FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Murdo taught in Africa Bha Murchadh a’ teagasg ann an Afraga

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Bha Murchadh a’ teagasg ann an Afraga

[Dòmhnall Moireasdan] Uill dh’fhàg sibh ...

[Murchadh Peutan] Dh’fhàg.

[Dòmhnall Moireasdan] ... agus rud nach robh sibh a’ dol a dhèanamh a’ chor sam bith – teagasg – sin an rud dhan deach sibh.

[Murchadh Peutan] Sin an rud dìreach. Bha mi a’ faicinn, tha mi cinnteach, gur e seo an rud a bha freagarrach air na sgilean a bh’ agam agus ged nach robh mi, nuair a bha mi anns an oilthigh, ged nach robh mi ag iarraidh a bhith a’ teagasg, bha mi a’ faicinn nan rachainn a-steach a theagasg gum biodh cothrom agam ’s dòcha gluasad a-mach à Glaschu agus gluasad gu sgìrean eile ’s àiteachan eile.

[Dòmhnall Moireasdan] Agus abair gun do ghluais! A dh’Afraga. Ciamar a-nis a chaidh sibh a theagasg ann an Afraga?

[Murchadh Peutan] Chunnaic mi sanas ann am pàipear. Bha iad a’ coimhead airson luchd-teagaisg. Aig an àm ud Am Ministry of Overseas Development, bha iad a’ coimhead airson luchd-teagaisg a dhol a-mach gu dùthchannan mar Ceinia, Sàimbia, Na Bathamas ’s chan eil cuimhne a’m dè na dùthchannan eile agus bhruidhinn sinn mu dheidhinn seo ’s rinn sinn suas ar n-inntinn - “uill chan eil Dòmhnall anns an sgoil fhathast agus ma tha sinn a’ dol a dhèanamh rud mar seo, seo an t-àm a dhèanamh” - agus chuir sinn, chuir mise a-staigh airson an obair ’s fhuair mi e.

[Dòmhnall Moireasdan] Ann an Ceinia.

[Murchadh Peutan] Ann an Ceinia.

[Dòmhnall Moireasdan] Teagasg àrd-sgoile.

[Murchadh Peutan] Teagasg àrd-sgoile. Bha mi a’ teagasg fiosaigs ann am baile beag mu dhà fhichead mìle a-mach à Nairobi.

[Dòmhnall Moireasdan] Cò ris a bha sin coltach, a Mhurchaidh? Gu math eadar-dhealaichte, tha fhios, ri foghlam ann am Breatainn aig an àm sin.

[Murchadh Peutan] Bha e gu tur eadar-dhealaichte. Bha. Cha robh ach glè, glè bheag de na daoine òga ann an Ceinia a’ faicinn taobh a-staigh sgoile idir, idir, idir. Bha bochdainn uabhasach anns an dùthaich mar a tha air feadh Afraga air fad, agus bha iad a’ faicinn foghlam cho cudromach. ’S e an aon shlighe a bhiodh aca beatha a dhèanamh dhaibh fhèin a-mach às a’ bhochdainn, iad fhèin a thogail a-mach às a’ bhochdainn a bha seo. Cha robh a’ chòrr dòigh ann.

[Dòmhnall Moireasdan] So bha miann air foghlam.

[Murchadh Peutan] Bha miann eagalach aca air foghlam agus, fhios agad, nan tòisicheadh tu air sgeulachd innse dhaibh anns a’ chlas cha robh e a’ còrdadh ribh idir mur an robh e anns a’ chlàr-teagaisg. Dh’fheumadh iad dìreach faighinn tro na deuchainnean ’s cha robh a’ chòrr a’ cunntais ach sin.

[Dòmhnall Moireasdan] Cuiridh mi geall gun robh Àrd-Sgoil Phort Rìgh beagan eadar-dhealaichte.

[Murchadh Peutan] Beagan eadar-dhealaichte.

[Dòmhnall Moireasdan] Thig sinn gun sin a-rithist. Dè seòrsa beatha a bh’ agaibh ann an Ceinia? Taobh a-muigh na sgoile, tha mi a’ ciallachadh. Dè seòrsa caitheamh-beatha a bh’ ann?

[Murchadh Peutan] Bha e dìreach sònraichte. Bha e math dha-rìribh. Bha seòrsa beatha nach b’ urrainn a bhith againn ann am Breatainn. Bha, mar eisimpleir, bha còcaire a’ dèanamh a’ bhiadh againn. Bha fear eile a’ tighinn a-staigh uair anns an t-seachdain ag obair anns a’ ghàrradh ’s a’ dèanamh sin.

[Dòmhnall Moireasdan] Bha sibh mar uaislean colonial.

[Murchadh Peutan] Dìreach agus bha sinn ag ràdh mus deach sinn a-mach an sin nach robh dad dhen sin gu bhith againn, ach nuair a thig thu a-mach an sin tha thu a’ tuigsinn gu bheil thu a’ toirt obair dha na daoine a tha sin ’s gu bheil iad ag iarraidh na h-obrach sin.

[Dòmhnall Moireasdan] ’S an do chord sin ribh a bhith, daoine a’ frithealadh oirbh mar sin?

[Murchadh Peutan] Chòrd! Feumaidh mi a ràdh gun do chord ’s thòisich mi a’ cluich goilf a-muigh an sin ’s cha robh fiù ’s agam na clubs agam fhìn a ghiùlan. Bha càdaidh agam a’ giùlan nan clubs fad na h-ùine ’s bha sin math.

[Dòmhnall Moireasdan] Ach ’s e dìreach an dà bhliadhna a thug sibh ann.

[Murchadh Peutan] Bha cùmhnant dà bhliadhna againn agus rinn sinn sin agus mun àm sin bha Dòmhnall, mo mhac, bha e a’ tighinn suas gu aois sgoile ’s b’ fheudar dhuinn tilleadh air ais dhan dùthaich seo.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2011.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!