FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donald's connection to a book Ceangal Dhòmhnaill ri leabhar

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Leugh Mi Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Leugh Mi

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Ceangal Dhòmhnaill ri leabhar

[Anna] A Dhòmhnaill, fàilte chun a' phrògraim. An toiseach, rugadh tusa ann an Grianaig ach thog sibh oirbh gu tìrean cèin gu math goirid as dèidh sin. Càite an deach sibh?

[Dòmhnall] Chaidh mo mhàthair air ais gu Sierra Leone far an robh i a' fuireach aig an àm. Bha m' athair air a bhith a' teagaisg ann an siud 's dòcha bliadhna no dhà mus do rugadh mi fhìn. Thàinig i air ais dhan dùthaich-sa gus an rugadh mise ann an ospadal ann an Alba, fhuair mi citizenship agus eile agus an uair sin, goirid as dèidh siud, chaidh i air ais a dh'Afraga agus chuir mise seachad a' chiad bhliadhna dhe mo bheatha ann an Sierra Leone, ged nach eil, mar a bhiodh dùil, càil a chuimhne agam fhìn air siud gu pearsanta.

[Anna] 'S an uair sin thill sibh a dh'Alba. Dè thachair an uair sin?

[Dòmhnall] Chan eil fhios a'm an e gun tàinig an cùmhnant aige-san gu crìoch no gun d' fhuair e obair eile air ais ann an Grianaig ach thàinig sinn an uair sin air ais gu Port Ghlaschu. Daoine a tha eòlach air an sgìre, Port Ghlaschu 's Grianaig gu math faisg air a chèile. Sin far an robh na pàrantan aigesan a' fuireach cuideachd agus bha sinn an sin greiseag.

[Anna] 'S chaidh sibh an uair sin a dh'Inbhir Nis agus chaidh ur togail mar theaghlach le Gàidhlig anns an dachaigh. An robh sin iongantach aig an àm?

[Dòmhnall] Uill cha do shaoil mise gun robh e iongantach ann an dòigh sam bith. Sin dìreach an dòigh anns an robh sinn air ar togail agus, ach cuideachd ma smaoinicheas mise air na teaghlaichean a bha a' fuireach faisg air làimh bha Màrtainn Dòmhnallach agus Niall Iain agus Seònaid a' fuireach dìreach cha mhòr an ath-dhoras. Bha iad beagan nas fhaide air falbh na siud. Agus Murchadh MacLeòid a bha an sàs ann am foghlam, agus Alasdair agus Aonghas, na gillean aca-san, so bha coimhearsnachd nas làidire, chanainn, ann an Inbhir Nis aig an àm a bha siud, ged anns a' bhaile fhèin bhiodh e neònach a bhith gad thogail anns a' Ghàidhlig.

[Anna] Thug thu iomradh air d' athair mar thidsear. Tha tòrr mòr a bharrachd dhaoine eòlach air mar fhear-ciùil.

[Dòmhnall] Tha mi a' smaoineachadh gu bheil, gun robh cliù aige mar fhear-ciùil gun teagamh, ge bith an ann a' seinn no a' cluich air a' phìob. Tha mi a' smaoineachadhgun robh e cliùiteach airson a bhith a' seinn ach chòrd e ris-an cuideachd a bhith a' cluich air a' phìob. Sin nuair a chaidh e chun an airm a dhèanamh an National Service aige bha e ann an Gearasdan Deòrsa faisg air Inbhir Nis còmhla ri Dòmhnall MacLeòid, am maighstir-pìoba ann an siud, duine a bha gu math cliùiteach e fhèin, agus, airson sin bha ceòl, pìobaireachd, seinn anns an dachaigh fhad 's a bha sinn a' fàs suas.

[Anna] So mar sin dheth bha an teaghlach aig Fionnlagh MacNèill gu math cliùiteach anns an sgìre airson iomadach seòrsa ciùil. Nise tha thu air leabhar a thaghadh dhuinn a-nochd a tha gu ìre gad cheangal ri d' athair fhathast.

[Dòmhnall] Tha sin ceart.

[Anna] Innis dhuinn mun chiad leabhar.

[Dòmhnall] A' chiad leabhar air a sgrìobhadh le Ernest Hemingway, The Old Man and the Sea agus 's e an t-adhbhar a tha an ceangal a tha siud ann gun robh esan a' falbh gu Canada gach samhradh, ò bha airson ceithir bliadhna deug no mar siud, a bhith a' teagaisg pìobaireachd agus Gàidhlig aig colaiste samhraidh ann an siud ann an Ceap Breatainn agus 's math mo chuimhne a bhith air an raon-laighe anns an jet a bha seo ann am Prestwick a' dol a-null gu Halifax 's thug e dhomh lethbhreac dhen leabhar a bha sin airson a leughadh. Shaoil mise gun robh e beagan ... cha robh mise ach deich bliadhna a dh'aois aig an àm.

[Anna] An do thuig thu an sgeulachd?

[Dòmhnall] Tha mi a' smaoineachadh gun do leugh mi e. Tha mi a' creidsinn gun robh mi ... 's urrainn dhut a leughadh aig aon ìre agus aig aon ìre tha e gu math sìmplidh ach an do thuig mi na rudan eile a bha fodha? Droch theansa, tha mi a' smaoineachadh. Rudan mu dheidhinn foighidinn agus a bhith a' fàs sean agus eòlas agus eile. Tha mi cinnteach nach do thuig mi an t-seòrsa pàirt sin dheth ach bha an leabhar, lean e nam chuimhne mar gum biodh.

[Anna] Agus an sgeulachd a th' aig a' chridhe 's e rud gu math sìmplidh a th' ann. Dè tha a' tachairt thairis air na làithean anns an sgeulachd?

[Dòmhnall] 'S e sgeulachd gu math sìmplidh a th' ann. Bodach a' dol a-mach, iasgair. Tha e a' dol a-mach 's tha iad a' lorg tuna no a leithid - marlin, swordfish - èisg mhòra. Tha e stèidhichte ann an Cùba agus so 's e uisgeachan gu math torrach a tha siud. Agus am bodach a tha seo tha e air a bhith faisg air trì mìosan gun dad a ghlacadh. Balach òg a bha a' dol a-mach còmhla ris, tha na pàrantan aige-san air a thoirt air falbh a dhol còmhla ri cuideigin eile. Tha e a' dol a-mach. Tha e a' dol fada, fada, fada a-mach, seachad air far am biodh e a' dol gu nàdarra agus tha e a' glacadh iasg mòr, mòr a tha seo. Tha e ga thoirt suas. Tha e a' cur às dhan iasg, ga cheangal ris a' bhàta, ga thoirt air ais gu cala ach air an t-slighe air ais tha na cearbadan a' tighinn agus a' falbh leis a' mhòr-chuid dheth.

[Anna] 'S tha e a' tighinn a-steach agus chan eil càil air fhàgail aige.

[Dòmhnall] Ach na cnàimhean fhèin.

Chaidh am prògram seo, Leugh Mi, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!