FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Australian novel chosen by Kirsty Nobhail Astràilianach a thagh Ciorstaidh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Leugh Mi Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Leugh Mi

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Nobhail Astràilianach a thagh Ciorstaidh

[Anna] Nise, a Chiorstaidh, mar a thuirt mi rugadh tusa ann an Tasmania. Thusa eòlach air an deasbad a th’ ann mu dheidhinn nan tùsanach agus droch-làimhseachadh air na tùsanaich chun an latha an-diugh.

[Ciorstaidh] Tha, yeah, ’s e rud a th’ ann a tha mi air a bhith eòlach air bhon a bha mi gu math òg. Tha mo mhàthair Astràilianach agus an teaghlach, bha mòran teaghlach againn a-null an sin agus bhithinn a’ tilleadh air ais uaireannan gus tadhal orra agus bhiodh m’ athair agus mo mhàthair gar toirt gu bailtean beaga tùsanach air iomall Astràilia, anns an outback no gu math fada tuath agus tha e dìreach inntinneach faicinn an dòigh-beatha a tha cho eadar-dhealaichte agus nach eil, chan eil mòran tuigse ann, tha mi a’ smaoineachadh, eadar na diofar choimhearsnachdan.

[Anna] Agus gu bheil iad fa leth fhathast.

[Ciorstaidh] Tha, gu math fa leth.

[Anna] Nise, thàinig an teaghlach agaibhse a dh’Alba. Bha thusa gu math beag aig an àm. A bheil cuimhne idir agad ann a bhith ann an Astràilia?

[Ciorstaidh] Tha dìreach aon chuimhne agam agus bha mi gu math òg ’s bha mi ann am pram agus feumaidh gun robh sinn ann am pàirc le beathaichean no rudeigin agus dìreach ruith emu seachad orm agus ghabh mi eagal mo bheatha.

[Anna] Chan eil sin na iongnadh!

[Ciorstaidh] Sin uile a tha mi a’ cuimhneachadh gus do ghluais sinn gu Alba.

[Anna] ’S thàinig sibh an uair sin a dh’Alba. Tha fhios gur e atharrachadh mòr a bha siud dha do mhàthair ’s dha ...

[Ciorstaidh] Atharrachadh mòr.

[Anna] Tè a bhuineadh dha Astràilia.

[Ciorstaidh] Seadh, aidh, tha mi a’ smaoineachadh gun robh i ga fhaighinn gu math doirbh aig an toiseach. Dìreach bha an aimsir cho eadar-dhealaichte. Tha e cho teth ’s cho blàth ann an Astràilia ’s bha sinn a’ fuireach air an Eilean Sgitheanach agus bha i a’ faighinn an aimsir gu math doirbh. Cuideachd gun robh uisge ann, uisge a’ tuiteam …

[Anna Mhàrtainn] Fad an t-siubhail.

[Ciorstaidh] … fad an t-siubhail. ’S dòcha gun robh ise ga fhaicinn mar sin. Bha i ga fhaighinn gu math doirbh.

[Anna] Agus tha ceangal Astràilianach ris a’ chiad leabhar a thagh thusa cuideachd.

[Ciorstaidh] Tha.

[Anna] Dè an leabhar a th’ ann?

[Ciorstaidh] ’S e leabhar Josh le Ivan Southall agus ’s e leabhar a th’ ann an seo a leugh mi an toiseach nuair a bha mi ’s dòcha aon deug no dà dheug bliadhna a dh’aois ’s bha mi gu math òg. ’S e ùghdar Astràilianach gu math ainmeil a th’ ann ach chan eil mi a’ smaoineachadh gu bheil daoine eòlach air an leabhar seo ann am Breatainn, ann an Alba.

[Anna] Cò mu dheidhinn a tha e? Leabhar a th’ ann de, nobhail dha deugairean, ane ?

[Ciorstaidh] ’S ann dha deugairean a tha e, uh huh, ach tha e a’ còrdadh rium cho math ri leabhar sam bith eile fhathast, agus tha e mu dheidhinn balach òg, ’s dòcha ceithir deug bliadhna a dh’aois, a tha a’ falbh gu, a thadhal air an antaidh aige air an dùthaich, ann am baile beag Astràilianach agus ’s e balach a th’ ann a tha, tha e gu math dèidheil air leabhraichean, tha e a’ sgrìobhadh bàrdachd agus fear a th’ ann a bhiodh furasta a ghoirteachadh tha mi a’ smaoineachadh. Tha fòirneart ann agus tha tachartas ann far a bheil Josh ann an cunnart a bheatha cha mhòr. Agus an uair sin tha seòrsa tuigse a’ fàs às dèidh sin eadar Josh agus a’ chlann eile sa bhaile, ach tha Josh a’ dèanamh taghadh e fhèin a thoirt a-mach agus coiseachd dhachaigh gu Millburn agus am baile fhàgail air a chùl.

[Anna] Balach beag a bh’ ann a bhiodh a’ dèanamh tòrr leughaidh. An robh thusa ag aithneachadh an t-seòrsa caractair a bha siud?

[Ciorstaidh] Bha. Bha mi fhìn ’s dòcha caran coltach ri Josh nuair a bha mi na b’ òige. Bha mi fhèin gam ghlasadh nam rùm le leabhraichean agus dìreach glacte nam eanchainn fhèin agus tha mi a’ smaoineachadh anns an dòigh sin gun robh mi a’ tuigsinn Josh.

[Anna] Bha thu a’ dèanamh ceangal eadar thu fhèin ’s an caractar.

[Ciorstaidh] Bha.

Chaidh am prògram seo, Leugh Mi, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!