FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Chloe’s family An teaghlach aig Chloe

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

An teaghlach aig Chloe

[Chloe] Chloe Steele an seo ann an Uibhist a Deas. Bidh mi a’ smaointinn air Dad gu math tric an-dràsta oir tha tòrr obair aige ri dhèanamh air a’ chruit. Tha mo phiuthar, Dawn, a’ dol sìos chun a’ mhachaire ga chuideachadh a h-uile latha. Bidh i a’ dèanamh obair na sgoile tràth ’s a mhadainn is an uair sin a’ dol sìos còmhla ri Dad le tì is biadh is rudan mar sin.

[Athair Chloe] Tha mi trang a’ treabhadh an-dràsta agus feumaidh mi dhèanamh fhad ’s a tha mi a-staigh. Tha mi ag obair air falbh airson dà sheachdain aig an àm so tha mi a-staigh an-dràsta airson dà sheachdain. So feumaidh mi dhèanamh fhad ’s a tha mi a-staigh eagal ’s gu bheil sinn glaiste air a’ bhàta air sàillibh a’ choròna-bhìorais a tha seo. Agus an nighean òg agam a thig a-nuas a’ toirt dhomh hand as dèidh obair sgoile a’ dhèanamh an-dràsta. Bidh ise air an tractar eile, bidh i a’ diosgadh ‘s a’ clìoraigeadh an treabh agam.

[Chloe] Tha mo phiuthar eile Cara aig an taigh a h-uile latha a’ dèanamh tòrr obair sgoile oir tha i ag iarraidh a bhith na mental health nurse. Tha i an dòchas gum bi na exams aice an-ath-bhliadhna. ’S e àm doirbh a tha seo dhan h-uile duine ’s tha dragh oirnn, ach tha sinn an dòchas gum bi a’ bheatha againn ann an Uibhist air ais mar a bha i ann an ùine nach bi ro fhada.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!