FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Are you decorating the house? Ewen is A bheil thusa a’ sgeadachadh an taighe? Tha is Eòghann

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

A bheil thusa a’ sgeadachadh an taighe? Tha is Eòghann

[Eòghann] Is mise Eòghann MacEanraig agus, an-diugh, airson mo chumail a’ dol fhad ’s a tha mi a-staigh, tha mi a’ dol a pheantadh ’s a sgeadachadh an doras-aghaidh againn.

[Eòghann] Mar a chì sibh, tha e dìreach caran sgìth a choimhead agus tha mi a’ dol a chur flap ùr airson nan litrichean air, glagan cuideachd – chan eil fear air an-dràsta. Agus noban ùr air cuideachd agus a’ dol ga pheantadh car gorm, car dubh-ghorm.

[Eòghann] Airson am filler a dhèanamh rèidh tha mi a’ dol a chleachdadh seann phass a bh’ agamsa bho cùrsa a rinn mi ’s a’ Ghearmailt an-uiridh.

[Eòghann] Nist tha mi a’ dol a chleachdadh drile-dhealain an seo agus mar sin tha slàinte ’s sàbhailteachd dha-rìribh cudromach ach cuideachd feumar cuimhneachadh gu bheil mise ann an Mànran.

[Eòghann] Uill, bha mi dìreach a’ dèanamh cinnteach gu fit-eadh flap airson nan litrichean mus peant mi an doras agus tha e fit-eadh so tha sin math.

[Eòghann] Cuideachd rud eile math a rinn mi – an-dràsta chan fhosgail e buileach agus tha sin math oir chan fhaigh corona-bhìoras sam bith a-staigh mur a dh’fhosglas a flap.

[Maria] Cur cheart e!

[Eòghann] Chan eil duine a’ cur litrichean san latha a th’ ann!

[Maria] Cur cheart e!

‘Às dèidh beagan ùine…’

[Eòghann] Uill sin agaibh a chàirdean, shiud a’ chiad chòta deiseil. Tha e a’ tighinn air adhart meadhanach math. Seo Maria, dè do bheachd?

[Maria] Aw tha.. tha pìos ann a shiud dèan cinnteach..

[Eòghann] Tha fios agam chan e seo ach a’ chiad còta.

[Maria] Agus pìos sìos an sin chan eil e cho math.

[Eòghann] A’ chiad còta a th’ ann!

[Maria] Agus am frèam?

[Eòghann] Am frèam?

[Maria] Am frèam air an doras, mun cuairt ann an sin.

[Eòghann] Bha thu ag iarraidh dath eile air an frèam.

[Maria] Cha robh, cur an aon dath air.

[Eòghann] Thuirt thusa… gun robh thu ag iarraidh dath eile air an frèam….

[Eòghann] Bocsa airson nan litrichean air, glagan ùr air, ach tha trioblaid agam – tha noban a dhìth orm.

[Eòghann] Tha mi air fear eile òrdachadh air an eadar-lìon ach anns an eadar-ama tha mi a’ dol a ghoid am fear seo a chur mi air an spare room bho chionn ghoirid oir cha tig duine a cheilidh oirnn san latha a th’ ann co-dhiù.

[Eòghann] Shin agad e a-nist deiseil! Ceud mile fàilte! Bheil iuchar agad?

[Maria] Bheil iuchar agadsa?

[Eòghann] Chan eil!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!