FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Kenny MacIver’s education Foghlam Choinnich MhicÌomhair

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Foghlam Choinnich MhicÌomhair

[Dòmhnall] Siuthad, innis dhuinn cà’il sin ma-thà? Càite …?

[Coinneach] Col Uarach far an, far an do thogadh mi. Baile a thàinig a-mach à strì às dèidh a’ chiad chogaidh. Bha na raiders ann. ’S e mo sheanair fear dhiubh. Tha … Bha feadhainn aca beò fhathast nuair a bha mise beag. Tha cuimhne agam, dh’ainmichinn dhut ann an seo iad an-dràsta. Tha ... fear a rugadh ’s a thogadh ann am baile far, cha robh dealan againn anns an taigh nuair a bha mi beag, cha robh bùrn againn a’ ruith. Tha cuimhne agam air a’ chiad rathad, rathad teàrr, fhaighinn dhan bhaile. Fhios agad, cha b’ urrainn dha a bhith na bu shìmplidhe bho aon shealladh ach air an làimh eile bha daoine timcheall orm a bha eòlach air feadh an t-saoghail agus dè tha sin a’ ciallachadh? Tha mi a’ creid’ gu bheil thu a’ faighinn togail ann am measg fìor bhunaitean nam freumhan agad. Tha fhios agad càite a bheil iad ach an dèidh sin tha do shùilean ’s dòcha air am fosgladh ’s air an leudachadh le daoine a bha eòlach air iomadh àite air feadh an t-saoghail.

[Dòmhnall] Uill mar a h-uile duine, chaidh thu gu Sgoil Steòrnabhaigh agus chaidh thu ...

[Coinneach] Ò cha robh a h-uile duine a’ dol gu Sgoil Steòrnabhaigh.

[Dòmhnall] Ò cha robh, cha robh, cha robh.

[Coinneach] Cha robh idir.

[Dòmhnall] Cha robh ri do latha-sa!

[Coinneach] Cha robh na mo latha-sa! Chaidh mise a Sgoil Steòrnabhaigh ach ’s ann a chaidh mise a Sgoil a’ Bhac gu an t-seachdamh bliadhna ’s bha againn an uair sin ri dà dheuchainn a shuidhe. Bha agad ri intelligence test a shuidhe agus am qualifying agus tha mi a’ smaoineachadh, bha mu dheich duine fichead tha mi a’ smaoineachadh anns a’ chlas againn, a’ smaoineachadh air an t-seachdamh bhliadhna ann an Sgoil a’ Bhac agus tha mi a’ smaoineachadh gur e sianar againn a fhuair a Sgoil Steòrnabhaigh. Mar sin cha robh mise anns an àrd-sgoil ann an Sgoil a’ Bhac a-riamh.

[Dòmhnall] Bha thu, bha thu … ceann gu leòr ort airson a dhol a Steòrnabhagh.

[Coinneach] Ò chan eil fhios agamsa an robh no nach robh! A-rithist bha mi a’ fàgail a’ mheasaidh a bha sin aig daoine eile.

[Dòmhnall] Uill mheas iad gun robh ’s chaidh thu ann.

[Coinneach] Chaidh.

[Dòmhnall] ’S às an sin chaidh thu gu Oilthigh Obar Dheathain.

[Coinneach] Chaidh.

[Dòmhnall] Nise, tha cuimhne agam thu a bhith ag ràdh rium gur tu a’ chiad duine à Col Uarach a fhuair cead oilthighe. Dè thug ort an ceum sin a ghabhail?

[Coinneach] Cò aige a tha fhios, a Dhòmhnaill. Cha robh, cha robh planaichean mòra mar sin agam. Cha robh, ged a bha ’s dòcha daoine ann a bha a’ feuchainn do stiùireadh cha robh mise a’ dèanamh cus èisteachd ri stiùireadh an uair sin, no ’s dòcha fiù ’s an-diugh fhèin.

[Dòmhnall] Fhathast.

[Coinneach] Ach tha cuimhne agam fhathast a bhith, às dèidh an t-siathamh bhliadhna ’s mi air gu leòr dheuchainnean fhaighinn troimhe airson a dhol dhan oilthigh ’s a-staigh an rathad ris an chanadh iad Calum Spid aig an robh sgoil mhath e fhèin ’s e ag obair air an fheur ’s e a’ cantainn rium “dè tha thu a’ dol a dhèanamh?” ’s thuirt mi “chan eil càil a dh’fhios agam” ’s thuirt e “chan eil e ro anmoch fhathast dhut”. Nise, deireadh an Iuchair a bha seo ’s “nach eil?”. “Chan eil” ars’ esan so dh’fhalbh mi ’s chuir mi air falbh airson foirm-iarrtais airson Oilthigh Obar Dheathain ’s taobh a-staigh dà mhìos bha mi ann an Oilthigh Obar Dheathain.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2011.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!