FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Keeping a house warm A' cumail taigh blàth

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme DIY Le Donnie. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram DIY Le Donnie

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

A' cumail taigh blàth

[Donaidh] 'S e obair mì-chàilear a th' ann a bhith a' toirt leacan bhon bhalla.

[Donaidh] 'S e balla cloiche a tha seo agus chan eil dòigh furasta ann airson na leacan a thoirt air falbh.

[Donaidh] Nam b' e balla plèastar-bòrd a bh' ann, uaireannan bhiodh na leacan air am plèastar-bòrd a thoirt dheth.

[Donaidh] Cha robh night on the tiles cho math seo a-riamh, eh?

[Donaidh] Seall na h-ingos a tha seo, tha mi air am PVC plastaig seo a thoirt air falbh agus mar a chì thu tha an còmhdach blàthachaidh a bh' ann caran sean agus chan eil e cho math 's a bu chòir. Tha mise a' dol a chleachdadh stuth a tha caran nas ùire agus a tha gu bhith tòrr nas fheàrr.

[Donaidh] Ach an toiseach beagan sgioblachaidh, agus tha e nas fheàrr le beagan uisge, a bhith damp air choreigin.

[Donaidh] Tha thu a' faighinn miotagan leis a' chrogan a tha seo cuideachd. Nach eil iad a' coimhead math? Agus speuclairean. Agus le deagh chrathadh. Nise, deiseil.

[Donaidh] Bidh an cop còmhdach blàthachaidh seo a' fàs cruaidh agus a' meudachadh 's bidh e a' dol dhan h-uile còrnair. Mar sin cha leig thu leas a bhith faiceallach.

[Donaidh] Abair gum bi seo còsaidh anns a' gheamhradh, eh?

[Donaidh] Agus tha dòighean eile air an taigh agad a chumail còsaidh cuideachd.

Chaidh am prògram seo, DIY Le Donnie, a chraoladh an toiseach ann an 2014. Le taing do BBC Gàidhlig.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!