FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Clothing Aodach

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme 'Beul-chainnt' Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram 'Beul-chainnt'

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Aodach

[Eilidh NicLeòid] Uill, ‘s e fìor roghainn dhan chuid as miosa a bha siud agus mar a tha seanfhacal ag ràdh mo chùl ris an luideig, 's e an duine an t-Aodaich.

[Eilidh NicLeòid] Agus nach eil sin fìor, shiùbhlainn fada is farsaing airson Aodaich ceart. Chan eil mi idir riaraichte gabhail ris a’ chiad phiullag a thachras rium ann am bùth, mar a chanadh mo mhàthair, ‘s fheàrr a bhith a dhìth a’ chin na bhith a dhìth an fhasain. Ach canaidh cuid, fàgaidh sìod, is sròl, is sgàrlaid gun teine, gun tuar an fhàrdaich.

[Eilidh NicLeòid] Is ge bith dè fasan a th’ ann aig an àm tha sinn airson a dhol leis, seall Aodaich lin mo sheanmhar, cha b’ e a-mhàin Aodaich obrach a bh’ aca ach aodaich ceart a bha tric air a dhèanamh le sìoda.

[Eilidh NicLeòid] Am ball-aodaich spaideil a th’ againne an seo, am mìnich sibh beagan mu dheidhinn?

[Mòr NicLeòid nach maireann] Uill, am ball-aodaich a tha seo, chaidh a dhèanamh ann an naoi ceud deug agus a trì-deug agus ‘s e sìoda a th’ ann. Agus chì sibh fhèin cho brèagha ‘s a tha e air a dhèanamh, ‘s e seo a’ mhuinchill, ‘s e seo a-nis am bann-dùirn agus chì sibh leithid fuaigheal suas ann an seo air a’ bhann-dùirn.

[Eilidh NicLeòid] Tha tòrr obrach ann an sin, a Mhòir?

[Mòr NicLeòid] Mòran obrach, chì sibh fhèin na tha de dh’ fhuaigheal ann an sin agus tha e air gach tè agus an aon seòrsa air a’ bhroilleach.

[Eilidh NicLeòid] An seàla a tha seo cuideachd feumaidh gun tug e deagh ghreis seo a dhèanamh cuideachd.

[Mòr NicLeòid] Uill, cha b’ ann às an Eilean a bha seo a chaidh sin a dhèanamh idir, bhiodh sin air a cheannach mar a tha e ann an seo. Agus bhiodh iad ga chleachdadh airson a bhith a’ dol gu banais no rud den t-seòrsa, cha robh e air a chleachdadh nan obair làitheil idir.

[Eilidh NicLeòid] An e seàla a bh’ agaibhse air ge-ta?

[Mòr NicLeòid] A’ phleata.

[Eilidh NicLeòid] Ò, phleatan.

[Mòr NicLeòid] A’ phleatan bheag a chanadh sinn ris an seo, ‘s e. Agus bha e mar gum biodh air a ghleidheadh airson an aodaich a b’ fhèarr a bh’ aca.

[Eilidh NicLeòid] Bainnsean is a’ dol dhan eaglais.

[Mòr NicLeòid] Seadh rudan den t-seòrsa sin, ‘s ann airson sin a bha e. Cha bhiodh e aca gu làitheil ga chleachdadh idir.

[Mòr NicLeòid] ‘S e Aodaich-obraiche a bha anns an sgiorta a tha seo. Chuireadh iad còta drògaid ris. Agus cha robhas ga chleachdadh ach airson a bhith ag obair a-muigh mar bu trice.

[Eilidh NicLeòid] Mar sin dheth, cha bhi am blobhsa agus an sgiorta a’ dol còmhla?

[Mòr NicLeòid] Ò cha robh, cha robh, cha robh, cha robh, cha robh.

[Eilidh NicLeòid] Thuirt sibh drògaid, ‘s e facal annasach a tha sin, co às a tha sin?

[Mòr NicLeòid] ‘S e sin ainm a bh’ air an Aodaich leis an robh e air a dhèanamh agus ‘s e measgachadh de chlòimh agus de lìon a bha san Aodaich.

Chaidh am prògram seo, Beul Chainnt, a chraoladh an toiseach ann an 2002.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!