FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The new world of New Zealand Saoghal ùr New Zealand

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Saoghal ùr New Zealand

[Dòmhnall] Cha robh ach deich bliadhna bho ghabh Breatainn seilbh oifigeil air New Zealand ’s bha iad a-nise a’ stèidheachadh dùthaich òrdaichte den t-seòrsa a’ còrdadh ri luchd-leantainn MhicLeòid.

[Dòmhnall] B’e Sasannach a bh’ air saoghal ùr New Zealand a dhealbh.

[Dòmhnall] Fear Eideart Gibbon Wakefield. Bha Wakefield air ùine a chur seachad anns a’ phrìosan, far an do thòisich e a’ beachdachadh air mar a ghabhadh còir cor an t-saoghail ath-leasachadh. ’S e a bha a dhìth air dùthaich de thuathanaich bheaga, a bhith a’ dol air ais gu seòrsa saoghail bhrèagha ro ghnìomhachasan.

[An t-Oll. Dòmhnall Uilleam Stiùbhart] Anns an naodhamh linn deug bha daoine a’ coimhead air New Zealand mar àite anns am b’ urrainn dhaibh, mar gum biodh, na mearachdan a rinn iad ann an Ameireaga ’s Astràilia a sheachnadh. B’ urrainn dhaibh saoghal ùr-nodha a chruthachadh, a bha aig an aon àm stèidhichte air an t-saoghal, air an dùthaich a dh’fhàg iad air an cùlaibh. Mar sin bhiodh an saoghal dìreach mar a bha e air fhàgail. Bhiodh gach duine na àite fhèin, mar gum biodh. Bhiodh fios aige air dè an t-àite a bu chòir a bhith aige agus bha àite mòr aig sin. Bha àite mòr aig creideamh ann an sin cuideachd oir bha creideamh mar gum biodh na ghlaodh a bha a’ ceangal a h-uile càil ri chèile agus bha iad an dòchas a-rithist gun cruthaicheadh iad nàdar de phàrras ann an New Zealand.

[Dòmhnall] Ràinig a’ chiad chuid de shluagh Thormoid Auckland anns an t-Sultain ochd deug leth-cheud ’s a trì, ach bha bliadhna mus deach an stèidheachadh ann an Waipu, far an robh fearann air a ghealltainn dhaibh an cois na mara.

[Dòmhnall] Thàinig ceithir soithichean eile le eilthirich dìreach à Ceap Breatainn, agus thàinig feadhainn fiù ’s a-mach às na sgìrean a bha MacLeòid air fhàgail anns a’ chiad dol-a-mach air taobh siar na Gàidhealtachd. Ghabh timcheall air ochd ceud duine à Astràilia, à Ceap Breatainn agus beagan à Alba fhèin seilbh air na còig gleanntan torrach a tha a-steach bho chladach a’ Phacific.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!