FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Decorate your nails and learn a bit of Gaelic Sgeadaich d’ìnean agus ionnsaich beagan Gàidhlig

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Sgeadaich d’ìnean agus ionnsaich beagan Gàidhlig

[Ciorstag] ’S dòcha gu bheil e a’ faireachdainn caran faoin ach tha e cudromach gum bi sinn a’ coimhead às ar dèidh fhèin aig an àm seo – le eacarsaich no fèin-chùram ge be dè th’ ann. Is mar sin, tha mise an seo airson tip no dhà a thoirt dhuibh a thaobh maise agus fèin-chùram. An-diugh? Ìnean

[Ciorstag] A’ chiad rud, thoir dheth bhàirnis sam bith a tha ort le stuth rùsgaidh.

[Ciorstag] A-nis cneasan ìne, tha sinn gan iarraidh am putadh air ais, ach feumaidh iad a bhith bog airson seo. Mar sin dèan seo às dèidh amair a ghabhail no ’s urrainn dhut am bogadh ann am bobhla uisge teth le siabann.

[Ciorstag] Cleachd inneal ceart airson gam putadh air ais, no dìreach ìne eile.

[Ciorstag] Cumadh a-nis, tagh dè seòrsa cumaidh a tha thu ag iarraidh is geàrr no faidhlig iad gu sin.

[Ciorstag] An uair sin, lìomhaich. Nis, tha innealan ann mar seo le ceithir ceumannan airson seo a dhèanamh. Chan fheumadh tu seo a dhèanamh ach tha e a’ dèanamh diofar mòr. Bidh am bhàirnis a’ dol air nas fheàrr.

[Ciorstag] A-nist airson bonn. Tha seo cudromach oir bidh e a’ toirt dìon dha na h-ìnean agad. Dìreach cleachd bhàirnis soilleir mur eil fear sònraichte agad.

[Ciorstag] Dath a-nist. An dòigh as fheàrr airson seo a dhèanamh, cuir striop sìos a’ mheadhain, an uair sin cur aon air gach taobh de sin. Na gabh dragh ma tha thu a’ dol air do chraiceann-sa.

[Ciorstag] An dèidh gach ìre de bhàirnis a dhèanamh, FEUMAIDH tu ga fàgail airson tiormachadh.

[Ciorstag] Tha tip agam dhuibh. Ma tha am bhàirnis agad caran stigeach, cuir pìos beag de stuth rùsgaidh na broinn is an uair sin bidh e mar talc-ùr

[Ciorstag] An aon rud ri gach ìre eile. Is dath deiseil

[Ciorstag] Is mar a thuirt mi, an d’ fhuair thu pìos beag air do chraiceann, na gabh dragh. Faigh bruis bheag agus stuth rùsgaidh is sgioblaich an àirde iad.

[Ciorstag] Cota mullaich a-nis gus am bith na h-ìnean agad lìomharra is dìonta.

[Ciorstag] A-nist, ola shònraichte airson nan cleasan-ìne airson am fliuchras fhaighinn air ais. Mur eil sin agad, cleachd ola cnòtha-chòco no ola almoin. Cleachd seo cuideachd mar chè-làimhe no cleachd cè-làimhe cheart.

[Ciorstag] Agus sin agad e. Tha do làimhean is ìnean deiseil. Sgoinneil!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!