FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Completing Gaelic proverbs A’ cur crìoch air sean-fhaclan

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

A’ cur crìoch air sean-fhaclan

[Ùisdean] Chun an treas cuairt, gu na sean-fhaclan a-nis. Tha mi a’ dol a dh’iarraidh air na sgiobaidhean crìoch a chur air sean-fhaclan ann an Gàidhlig. Faodaidh sibh còmhradh nur measg fhèin mus freagair sibh. Ma tha sibh ceàrr no gu bheil e a’ fàilligeadh oirbh sìnidh mise an uair sin a-null chun an taoibh eile e. Tha dà phuing ann airson freagairt a tha ceart agus bonus no dhà ann an siud ’s ann an seo, ma thogras mi fhèin. Tha a’ chiad fhear a’ dol gu Iain MacIlleMhìcheil, tha mi a’ smaoineachadh, agus an sgioba agaibhse. Seo a’ chiad fhear. Feuchaibh an cuir sibh crìoch air seo – “altram do leanabh am-bliadhna ...”. Càite a bheil sin a’ dol no crìoch a chur air?

[Iain] Uh huh.

[Ùisdean] “Altram do leanabh am-bliadhna ...” ’s ma dh’fhàilligeas e oirbh thig mi a-null gu Niall ’s Màiri-Anna.

[Ùisdean] “Altram do leanabh am-bliadhna ...”

[Iain] “... an guth ann ...”?

[Màiri] “... do d’ oghaichean an ath-bhliadhna”.

[Ùisdean] Tha pàirt dheth agad, a Mhàiri.

[Iain] Ò a bheil? A bheil?

[Ùisdean] Tha pàirt dheth agad.

[Iain] Seadh.

[Ùisdean] Feuch a-rithist air.

[Ùisdean] “Altram do leanabh am-bliadhna ...”.

[Màiri] “... ’s altram”.

[Iain] “...’s altram ...”.

[Màiri] “... do d’ oghaichean ...”

[Ùisdean] “am-bliadhna” a bh’ agad. Uill bheir mi dhut aon chomharra ’s mar sin tha “an ath-bhliadhna” ann. “Altram do leanabh am-bliadhna ...”?

[Màiri-Anna] “… a bhith gad altram …”.

[Niall] “agus màthair an ath-bhliadhna”?

[Ùisdean] “agus màthair an ath-bhliadhna”.

[Màiri-Anna] An e “gad altram an ath-bhliadhna”?

[Ùisdean] Chan e, chan e.

[Iain] “agus bidh iadsan gad altram ...”?

[Màiri] “... an ath-bhliadhna”?

[Ùisdean] Chan e buileach. Seallaidh mi dhuibh dè th’ ann ’s dìreach fàgaidh sinn an-dràsta e. “… ’s dèan do ghnìomh an ath-bhliadhna”.

[Màiri] Dè “gnìomh”?

[Ùisdean] Feuchaidh sinn fear eile ma-thà. Gu sgioba Màiri-Anna an turas seo, gu Màiri-Anna ’s Niall. “Am fear a chaill a nàire ’s a mhodh ...”. Nist chan eil gnothaich aig seo riut fhèin, a Nèill, no ri Màiri-Anna.

[Niall] Tha mise a’ smaoineachadh air rudeigin leithid ...

[Ùisdean] Ciamar a chuireadh tu crìoch air?

[Niall] “… cha b’ fhada gus an caill e a h-uile càil a bh’ aige”. Rudeigin mar sin a ràdh ...

[Màiri-Anna] Chaill e a chàirdean ...

[Niall] ... ma chaill e a nàire ’s a mhodh …

[Màiri-Anna] Chaill e a chàirdean ...

[Niall] ... chaill e a nàire ’s a mhodh.

[Ùisdean] Tha Niall a’ blàthachadh an seo.

[Niall] Nis, buileach na faclan ...

[Màiri-Anna] Tha e ag ràdh gu bheil sinn a’ blàthachadh.

[Ùisdean] Tha thu a’ blàthachadh, a Nèill. Tha. An tèid agad air crìoch a chur air a-nochd fhathast?

[Niall] “Am fear a chaill a nàire ’s a mhodh ...”

[Màiri-Anna] “... chaill e a chuid gu lèir”?

[Ùisdean] “... chaill e”, uill “... chaill e, chaill e na bh’ aige”, a Mhàiri-Anna.

[Màiri-Anna] Uill tha sin gu math faisg.

[Iain] Gu dearbh.

[Ùisdean] “... chaill e na bh’ aige”. Bheir mi dhut dà chomharra airson sin. Tha Màiri-Anna ceart. “Am fear a chaill a nàire ’s a mhodh, chaill e na bh’ aige”. Thèid sinn a-nis gun taobh eile, gu Iain ’s Màiri a-rithist. “Tha beagan tròcair aig an fhairge ach ...”.

[Iain] Ò uill.

[Ùisdean] “Tha beagan tròcair aig an fhairge ach ...”.

[Iain] “... suarach an tròcair a bhiodh aig na creagan”.

[Ùisdean] Tha thu gu math faisg air.

[Iain] An e “sgeirean”?

[Ùisdean] Uill tha mi a’ smaoineachadh gu bheil thu cho faisg air. Tha thu cho faisg air gum feum sinn dìreach a shealltainn dhut. “Tha beagan tròcair aig an fhairge ach chan eil tròcair idir aig na creagan”.

[Iain] Seadh, seadh.

[Niall] Glè mhath.

[Ùisdean] Dà chomharra do MhacIlleMhìcheil. An robh e agaibh?

[Niall] No, cha robh. ’S ann a bha mise a’ dèanamh dheth chuala mi sean-fhacal mar sin “beagan tròcair aig an fhairge, chan eil tròcair sam bith aig a’ bhàs”.

[Ùisdean] Uill gheibh thu comharra airson sin, a Nèill. Comharra do Niall airson sin, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin ceart gu leòr. Agus am fear mu dheireadh a’ dol gu Màiri-Anna ’s gu Niall.

[Màiri] Thusa a chur na chùimhne e.

[Ùisdean] “Am fear nach ceil a choire fhèin ...”.

[Niall] A thaobh feallsanachd, an aon rud a tha a’ tighinn a-steach orm ...

[Ùisdean] Ò tha feallsanachd a’ tighinn.

[Niall] ... ’s e “saoil an ceil e coire caraid?”.

[Màiri-Anna] Uill sin a bha mi fhèin a’ dol a ràdh. An cùm e dad eile aige, mar gum biodh.

[Ùisdean] Feuch air, a Nèill.

[Niall] “Am fear nach ceil a choire fhèin, ’s mathaid gun ceil e coire caraid”.

[Ùisdean] Uill tha mise a’ smaoineachadh gur e deagh oidhirp a tha sin.

[Niall] Uh huh.

[Ùisdean] Bheir mi dhut comharra airson sin, a Nèill.

[Màiri-Anna] Aonan.

[Ùisdean] Bheir mi dhut comharra airson sin.

[Màiri-Anna] Glè mhath.

[Ùisdean] Smaoinich air an rud a thuirt Niall.

[Iain] Aidh tha fios a’m.

[Ùisdean] “Am fear nach ceil a choire fhèin ...”

[Iain] “... ’s mathaid nach ceil e ...”

[Ùisdean] “... nach ceil e ...”?

[Iain] “... coire caraid”.

[Ùisdean] Chan e “caraid” a th’ ann ach “coire ...”? “Cha cheill e coire ...”?

[Iain] “... càich”?

[Ùisdean] Chan e buileach. “... choimhearsnachd”.

[Iain] Coimhearsnachd.

[Ùisdean] Coimhearsnachd. Gu math faisg air, a Nèill. ’S e an rud a th’ ann - “am fear nach ceil a choire fhèin, cha cheill e coire choimhearsnachd”. Seo a-nist mar a bha sinn. Deireadh na cuairt sin. An turas seo trì an urra. Tha sibh gu math faisg air a chèile.

[Iain] A bhalaich.

[Ùisdean] Tha sibh a’ cur ceann a’ mhaide ri chèile fad na h-ùine. Tha seo a’ còrdadh rium. Seo tha mi a’ smaoineachadh an fharpais, ma dh’fhaodas mi a ghabhail air, as fhaisge a th’ air a bhith againn.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!