FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gregor's nougat An nougat aig Griogar

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

An nougat aig Griogar

[Griogair] Nise bha dùil agams’ gur e “nugget” a bha aca air a seo ach ‘s e nougat a th’ ann. Bliadhnaichean is bliadhnaichean sin a bha agams’ air co-dhiù.

[Griogair] Tha ceud gu leth grama dha pistachios agam còmhla ri ceud gu leth dha na macadamias a th’ agam cuideachd. Nise, cuiridh mi iad seo dhan an àmhainn aig ceud Celsius agus fàg sinn ann a shin iad gus am bi sinn gan fheumigin

[Griogair] Dhan a’ phana, tha sinn a’ dol a chur dà cheud is fichead ’s a còig grama dha siùcar àbhaisteach, no siùcar granulated, a tha seo. Còmhla ris an t-siùcar tha sin a’ dol a chur mil, agus tha ceud is ceathrad milleliotair, no grama, againn dhan an sin.

[Griogair] Tha mi a’ dol a chur dà spàin mhòr gu leth dha glucose. Agus tha bùrn againne ann a sheo cuideachd; ceud is deich milleliotair.

[Griogair] Agus tha sin ag iarraidh fèir gun leagh an t-siùcar an toiseach mus cuir sinn an àird an teas.

[Griogair] Tha mi a’ teasachadh seo gu ceud is seasgad Celsius. Mu dheich ceumannan mus ruig mi an teas sin tha mi a’ bualadh dà ghealagan uighean gus am bi iad nam bideanan boga.

[Griogair] Seo a-nis. Tha sin againn soft peaks.

[Griogair] Nise, tha sinn fèir aig an teas ceart airson an t-siùcar againn; ceud is seasgad Celsius a th’ againn a-nis. Agus tha sin airson seo a chur a-steach beag air bheag leis na gealagan.

[Griogair] Nise, chan eil mi ag iarraidh air an t-siùcar theth a tha seo a dhol faisg air a’ whisk a tha mi a’ cleachdadh an seo, agus cuideachd cladhaich am bobhla.

[Griogair] Tha seo a’ fàs cho tiugh gu bheil mi ga fhaighinn duilich càil eile a dhèanamh ris. Is chan eil mi ag iarraidh am mixer agam a bhriseadh a bharrachd. Tha mi a’ smaoineachadh gum fàg sinn aig a sin e. Tha e air a dhol duilich gu leòr.

[Griogair] Nise, is tha beagan de dhath air a thighinn air na cnòthan is tha blas nas fheàrr air tighinn oirr’. Agus cuiridh sinn iad sin a-steach. An uair sin na sirisean, agus tha ceud grama air na sirisean ann. Agus aon spàin-teatha dha vanilla extract a tha mi a’ cleachdadh. Agus an uair sin fèir a’ cleachdadh na spàin againn.

[Griogair] Tha mi a’ cur a’ mheasgachaidh seo ann an soitheach ceàrnach, fichead centimetre gach taobh air a lineagadh le pàipear-ruis. Cuiridh mi duilleag eile pàipear-rus air a’ mhullach le cuideam air agus fàgaidh mi e airson suas gu trì uairean a thìd’.

[Griogair] Nis,e tha seo air fàs cruaidh a-nis is e air a bhith a’ suidhe airson, ò, dhà no trì uairean a thìde.

[Griogair] Nise, sin a-mach às an tiona. Dèan cinnteach gun cleachd sibh tiona le bonn a thig às.

[Griogair] Feuch sinn dè tha a-staigh na bhroinn. Seall sin a-nis. Agus na cnòthan cuideachd is a fàileadh a’ tighinn bhuap’.

[Griogair] Tha sin math. Cho bog, cho milis. Is na cnòthan. ’S e nougat, no “nugget” mar a bha agams’ air. Math tha sin.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2018. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!