòmhnall Moireasdan] Dha-rìribh?

[Criosaidh Lawson] Uill cha robh mise a-riamh air taobh siar Leòdhais gus an robh mi, tha mi a’ creidsinn gun robh mi còrr air fichead nuair a fhuair mi fhìn càr. Cha robh adhbhar agam a dhol ann. Bha mi a’ dol dhan sgoil ann an Steòrnabhagh agus bha càirdean againn ann an Tunga ’s bha càirdean againn air taobh a-muigh Steòrnabhaigh agus dheigheadh tu an sin ’s dòcha aon turas as t-samhradh. Ach bha fhios a’m air Canada bho litrichean ’s bho dìreach daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn.

[Dòmhnall Moireasdan] Uill tha sibh air ur beatha a dhèanamh ga rannsachadh ’s tillidh sinn thuige, a Chriosaidh, ach ron sin, an dèidh na sgoile, chaidh sibh a nursadh ...

[Criosaidh Lawson] Chaidh.

[Dòmhnall Moireasdan] ... ann an Glaschu.

[Criosaidh Lawson] Uill bha ùidh agam a-riamh ann agus tha mise a’ smaoineachadh gun do thòisich e le rud cho suarach ri bhith a’ coimhead, fhios agad, na banaltraman a bhiodh a’ tighinn timcheall ’s iad air an sgeadachadh cho àlainn ’s bha thu a’ toirt aire dha na daoine sin agus nuair a bha mi nam nighinn bhig bha mi a-riamh ag iarraidh a bhith nam bhanaltram agus rinn mi sin nuair a dh’fhàg mi an sgoil agus thàinig mi a-mach a Ghlaschu agus rinn mi timcheall air ceithir, còig bliadhna a-muigh ann an seo agus chòrd sin gu mòr rium. Bha e dìreach ... ’S e a’ chiad turas a dh’fhàg mise an taigh a-riamh, a dh’fhàg mi an t-eilean a bu chòir dhomh a ràdh, nuair a thàinig mi a-mach a Ghlaschu ’s cha dìochuimhnich mi gu bràth. Chaidh mi a-mach dhan Ospadal Rìoghail ann an Glaschu agus nuair a thàinig sinn suas chun an ospadail bha e fair dhòmhsa man dealbh a bh’ agam air Prìosan Barlinnie.

[Dòmhnall Moireasdan] Seadh?

[Criosaidh Lawson] Bha e gu math mòr na mo bheatha fhad ’s a bha mi ri obair ann ... anns an Ospadal Rìoghail airson bhiodh sinn a’ faighinn gu leòr dhaoine a-steach às an sin ...

[Dòmhnall Moireasdan] Prìosanaich?

[Criosaidh Lawson] Bha e dìreach fear man phrìosan nuair a sheall mise suas ris an togalach mhòr a bha sin ach chòrd e rium.

[Dòmhnall Moireasdan] Cha do dh’fhuirich sibh, cha do dh’fhuirich sibh a’ nursadh. Bha sibh ann an Glaschu greis agus thill sibh a Leòdhas a’ nursadh an uair sin.

[Criosaidh Lawson] Thill.

[Dòmhnall Moireasdan] Ach cha do lean e.

[Criosaidh Lawson] Uill cha b’ e an aon seòrsa rud a bh’ ann. Fhios agad, bha am baile mòr cho tarraingeach,

[Dòmhnall Moireasdan] Carson a thill sibh dhachaigh?

[Criosaidh Lawson] An seòrsa obrach, eil fhios agad, airson innse na fìrinn, chan eil càil a dh’fhios agam ach dìreach bha e a-riamh na mo rùn gun deighinn a-nall a rìoghachdan eile agus bha ùidh agam a dhol a dh’Afraga, an creidseadh tu, aig an àm sin.

[Dòmhnall Moireasdan] Agus an deach sibh a-riamh?

[Criosaidh Lawson] Uill cha deach mi ann a-riamh! Agus saoilidh mi gur e, bhiodh m’ athair, chuir m’ athair seachad còig bliadhna den dàrna chogadh thall taobh a’ Mhediterranean ’s bhiodh iad a’ dol sìos gu ceann a deas Afraga ’s bha mi a’ cluinntinn an uiread mu dheidhinn. ’S bha caraid agam cuideachd a bha, a dh’fhàs suas còmhla rium ’s bha a h-athair ann an Afraga. ’S dòcha gur e sin an tarraing a bh’ ann. Agus chaidh mise air ais a Leòdhas. Tha mi a’ smaoineachadh an diofar a bh’ ann an sin ’s e nuair a thigeadh tu dhan bhaile mhòr, nuair a thigeadh tu a-mach airson foghlam bha cothrom agad a dhol air ais an uair sin. Bha fhios agad gun robh obair gu bhith ann. An-diugh chan eil e cho furasta sin idir. Nuair a dh’fhalbhas an òigridh, gu mì-fhortanach, às na h-eileanan chan eil uiread de chothroman agad tilleadh ach bha againne.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2010.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!