FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sandra Murray’s early years Bliadhnaichean tràtha Sandra Mhoirich

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Bliadhnaichean tràtha Sandra Mhoirich

[Dòmhnall] Nise, a thaobh ur n-èirigh suas agus mar a thàinig an neach-ealain a bha seo gu bith, an robh ùidh agaibh ann an aodach nur n-èirigh suas?

[Sandra] Uill ’s iongantach mur an robh. Tha mi air coimhead, cha chreid mi, air a h-uile dealbh a th’ againne, uill dhìomhsa nuair a bha mi òg, tha, cha chreid mi, kilt orm anns a h-uile h-aon agus grìogagan agus Fair Isle twin sets ’s rudan den t-seòrsa sin. Ach nuair a bha mi gu math òg, ’s dòcha timcheall air ceithir, chaidh sinn a dh’fhuireach gun a’ Bhac agus tha, bhithinn, tha e coltach tè, bha tè Mary John aig an robh a’ phost oifis air a’ Bhac, bha i gu math stylish ’s bha rudan annasach aice agus bhithinn a’ dol a-steach sa rùm agus a’ dol am measg na bh’ aice ’s bha umbrella ’s handbags ’s brògan àrda ’s adan agus tha e coltach bhithinn-sa, nuair a thigeadh am bus à Steòrnabhagh tha e a’ stad aig a’ phost oifis agus a’ cur cearcall mun a’ Bhac agus a’ stad air ais aig a’ phost oifis. ’S bhithinn-sa le aodach Mary John – umbrella ’s an handbag – a’ dol air a’ bhus agus còmhla ri fear à Col, bodach le còta fada dubh, agus bha mi ag ràdh rium fhìn bho chionn greis uill chan e a h-uile màthair a leigeadh an leanabh aice, nighean ceithir bliadhna, còmhla ri bodach le còta fada dubh air bus.

[Dòmhnall] ’S tu a’ dol cuairt air a’ Bhac?

[Sandra] A’ dol cuairt. Bha sinn a’ dol cuairt air a’ bhus agus an uair sin leigeadh Left, sin an dràibhear a bh’ air a’ bhus, leigeadh e às sinn aig a’ phost oifis agus dheighinn-sa dhachaigh.

[Dòmhnall] Feumaidh gun robh sibh a’ faireachdainn car spaideil.

[Sandra] Ò bha mise a’ faireachdainn spaideil. ’S iongantach mur an robh.

[Dòmhnall] Uill tha sin an dearbh rud a bha mi ag ràdh.

[Sandra] Uill tha mi a’ smaoineachadh bha dìreach mar gum biodh seed bheag air choreigin am bateigin.

[Dòmhnall] Ach bha ur màthair ri obair aodaich.

[Sandra] Bha, bha ise a’ dèanamh, knitting machine aice ’s bhiodh i a’ reic gheansaidhean bobain agus bhiodh ise a’ dèanamh tele-marketing mus robh e fasanta, a’ fònaigeadh gu daoine air feadh an t-saoghail.

[Dòmhnall] Seadh gu dearbh.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2011.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!