FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Raising the Jacobite banner and the yellow stick A’ togail bratach nan Seumasach agus am maide buidhe

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

A’ togail bratach nan Seumasach agus am maide buidhe

[Dòmhnall] Fad trì fichead bliadhna ’s còrr bha na mìltean thar mhìltean Ghàidheil a’ cur cùl ri an dachaigh ’s a’ toirt cladach an taobh sear Chanada orra. Ann an eachdraidh thoinnte nan eilthireach sin gheibh sinn eisimpleir air a h-uile seòrsa adhbhair a bha a’ toirt air daoine agus air coimhearsnachdan slàn cùl a chur an tr fhèin

[Dòmhnall] Latha fliuch foghair tha mi air mo shlighe sìos Loch Seile.

[Dòmhnall] Bha an dùthaich àlainn-sa na pàirt de dh’oighreachd mhòr Chlann Raghnaill. Cha robh mòran dhaoine a sheas còirichean a’ Phrionnsa Theàrlach Eideart Stiùbhairt coltach ris an t-sluagh a bha a’ fuireach an seo. ’S ann air Loch Seile a thog e bratach nan Seumasach ’s a chruinnich na cinnidhean a bha a’ dol a dh’fheuchainn ri crùn Bhreatainn a shaoradh dha.

[Dòmhnall] Letheach sìos an loch tha seann tac Ghlinnaladail. B’ iad seo na fearainn aig Alasdair Dòmhnallach, fear de na ciad fheadhainn a sheas còirichean a’ Phrionnsa. Ann an seachd deug trì fichead ’s a deich ’s ann aig a mhac Iain a bha an tac agus an tiotal “Fear a’ Ghlinne”. Cha robh mòran cho àrd inbhe ris air Oighreachd Chlann Raghnaill.

[Dòmhnall] Bha Fear a’ Ghlinne na dhuine rudeigin àrdanach, pròiseil. Fhuair e foghlam ann an Colaiste Chaitligeach Ratisbon anns a’ Ghearmailt, ach coltach ri iomadach duine eile dha na fir-taca cha robh nòs ùr coimeirsealta a bha a-nise a’ sguabadh tron Ghàidhealtachd a’ tighinn air agus, a-rithist coltach ri gu leòr eile, bha e a’ tòiseachadh a beachdachadh air coimhearsnachd ùr a stèidheachadh thall thairis, ach do Ghleannaladail bha adhbhar eile ga ghluasad – creideamh.

[Dòmhnall] Tha Uibhist a Deas a cheart cho Caitligeach an-diugh ’s a bha e ann an latha Fear a’ Ghlinne fhèin, mar a tha e air a bhith fad linntean.

[Dòmhnall] Tha an tobhta-sa a’ tuiteam gu làr a-nise ach tha a pàirt fhèin aice ann an eachdraidh Uibhist. ’S e taigh còmhnaidh a bh’ innte aig aon àm ach fada ron sin bha i na taigh pobaill aig an eaglais.

[Dòmhnall] Aon mhadainn Dòmhnaich ann an seachd deug trì fichead ’s a naoi thàinig Cailean Dòmhnallach, Fear Bhaghasdail, dhan eaglais an seo, ach cha tug e fada anns an adhradh an latha a bha siud. Chronaich an sagart, a bha air ùr-thighinn à Èirinn, e ’s chuir e a-mach às an eaglais e. ’S e deasbad a bh’ innte a bha a’ dol a thoirt buaidh mhòr air eachdraidh nan daoine.

[Dòmhnall] Seo an rud a bha air cùl na connspaid – ceilp. Bha i a’ dol gu gnìomhachasan a’ chinn a deis ’s bha Fear Bhaghasdail ’s na h-uachdarain a’ dèanamh glè mhath aiste. Tha iad fhathast ri beagan ceilp ann an Uibhist.

[Eairdsidh Currie] Obair gu math trom, gu math trom air an druim.

[Dòmhnall] Dè cho tric ’s a bhiodh sibh a’ gearradh no dè cho fada dhan latha ’s a bhiodh sibh a’gearradh?

[Eairdsidh Currie] Tha còig uairean an uaireadair, seo cho fada ‘s a tha an tràigh ann , … fhad ’s a bhios … fhad ’s a tha an làn a-muigh. Agus … Ach tha ùine mhòr an sàs innte. Tha agad ri ròpa a chur oirre an-dràsta, mun cuairt, tha thu a’ cur ròpa oirre agus uaireadair a’ tarraing, co-dhiù mas e deagh shìde a th’ ann bidh thu air astar fhada.

[Dòmhnall] Bha Fear Bhaghasdail a’ cumail nan daoine ri obair na ceilp bho mhoch gu dubh. Cha robh e idir a’ còrdadh ris mar a bha daoine a’ gabhail làithean fèill na h-eaglaise dheth. Nuair a thàinig seachdain Fèill Mhìcheil dh’fheuch e ri an cumail ag obair.

[Dòmhnall] Bha e cho àrdanach mòr às fhèin ’s nach robh diù aige de theagaisgean na h-eaglaise, a bha ag àithneadh do dhaoine fois a ghabhail. Chuir e de dh’fearg air an t-sagart ’s gun do chuir e às an eaglais e.

[Dòmhnall] Bha Fear Bhaghasdail a-nise air a chur thuige ceart. D’ àithn e gun tigeadh duine sam bith dhan t-sluagh nach gabhadh dhan eaglais Phròstanaich gun dàil a chur às na fearainn.

[Niall MacGilleMhaoil] Tha e coltach air an Didòmhnaich nuair a bhiodh iad a’ dol dhan eaglais, bhiodh e a’ tachairt orra ’s bha cabar de mhaide - bha maide mòr, buidhe aige – agus e ga bhualadh feuch an tilleadh iad. Sin agad mar a thàinig an creideamh “Am Maide Buidhe” a-steach, nach biodh e toirt orra … bha a leithid de chumhachd aig an duine is nan tachradh e air gu h-àraidh seann bhoireannaich bheireadh e orra a dhol air an glùinean air an rathad mhòr, cha bhiodh rathad mòr ann ach frith-rathaid, agus adhradh a thoirt dhan bhata bhuidhe, gur esan Fear a’ Bhata Bhuidhe agus gun cuireadh e às na fearainn iad agus gu dè nach robh e a’ dol a dhèanamh orra.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!