FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Two Lewis folk as Aibisidh guests Dithis Leòdhasach air aoigheachd Aibisidh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Dithis Leòdhasach air aoigheachd Aibisidh

[Ùisdean] Halò agus fàilte oirbh bhuamsa Ùisdean MacIllFhinnein a-rithist gu Aibisidh. Sreath ùr agus mise an seo air mo liathachadh a’ feuchainn ri còrdadh a chumail eadar dà sgioba de shàr fhaclairean. Dà sgioba a tha cho mòr nam barail fhèin gun robh iad gan call fhèin a’ feuchainn ri bhith nar cuideachd. Leis a sin bidh sinn a’ sùileachadh gum bi a h-uile duine againn gu math nas glice agus nas pongaile aig deireadh an t-sreath phrògraman a tha seo. Uill chì sinn, ach tha mi cinnteach gum bi spòrs agus fealla-dhà gu leòr againn mar a tha sinn a’ dol air adhart. Gu na sgiobaidhean ma-thà agus na sgiobairean an toiseach. Air mo làimh chlì, an sgiobair an craoladair Iain MacIlleMhìcheil. Caraid nan ceud, tha mi cinnteach, air a bheil a h-uile duine againn eòlach ach tha e fhèin a cheart cho eòlach air daoine eile agus cha mhòr gu bheil duine ann an saoghal na Gàidhlig nach do nochd air a’ phrògram aige oidhche Haoine. Agus tha iad ag ràdh ma nochdas tu trì tursan air MacIlleMhìcheil nach eil a’ chòrr an dàn dhut. A bheil duine ann fhathast, Iain, a bu mhiann leat a bhith air a’ phrògram ...

[Iain] Ò ’s iomadh duine sin.

[Ùisdean] ... nach do nochd?

[Iain] ’S iomadh duine sin, Ùisdein, ...

[Ùisdean] Leithid?

[Iain] ... ged a bhiodamaid a’ dol. Coinneach Mòr ...

[Ùisdean] Cha robh e air fhathast?

[Iain] ... MacÌomhair. Cha robh.

[Ùisdean] Uill tha mi a’ smaoineachadh gur e cuireadh a tha sin do Choinneach aig an ìre seo. Còmhla ri Iain ge-tà an turas seo tha “Arna” NicLeòid, mar a chanas iad rithe anns an Rubha ann an Leòdhas, far an do thòisich i cleas a h-uile duine eile ann an sin a’ fuaimneachadh faclan mar “tunnag” gu h-annasach agus “bliadhna” ann an dòigh a tha do-dhèanta dhan chòrr dhen t-saoghal. Rinn i iomadach cùrsa bogaidh anns a’ mhòine far an do thog i sgilean beatha mar Rubhach, rud a tha i an dòchas nach tig oirre a dhèanamh a-chaoidh tuilleadh. Tha fhios nach eil cus diofair eadar a bhith anns a’ pholl-mònach agus a bhith a’ chumhachd anns a’ Phàrlamaid ann an Westminster, far a bheil i a’ leantainn sgeulachdan mòra na dùthcha san latha a th’ ann. Rinn i a dìcheall dualchainnt an Rubha a sgapadh air feadh na Roinn Eòrpa cuideachd ’s i ag obair air a’ phrògram Eòrpa. Anna, an robh blas-cainnte Gàidhlig an Rubha riamh na chuideachadh no na bhacadh dhut an teis-mheadhan na Roinn Eòrpa?

[Anna] Tha e an-còmhnaidh na chuideachadh. Chan eil e riamh na chnap-starraidh ann an àite sam bith, gu h-àraid thall thairis.

[Ùisdean] ’S ann a tha e a’ cur gleans air do chòmhradh .

[Anna] Tha e a’ cur ... ’S abair gleans!

[Ùisdean] Uill cluinnidh sinn an gleans a tha sin a-nochd fhathast. Agus air mo làimh dheis, Màiri Anna NicDhòmhnaill, a bha uaireigin a’ leughadh nan naidheachdan air Radio nan Gàidheal nuair a dh’fheumaiste a bhith a’ rothaigeadh an wireless seach a bhith gan obrachadh le panels na grèine bho mhullach an taighe. Tha Màiri Anna teuchd air na curries mar a tha fhios againn agus tha amharas agam gu bheil fhios agam dè bhios fa-near dhi nuair a bhios sinn deiseil ann an seo a-nochd. A Mhàiri Anna, cha do chuir mi sannd a’ bhìdhe ... chan eil an t-acras ort aig an ìre seo, a bheil?

[Màiri Anna] ’S ann a bha mise a’ smaoineachadh gur ann a bha thu ag amas air na stòcainnean fèilidh a bha thu ag iarraidh orm a dhèanamh dhut.

[Ùisdean] Uill ... Bu chòir dhut crìoch a chur orra mus mi an oidhche a-mach. Tha mi a’ smaoineachadh gur e sin an rud a tha còir agad a bhith a’ dèanamh. Ach co-dhiù, còmhla ri Màiri Anna airson taic a chumail rithe, Coinneach Mòr MacÌomhair, no airson a bhith na chrois buileach ’s dòcha a th’ air aiseirigh a dhèanamh an dèidh dha a bhith air a’ chiad shreath de dh’Aibisidh bho linn cogadh nan con. A Choinnich, nach ann ort a tha am piseach air a thighinn!

[Coinneach] Uill bha dùil agam gur e a bha thu a’ dol a ràdh nach tàinig atharrachadh sam bith orm, agus ’s e sin a bh’ air còrdadh rium buileach. Tha cuimhne agam air sin ceart gu leòr. MacIlleMhìcheil tha eagal orm ga chall fhèin - bha mi aon uair air a’ phrògram agam. Tha mi toilichte a ràdh nach robh mi nam dàrna turas no nam treas turas air fhathast.

[Ùisdean] Uill tha mi a’ smaoineachadh gun robh cìr agad an uair sin cuideachd nach eil agad an-diugh ’s dòcha.

[Coinneach] Bha barrachd agam a chìrinn!

[Ùisdean] Uill bidh sibh eòlach gu leòr air guth Choinnich gach madainn, tha mi cinnteach, air an rèidio ach tha mi a’ tuigsinn gur e a’ chiad turas riamh a bha e air an rèidio ’s ann bho chionn leth-cheud bliadhna! ’S e dealbh-chluich a bh’ ann, Sìthichean a’ Chròcain Uaine. Tha Coinneach a-nis na chathraiche air Comunn na Gàidhlig (CnaG) agus tha mi cinnteach gu bheil sin ga dhèanamh “CnaG-te” ann an iomadach dòigh. Tha ùidh mhòr aig Coinneach, mar a tha fhios againn, cuideachd ann an lùth-chleas, ann am ball-coise ionadail gu sònraichte, agus gu seachd àraidh sgioba a’ Bhac. Bha cliù aige mar bhogsair agus tha duais spòrs gorm no blue aige bho Oilthigh Obar Dheathain airson bogsadh ’s leis an sin, a Choinnich, tha mise a’ smaoineachadh gum bi seo gu feum dhut mar a tha Aibisidh a’ dol air adhart. Seo.

[Coinneach] Tapadh leat.

[Ùisdean] Cuir thusa ort siud ’s bidh iad gu feum dhut.

[Coinneach] Nan ciallaicheadh sin gur ann a dh’ionnsaicheadh e beagan modh dhutsa!

[Ùisdean] ’S dòcha gur ann ri Màiri Anna a bhios tu a’ feuchainn leotha.

[Coinneach] Chan ann. Cumaidh mise iad agus mur an dèan thusa an rud ceart tha fhios agam dè nì mi leotha.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2013.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!