FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Welcoming Mairi and Neil A' cur fàilte air Màiri 's Niall

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

A' cur fàilte air Màiri 's Niall

[Ùisdean] Fàilte oirbh gu Aibisidh agus gu dearbh am prògram mu dheireadh dhan t-sreath seo. Bidh mise, Ùisdean MacIllFhinnein, a' feuchainn ri smachd a chumail air dà sgioba de dh’eòlaichean - no co-dhiù duine no dithis a th’ air aoigheachd againn - 's a tha a' dol a dh'fheuchainn air a chèile airson toinneamhan cànan nan Gàidheal fhuasgladh. Dà sgioba a dh’fheumas a bhith gu math modhail no thig mise orra leis a’ chaman, ma bhios feum agam. No 's dòcha gum biodh e na b' fhirinniche a ràdh ge-tà gu bheil iad beagan nas eòlaiche air faclairean an leithid Dwelly na tha a' chuid as motha de dhaoine agus cuimhnichibh gu bheil faclairean eile rin ceannachd cuideachd, mar a chanas am BBC. Dh'fhaodadh nach bi duine againn ge-tà mòran nas foghlamaichte aig deireadh na cùise ach tha sinn an dòchas gum bi gàire no dhà na lùib agus gum faigh sibh toileachas às a' phrògram. Na sgiobaidhean ma-thà agus air mo làimh chlì an sgiobair, Iain MacIlleMhìcheil. "'S ann an Ìle, 's ann an Ìle, 's ann an Ìle a rugadh Iain".

[Iain] Tiocaid sgiobaire agam a-nise.

[Ùisdean] A bheil?

[Iain] Às dèidh nam prògraman ...

[Ùisdean] Mar as dòcha a bhios fios agaibh a-nis, eilean cho bòidheach 's a th' ann 's e fhèin cho ainmeil ri duine eile ann an saoghal na Gàidhlig an-diugh ach tha aon rud a bhios ga rothaigeadh. B' fheàrr leis nach robh daoine cho tric a' smaoineachadh gur esan Iain MacIlleMhìcheil a bhios a' cluich a' bhogsa. Bha tomhais den fhìrinn ...

[Iain] Gu h-àraid muinntir nan cìsean.

[Ùisdean] Muinntir nan cìsean.

[Iain] Tha an leithid air tachairt dhomh.

[Ùisdean] Tha iad a' cur fios thugad?

[Iain] Tha iad a' cur an dà chuid còmhla. Mo thuarastal agus a thuarastal.

[Ùisdean] Na bi a' gabhail ri càil, Iain. Uill còmhla ri Iain an turas seo, teile air a bheil sinn uile gu math eòlach - Màiri Bremner, no Màiri Bràmair, mar a ghabhas mi oirre a-nochd. 'S ann à Dalabrog a tha Màiri agus chaidh i dhan sgoil anns a' Ghearasdan, agus chòrd e rithe cho math 's gun do thill i fhèin ann a theagaisg an uair sin. Phòs i bodach le feusag, Raibeart, agus thàinig oirre an uair sin a dhol a dh'obair dhan taigh-òsta aige ann am Baile a' Chaolais. Tha e coltach gur ann air seòrsa de blind date a choinnich i fhèin 's Robert. B' e a caraid a bha ag ràdh gun robh e airson Gàidhlig ionnsachadh, agus tha e air a bhith ag ionnsachadh bhon an uair sin. Thathas eòlach air Màiri bhon a chuir i seachad bliadhnaichean air Comhairle nan Eilean Siar, agus na h-ùine fhèin tha i dèidheil air stock cars, leughadh agus siubhail an t-saoghail, gu h-àraidh New Zealand far a bheil ogha aice. A Mhàiri, bha 's dòcha barrachd den fhìrinn an siud na bh' ann mu dheidhinn Iain, an robh?

[Màiri] Bha.

[Ùisdean] Chan eil thu ag aideachadh ri càil!

[Màiri] Dè tha thu ag iarraidh orm?

[Iain] Stock cars?

[Ùisdean] Stock cars. Càite a bheil thu a' faighinn nan stock cars ann an Uibhist?

[Màiri] Ò chan ann ann an Uibhist idir ach anns a' Ghearasdan, ann am Baile a' Chaolais.

[Ùisdean] Ò ann am Baile a' Chaolais.

[Màiri] Ò 's ann agus bha mi racing stock cars.

[Ùisdean] Uill.

[Màiri] Seo a-nis.

[Ùisdean] Uill 's dòcha gum bruidhinn sinn air sin a-nochd fhathast. Agus air mo làimh dheis an t-seachdain seo ge-tà, mar as àbhaist tha Màiri-Anna NicDhòmhnaill. Tha ise air iomadach cuairt a chur air an t-saoghal cuideachd mus do ràinig i seo.

[Màiri-Anna] Ann an stock car.

[Ùisdean] Rugadh Màiri-Anna ann an Uibhist a Deas ach tha i an-diugh air seatlaigeadh ann am Beàrnaraigh. Feumaidh sibh a bhith mothachail uair sam bith a tha sibh a' dol a bhruidhinn mu deidhinn gu bheil i air a bhith a' frithealadh oilthighean na dùthcha agus gu bheil alt aice air iomadach cànain - Spàinntis, Ruiseanais agus Gearmailtis nam measg. Bithibh faiceallach, a chàirdean. A Mhàiri-Anna, cha bhi iad gu feum sam bith dhut a-nochd.

[Màiri-Anna] A bheil thu cinnteach?

[Ùisdean] Uill chan eil fhios a'm ach chan eil mi a' smaoineachadh gum bi.

[Màiri-Anna] Chì sinn.

[Ùisdean] 'S dòcha gun dèan thu feum dheth. Cleas Màiri-Anna ge-tà tha Niall Mitchison e fhèin air a bhith ann an co-dhiù trì oilthighean fad a bheatha. Leis a sin tha fìor eòlas aige air rudan cuideachd nach bi gu feum idir air Aibisidh, leithid ge-tà, eadar-dhealaichte bho Mhàiri-Anna, matamataigs, poilitigs, cànan nan Ceilteach agus obair choimpiutairean. Bha cuid agaibh eòlach air bhon uair a bha e a' siubhail air feadh Alba a' reic leabhraichean a-mach à cùl bhàn Comhairle nan Leabhraichean. Bhiodh e a' dràibheadh, a' cluich na fìdeig agus a' cur às a chorp mu ghnothaichean mòra an t-saoghail uileadh aig an aon àm. Bha Niall 's a theaghlach a' fuireach thall thairis. Tha iad a-nis air ais ann an Dùn Èideann. 'S ann ann an Cinn Tìre a thog e a' Ghàidhlig an toiseach. Cheannaich e a' chiad leabhar gràmair aige nuair a bha e deich bliadhna a dh'aois. A Nèill, chan eil fhios a'm dè na bha siud den fhìrinn.

[Niall] Tha mi a' smaoineachadh gun robh an fhìrinn, cuid mhath den fhìrinn ann.

[Ùisdean] Bha an gnothaich mu dheidhinn an dràibhidh ceart.

[Niall] Tha fhios agad. A bheil agam ri tomhas an e fìrinn no breug a bh' ann? Am faigh mi puing air a shon?

[Ùisdean] Tha mise ag innse dhut gu bheil tomhais mhath den fhìrinn ann.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!