FaclairDictionary EnglishGàidhlig

DIY le Donnie - DIY plumbing choices DIY le Donnie - Roghainn plumaireachd

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme DIY Le Donnie. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram DIY Le Donnie

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

DIY le Donnie - Roghainn plumaireachd

[Donnie] Uill mar a chì thu tha diofar seòrsa roghainn agad a thaobh plumaireachd, eadar plastaig agus copar, agus a h-uile seòrsa ceangail cuideachd, ach trobhad 's chì thu dè cho furasta 's a tha iad ri chur ri chèile.

[Donnie] Tha an t-uabhas diofar cheangalan ann airson pìoban ach chan eil iad cho doirbh ri sin a thuigsinn. Seo Yorkshire joint no solder connection agus seall, sin an solder dìreach ann am meadhan na pìoba, dìreach an sin, agus bidh thu dìreach a' glanadh seo, a' cur beagan flux air a' phìob agus an uair sin le beagan teis bidh a' phìob dìonach. Tha mi a' dol a ghlanadh seo dìreach an toiseach agus bidh na proifeiseantaich a' cleachdadh an seòrsa connection seo mar as trice, agus a-nis le beagan flux a chur air, dìreach mar sin.

[Donnie] Agus ann am mionaid no dhà bidh sin dìreach cho teann 's a ghabhas. Chì thu a-nis mar a tha an solder a' dol mun chuairt na pìoba, agus tha seo math airson a bhith ag obair ann an àiteachean far nach eil tòrr rùim agad airson compression joints 's rudan mar sin. Sin agad Yorkshire joint. Ach na làithean seo tha rudan ùra air a' mhargaidh agus 's e push-fits a th' annta. Tha thu dìreach a' putadh na pìoba a-steach dhan union. Sin e. Agus airson a' cheann eile, dìreach an aon seòrsa rud a-rithist. Tha thu dìreach ga phutadh, dìreach mar sin. Ach aon rud, tha iad caran daor.

[Donnie] Seo an fheadhainn as cumanta airson DIY. 'S e compression joints a th' annta agus tha mise a' dol a chleachdadh iad seo bhon t-sinc.

[Donnie] Tha thu dìreach a' toirt iad seo bhon union, agus an uair sin tha thu a' cur an nut air a' phìob agus tha olive an uair sin a' dol air a' phìob. Tha an olive mar fàinne a' greimeachadh na pìoba. Tha an union dìreach a' dol aig ceann na pìoba mar sin agus nuair a tha a h-uile càil a' tighinn ri chèile tha e dìreach a' dùnadh an union. Tha thu a' cleachdadh spanner an siud agus spanner an seo, a' tionndadh sin mar seo. Dìreach mar sin. Agus sin e teann.

[Donnie] Seo an rud a tha mise a' cleachdadh gu math tric a-nis. 'S e plastaig ... Tha e furasta airson a bhith ag obair leis, agus a bharrachd air sin tha e saor. Agus seo am pipe insert. Tha e a' dol am broinn na pìoba. Dìreach mar seo. Agus an uair sin tha a' phìob a' dol dhan chompression joint a tha seo. Dìreach mar sin. Agus cuir seo dìreach ... a' phìob mun cuairt mar sin. Agus sin mar a tha sin ag obair a-nis. Cho furasta, nach eil? Agus faodaidh tu ruith a' phìob seo gu àite sam bith.

[Donnie] 'S e an aon seòrsa suidheachaidh a th' ann airson pìoban uisge salach.

[Donnie] Solvent joints - tha iad furasta. Chan eil thu a' dèanamh càil ach cleachdadh a’ ghlaodh shònraichte seo. Tha e a' dol air a' phìob agus tha seo a' dol, dìreach chì thu mar a tha e ag obair. Agus sin agad e. Bidh e cho teann 's a ghabhas anns an spot. Tha e luath, tha e cliobhar, ach nuair a thèid a' phìob dhan union chan fhaod thu atharrachadh sam bith a dhèanamh.

[Donnie] Tha dà cheangal eile ann airson a bhith a' cur pìoban plastaig ri chèile. A' chiad fhear - push-fit. Tha thu a' cleachdadh an stuth airson a bhith a' glanadh nan soithichean anns an t-sinc. Dìreach rud beag an siud agus cuir mun chuairt e dìreach mar seo agus tha thu dìreach a' putadh na pìoba a-staigh mar sin. Agus a-nis na compression joints . Tha an nut a' tighinn dheth agus tha washer an cùl an nut, dìreach an sin. Tha seo a' dol air a' phìob an toiseach agus an uair sin an washer, ach tha O-Ring ann an turas seo agus tha seòrsa de chamfer air an O-Ring, dìreach an sin, agus air an union, agus tha seo a' suidhe air a' chamfer agus an uair sin bidh an nut a' dol air a' mhullach. Cuir annut agus an uair sin washer, agus an uair sin an O-Ring, agus a-rithist tha thu a' cleachdadh an stuth. Mar seo. Agus seo an union a-nis a' dol air. Agus sin mar a tha nacompression joints ag obair. Sin agad push-fit, compression agus solvent.

[Donnie] Ma tha fios agad mar a tha na diofar cheanglaichean ag obair chan eil an seòrsa obair seo idir duilich.

[Donnie] Uill sin an sinc deiseil a-nis, ach ò am pìos mu dheireadh. Am plug seo.

[Donnie] Not often I give myself a plug, eh?

[Donnie] Deiseil a-nis airson mo làmhan a nighe leis an uisge. A h-aon, a dhà, a trì.

[Donnie] Ò a bhalaich ort.

[Donnie] Càil a-nis a dhìth ach tubhailt.

[Donnie] À uill, tha e ag obair glè mhath, tha mi a' smaointinn, eh? Uisge fuar agus uisge teth. Sin e.

Chaidh am prògram seo, DIY Le Donnie, a chraoladh an toiseach ann an 2014. Le taing do BBC Gàidhlig.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!