FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New Gaelic words Faclan ùra Gàidhlig

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Faclan ùra Gàidhlig

[Ùisdean] A’ chiad fhacal ma-thà.

[Iain] Cà’ bheil e?

[Ùisdean] “Bàr-innealan”. Aiseag Bheàrnaraigh.

[Màiri Anna] Chan e. Chan eil gnothaich aig “bàr-innealan” riamh le aiseag Bheàrnaraigh. Tha na h-innealan acasan nas fheàrr…

[Ùisdean] ’S dòcha gu bheil.

[Màiri Anna] ... nas fheàrr na sineach.

[Ùisdean] Greas ort. Greas ort.

[Màiri Anna] Innealan a gheibh thu ann an taigh-seinnse airson a bhith a’ slaodadh pinnt.

[Iain] Ò tha sin math.

[Ùisdean] Uill tha mi a’ smaoineachadh gum b’ fhiach do Mhàiri Anna comharra. Tha sin math. Comharra do Mhàiri Anna. Ach chun taobh eile.

[Iain] “Bàr-innealan”.

[Ùisdean] “Bàr-innealan”.

[Iain] Chan eil.

[Ùisdean] Greas ort.

[Iain] Uill.

[Neen] Stethoscope.

[Ùisdean] Stethoscope.

[Iain] An e rud den t-seòrsa sin...?

[Ùisdean] Stethoscope.

[Iain] Rud a chleachdadh dotair?

[Ùisdean] Chan e.

[Neen] Rud a bhiodh sinn a’ cleachdadh

[Ùisdean] “Toolbar”. “Toolbar” air coimpiutair.

[Iain] “Toolbar”?

[Ùisdean] Air coimpiutair.

[Neen] Thalla!

[Màiri Anna] Ist!

[Iain] Ge bith cò chruthaich am facal sin, tha còir aca a bhith sa phrìosan.

[Ùisdean] A bheil?

[Màiri Anna] Aig a’ char as lugha.

[Ùisdean] Fàgaidh sinn sin far a bheil e co-dhiù ach an dàrna facal. Seo an dàrna facal agaibh. Làimh air na jackenfilisters a-nis. “Dàmais”. A Mhàiri Anna, tha thu math air.

[Màiri Anna] Tha e a’ dèanamh dàmais mhòr orms’ a bhith ag èisteachd leatsa ag ràdh jackenfilisters.

[Ùisdean] Chan e. Feumaidh mi a thoirt dhan taobh eile.

[Iain] “Dàmais”, an e meas a th’ ann?

[Ùisdean] Chan e. “Draughtboard”.

[Iain] “Draughtsboard”.

[Màiri Anna] Airson a bhith a’ cluich tàileasg?

[Ùisdean] An gèam draughts.

[Màiri Anna] Bòrd tàileisg.

[Ùisdean] Feuchaidh sinn an treas facal. Am facal mu dheireadh. Tha dìreach diogan againn airson aonan eile. “Atmhorachd”. Ò a Mhàiri Anna, tha thu dìreach na do lasair air seo.

[Màiri Anna] Am faod mi a ràdh? Ò chan fhaod mi a ràdh sa Bheurla.

[Tormod] A bheil thu a’ dol ga sheinn?

[Màiri Anna] Chan eil mi a’ dol ga sheinn. Mar gum biodh luach an airgid a’ dol nas lugha …

[Neen] Ò ’s e.

[Màiri Anna] … agus tu a’ pàigheadh barrachd air rud. A bheil thu ag iarraidh am facal Beurla?

[Ùisdean] Faodaidh tu sin. Tha na h-uimhir de Bheurla agam. Tuigidh mi thu.

[Màiri Anna] An tuig gu cinnteach? An rud a tha air at, “inflation”.

[Ùisdean] “Inflation”.

[Iain] Dìreach!

[Ùisdean] Chan e An Ataireachd Àrd a bh’ ann. Tha thu a’ dol a dh’fhaighinn comharra.

[Tormod] Uill nan seinneadh i An Ataireachd Àrd, ’s dòcha gum faigheadh i puing eile.

[Ùisdean] Tha eagal… Chan eil.

[Màiri Anna] Gheibh thu comharra ma sguireas tu ag ràdh jackenfilisters.

[Ùisdean] “Inflation” agus bha sin aig Màiri Anna.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!