FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The fur trade Obair nam bian

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Obair nam bian

[Dòmhnall] Gu deas bha na Stàitean Ùra Aonaichte air sgìre Ohio, fìor chudromach do dh'obair nam bian, a dhùnadh air ceannaichean cèin. Dh’fheumadh ceannaichean Montreal, 's iad a-nis air an casg anns na sgìrean a bu dlùth dhaibh , aghaidh a chur air ceàrnaidhean fada shuas anns an iar-thuath. Ach bha iad sin mìle mìle à Montreal. Cha deigheadh ceannaiche sam bith ann ‘s air ais ann an aon sèisean samhraidh. Mar sin stèidhich an North West Company Fort William mar cheum air an t-slighe.

[Dòmhnall] Bha Fort William na b’ fhaide à Montreal na tha Inbhir Nis air Mosgo aig cridhe obair nam bian.

[Dòmhnall] Bhiodh am bian a' tighinn an seo à stèiseanan beaga air an taobh siar, cuid aca cho fada à Fort William 's a bha Fort William fhèin à Montreal.

[Dòmhnall] Bhiodh na ceannaichean a' cur seachad a' gheamhraidh anns na stèiseanan iomallach thall 's a' tilleadh a-nuas na h-aibhnichean uair anns a' bhliadhna leis na bèin agus a’ togail tuilleadh bathair leis am pàigheadh iad na tùsanaich.

[Dòmhnall] Bha aon rud aig an North West Company a bharrachd air muinntir Hudson's Bay - bàtaichean na b' fheàrr. Seo rud ris an can iad "York boat", am bàta a bhiodh aig ceannaichean Hudson's Bay aig York Factory agus air na h-aibhnichean a-steach air feadh na dùthcha. Tha e gu math coltach ris an sgoth air a bheil sinn eòlach. 'S ann à Arcaibh a thàinig dealbh a' bhàta còmhla ris na ceudan de dh'fhir Arcaibh a bhiodh an Hudson's Bay Company a' toirt a-mach a dh'obair dhaibh gach bliadhna. Ach eadhan ged a tha i math , cha robh York boat uabhasach freagarrach airson aibhnichean Chanada. Tha i trom, tha i doirbh a làimhseachadh, agus gu math doirbh a giùlain eadar na h-aibhnichean.

[Dòmhnall] 'S e curach fiodha a bhiodh aig an North West Company. 'S e na tùsanaich a rinn an toiseach i le measgachadh de rùsg, sùgh agus freumhaichean na craoibhe. Tha i làidir agus cho aotrom ri ite, 's thug i cothrom dhan North West Company nach robh aig an tè eile.

[Dòmhnall] Tha curach an North West Company cuideachd na samhla air diofar chultaran ag obrachadh còmhla, gach pàirt den cho-bhanntachd an urra gu ìre bheag no mhòr air choreigin ris an fhear eile. Na tùsanaich, an luchd-iùil, agus sealgair a' bhiobhair. Nuair a bha An seann Fhrangach anns na curachan le Gàidheil os an cionn 's os an cionn-san Gàidheil a-rithist anns a' mhòr-chuid am measg nan urrachan mòra.

[Fionnlagh MacLeòid] Tha an North West Company mar eisimpleir air mar a tha sgiobaidhean Gàidheil air a bhith a' tighinn còmhla 's cuiridh e annas oirnn uaireannan a' smaoineachadh gun robh uimhir de Ghàidheil ann. Agus ’s e tè a bh’ innte a bha, ’s e companaidh a bh’ innte a bha Gàidhealach. Bha daoine uaireannan ann an càirdeas dha chèile, bha iad eòlach air a chèile agus ma bha thu òg, ma bha thu comasach bha thu a’ dol a dh’fhaighinn obair , bha daoine a’ dol a dh’aithneachadh sin.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!