FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The wilderness of Patagonia Fàsach Phatagonia

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Fàsach Phatagonia

[Dòmhnall] Fìor cheann a deas ceann a deas Ameireagaidh.

[Dòmhnall] Tìr ghaothmhor, mhòr, fhalamh Phatagonia.

[Dòmhnall] Leth-mhillean mìle ceàrnagach de dh’fhearann còmhnard, rèidh. Cladach a’ lùbadh an achlais na mara agus closaichean aonaranach shoithichean.

[Dòmhnall] ’S e fàsach a tha seo. Chan e fàsach gainmhich ach fàsach fhrasach ’s fìor treasach

[Dòmhnall] Tha e falamh, mur a biodh na caoraich agus an fheadhainn a tha a’ dèanamh am beòshlaint asta.

[Dòmhnall] Às gach àite dhan deach na h-eilthirich Ghàidhealach ’s e seo ’s dòcha an t-àite a bu mhì-choltaiche gu lèir.

[Dòmhnall] Bha iomadh Gàidheal òg a chuir a chuid a b’ fheàrr dhe bheatha seachad air tuathan mòra caorach Phatagonia. Bha feadhainn bliadhnaichean ann mus do thill iad dhachaigh a-rithist, ach thug gu leòr eile am beatha an seo ’s tha an teaghlaichean fhathast ag obrachadh nan estancias aig deireadh an t-saoghail.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!