FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A book that Catriona likes Leabhar as toigh le Catrìona

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Leugh Mi Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Leugh Mi

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Leabhar as toigh le Catrìona

[Anna] A’ chiad leabhar a tha thusa air taghadh dhuinn a-nochd ’s e saoghal gu math eadar-dhealaichte bho Ghabhsann a th’ ann. Dè an leabhar a th’ ann agus carson a thagh thu e?

[Catrìona] A’ chiad leabhar a thog mise ’s e To Kill A Mocking Bird. Seo leabhar a sgrìobh Harper Lee agus sgrìobh i an leabhar anns na, uill thàinig e a-mach ann an naoi ceud deug agus seasgad ’s a h-aon, ach tha e suidhichte anns na trìtheadan, dìreach ron chogadh agus tha ceangal anns an leabhar dìreach gu bheil rudan a’ tachairt anns an Roinn Eòrpa. Agus ’s e an t-adhbhar gun do leugh mi an leabhar seo, chaidh mi tron sgoil agus cha do leugh mi e a-riamh agus leugh an nighean agam e, tha mi cinnteach nuair a bha i a’ dèanamh Beurla anns an sgoil, ’s mathaid aig àrd-ìre, chan eil mi cinnteach, agus bha i a’ bruidhinn mu dheidhinn an leabhair agus bha mise a’ cantainn “uill feumaidh mise an leabhar seo a leughadh dhomh fhìn”. Agus ’s e rud a bhios sinne a’ dèanamh anns an teaghlach ach bidh sinn ga leughadh agus an uair sin bidh sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn, beagan coltach ris mar a tha sinn an-dràsta.

[Gilleasbaig] Club leabhraichean.

[Catrìona] Club leabhraichean anns an teaghlach againn fhìn.

[Gilleasbaig] Sin math.

[Catrìona] Agus sin a thug orm a leughadh agus dìreach chòrd e rium gu mòr. Tha mi a’ smaoineachainn gur e an rud a chòrd rium mu dheidhinn dìreach tha an dòigh anns a bheil e air a sgrìobhadh tro shùilean nighinn òig a tha ochd bliadhna a dh’aois nach eil a’ tuigsinn an t-saoghail anns a bheil i. Chan eil i a’ tuigsinn carson a tha na h-inbhich a’ dèanamh an rud a tha iad a’ dèanamh. Tha i a’ fàs suas ann am Maycomb County anns na Stàitean Aonaichte agus ’s e fear-lagha a tha na h-athair agus tha a màthair air bàsachadh ’s tha i beò còmhla ri a bràthair. ’S e beagan de thomboy a th’ innte-se agus ’s caomh leatha a bhith a-muigh ’s a’ dol mun chuairt. Tha a h-athair na fhear-lagha agus tha e air case fhaighinn de dhuine dubh a tha air ionnsaigh a thoirt air boireannach geal agus tha i a’ tuigsinn, mar a tha cùisean a' dol air adhart, mar a tha beachdan dhaoine dìreach a’ smaoineachainn gu bheil an duine seo ciontach gun fiù ’s, fhios agad, cothrom a thoirt dha a sgeul innse. Agus tha i a’ faicinn an gràin-cinnidh a tha a’ dol air adhart aig an àm sin leis na daoine geala agus leis na daoine dubha agus chan eil ise ga thuigsinn agus tha mi a’ smaoineachainn gu bheil an leabhar cho sìmplidh ri sin. Nuair a sheallas tu tro shùilean an leanaibh, chan eil duine a’ tuigsinn carson a tha na daoine geala a’ faighinn, a’ sealltainn riutha ann an dòigh eadar-dhealaichte.

Chaidh am prògram seo, Leugh Mi, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!