FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donald Morrison in conversation with Lachie MacLeod Lachie MacLeòid a’ còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Lachie MacLeòid a’ còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan

[Dòmhnall Moireasdan] Lachie MacLeòid, MBE, poileasman uair aig an robh saoghal agus an-diugh stiùiriche carthannais. Fàilte oirbh, Lachie. Tha mi a’ creidsinn gun do dh’fhàs sibh ainmeil airson a bhith a’ dol mun chuairt le tractar a’ cruinneachadh airgead do Romania. Ann an dòigh, tha mi a’ creidsinn gur ann airson a bhith a’ falbh air an tractar a fhuair sibh am MBE. Ann an?

[Lachie MacLeòid] Dòcha gur ann. À, chan eil mi a’ smaoineachadh gur e ge-tà. Fhuair mi am MBE ron sin. Ach, dh’fhàs mi gu math eòlach air daoine nuair a bha mi a’ siubhal anns an tractar, ceart gu leòr.

[Dòmhnall Moireasdan] Uill, ’s e b “Ball dhan Ìmpireachd”, “Ball do dh’Ìmpireachd Bhreatainn” a tha MBE a’ ciallachadh ach chaidh sin a thoirt do dhuine a thàinig à oisean gu math iomallach dhan ìmpireachd – Eilean Sgalpaigh. Chan e fiu ’s Sgalpaigh na Hearadh air a bheil iad eòlach thall ’s a-bhos, ach Scalpaigh eile.

[Lachie MacLeòid] ’S e gu dearbh. Tha Scalpaigh an Eilein Sgitheanaich, mar a chanar . Eilean beag air taobh an ear dhen Eilean Sgitheanach air ceann a deas Ratharsair, ach cha robh ann ach eilean beag ach chaidh a’ chuid a b’ fheàrr dhe mo bheatha, tha mi a’ smaoineachadh, chuir mi seachad sin ann an Scalpaigh.

[Dòmhnall Moireasdan] Dè seòrsa àite a bh’ ann, a Lachie, cha robh mòran a’ fuireach ann?

[Lachie MacLeòid] Cha robh. Glè bheag a bha a’ fuireach ann. Cha robh ann ach nuair a bha sinne ann ach teaghlach eile greiseag bheag air an eilean agus bha an tuathanas air a chur a-mach air mal aig Roddy Coineagan a bha à Eilean Scalpaigh na Hearadh.

[Dòmhnall Moireasdan] Agus cha robh fiù ’s tidsearan agaibh mar a b’ aithne dhan chuid mhòr anns na sgoiltean, mar a b’ aithne dhan a’ chuid-mhòr e.

[Lachie MacLeòid] Cha robh tidsearan againn idir., Cha robh againn ach nigheanan òga a thàinig airson beagan cuideachadh a thoirt dhuinn anns an sgoil. Bha sgoil ann, mar gun canadh tu, bha sinn a’ dol ann mar theaghlach. Cha robh duine sam bith eile a’ dol dhan sgoil ann còmhla rinn ach sinn fhèin.

[Dòmhnall Moireasdan] Ach an uair sin…

[Lachie MacLeòid] Chaidh sinn…

[Dòmhnall Moireasdan] …dhan t-saoghal mhòr, chaidh sibh a Phort Rìgh.

[Lachie MacLeòid] Uill, chaidh mi ’n dhan t-saoghal mhòr, chaidh mi a Bhreacais an toiseach far an do rugadh mi agus an uair sin chaidh mi a-null a Shlèite. Bha sinn an sin airson greis agus an uair sin Sgoil Phort Rìgh.

[Dòmhnall Moireasdan] Agus às an sin, air falbh gu tìr-mòr. An sàs ann an einnseanaireachd, an e sin an seòrsa roghainn fhèin de dhreuchd an toiseach?

[Lachie MacLeòid] Sin a’d a’ chiad, cha chanainn gur e sin a bha mi airson a dhèanamh o thùs. Bha mi airson a bhith air a’ phoileis o thùs ach bha gnothaichean gu math duilich an uair sin. Bha mi a’ cleachdadh speuclairean agus thagh mi an einnseanaireadh an àite sin.

[Dòmhnall Moireasdan] Carson? Nach gabhadh iad idir ri daoine le speuclairean?

[Lachie MacLeòid] Cha ghabhadh aig an àm nuair a bha mise airson a dhol ann, nuair a dh’fhàg mise an sgoil, cha robh iad a’ gabhail ri duine sam bith le speuclairean.

[Dòmhnall Moireasdan] Neònach gum faodadh tu einnseanaireachd a dhèanamh le dìth-fradhairc ach nach fhaodadh a bhith a-mach air a’ bheat, nach eil?

[Lachie MacLeòid] Uill, chan e sin an seòrsa. Bha am fradharc agam math gu leòr airson a bhith a’ dèanamh rudan a bha dlùth. ’S e rudan a bha fad às a bha duilich dhomh.

[Dòmhnall Moireasdan] Uill, chaidh sibh air a’ phoileas an ceann sreath. Ach einnseanaireachd an toiseach agus chaidh sibh dhan oilthigh a dhèanamh einnseanaireachd cuideachd?

[Lachie MacLeòid] Chaidh, chuir mi, rinn mi ciùird an toiseach ann an einnseanaireachd agus chaidh mi dhan oilthigh airson bliadhna. Bha mi ann bliadhna.

[Dòmhnall Moireasdan] Bliadhna?

[Lachie MacLeòid] Bliadhna. Dh’fhàg mi sin ’s chaidh mi dhachaigh airson làithean-saora agus dh’fhaodadh tu cantail gur e drop-out a bh’ annam. Dh’fhàg mi an oilthigh. Bha mi ag obair aig an taigh greiseag air na busaichean aig MacBrayne.

[Dòmhnall Moireasdan] Carson Lachie, dè bha ceàrr air an oilthigh? Na chòrd e ribh idir?

[Lachie MacLeòid] Cha do chòrd an oilthigh rium. Chòrd an obair einnseanaireachd rium math gu leòr ach cha robh mi gam fhaicinn fhèin ag obair air cùl deasc ag obair le pàipear. Cha robh mi a’ faicinn gum bithinn a’ dèanamh sin fad mo bheatha. Bha mi fada na bu toilichte ag obair a-muigh.

[Dòmhnall Moireasdan] Mar sin, ged a chaidh sibh dhan oilthigh, fhuair Lachie am MBE air a’ cheann thall, cha d’ fhuair e BSc riamh, ach lean sibh le einnseanaireachd.

[Lachie MacLeòid] Lean, bha mi an lùib BSc airson sin fhèin ach lean mi einnseanaireachd airson greiseag ach thàinig atharrachadh mòr nam inntinn an uair sin mu dè bhithinn airson a dhèanamh.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2010.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!