FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Geamhradh (The Winter) by Douglas Buchannan An Geamhradh le Dùghall Bochanan

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Sheinn am Bàrd Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Sheinn am Bàrd

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

An Geamhradh le Dùghall Bochanan

[Preasantair] Bha dol-a-mach mac-an-duine na chuspair do bhàird san ochdamh linn deug cuideachd. Anns A’ Gheamhradh ’s e teachdaireachd Chrìosdachd gu h-àraidh a tha fa-near do Dhùghall Bochanan.

[Preasantair] Rinn mòran de bhàird na h-ochdamh linn deug òrain mu na ràithean ach tha An Geamhradh eadar-dhealaichte. Tha teachdaireachd na chois. ’S e sin gum feum mac-an-duine tionndadh gu Dia mus bi e ro fhadalach.

[Leughadair] Nis theirig an samhradh’,

’S tha ’n geamhradh teachd dlùth oirnn,

Fìor nàmhaid na chinneas,

Teachd a mhilleadh ar dùthcha,

Ga saltairt fo chasaibh

’S da maise ga rùsgadh;

Gun iochd ann ri dadam,

Ach a’ sladadh ’s a’ plunndrainn.

[An t-Oll. Urr. Ruairidh MacLeòid] Nuair a tha thu a’ tòiseachadh a leughadh a’ phìos bhàrdachd seo chanadh tu gur e dìreach òran a th’ ann mun gheamhradh. A’ chiad sia no ochd ranna, tha mi a’ smaoineachadh, ’s ann dìreach ag innse mu na rudan a bha a’ tachairt anns a’ gheamhradh, mar a bha sneachd a’ tighinn ’s reòthadh ’s rudan a’ searg.

[Leughadair] Sgaoil oirnne a sgiathan,

’S chuir e ghrian air a chùlaibh,

Às an nead thug e ’n t-àlach,

Neo-bhàidheil gar sgiùrsadh;

Sneachd iteagach glè-gheal

O na speuraibh teachd dlùth oirnn,

clacha-meallainn ’s gaoth thuathach,

Mar luaidhe ’s mar fhùdar.

[An t-Oll. Urr. Ruairidh MacLeòid] Ach an uair sin tha e a’ tionndadh anns a’ mhionaid agus tha facal aige ri seann daoine agus tha e ag ràdh seo mar a tha beatha duine – tha an geamhradh a’ tighinn ’s feumaidh tu ullachadh a dhèanamh.

[Leughadair] Ach èist rium, a sheann duin’,

’S tuig an samhla tha ’m stòiridh:

Tha ’m bàs a’ teachd teann ort –

Siud an geamhradh tha ’m òran;

’S ma gheibh e thu ad leisgean,

Gun deasach’ fa chòmhdail,

Cha dèan aithreachas crìche

Do dhìonadh on dòrainn.

An aois ata ’n tòir ort,

Bheir i leòn ort nach saoil thu:

Air do shùilibh bheir ceathach

Is treabhaidh i d’ aodann;

Bheir i crith-reoth’ mud ghruaig

Is neul uaine an aoig leis,

’S cha tig aiteamh na grian ort

Bheir an liath-reoth’ a-chaoidh dhìot.

Chaidh am prògram seo, Sheinn am Bàrd, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!