FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sensible advice from Calum Comhairle ciallach bho Chalum

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Comhairle ciallach bho Chalum

[Calum] Halò! An t-seachdain sa tha mise air a bhith a’ smaointinn mu shlàinte-inntinn, agus cho cudromach ’s a tha e a bhith mothachail air gu h-àraidh an-dràsta. Uaireannan tha mi a’ faireachdainn gu bheil a h-uile cothrom agam, gun urrainn dhomh rud sam bith a dhèanamh agus ’s ann an uair sin a tha m’ eanchainn air ghleus. Ach làithean eile, chan eil e cho math.

[Calum] Bidh mi a’ faireachdainn gun neart, caran glacte taobh a-staigh m’ eanchainn fhèin, agus air chall.

[Calum] Agus leis an fhìrinn innse, bha e doirbh spionnadh a lorg airson am bhidio seo a dhèanamh. Ach smaoinich mi rium fhìn – dè na rudan a tha mise air a bhith dèanamh gus togail a thoirt dhomh tro lockdown?

[Calum] Feumaidh tu rudan a dhèanamh a tha a’ toirt ort faireachdainn mar thu fhèin a-rithist. Ged a b’ fheàrr leam a bhith suas anns na beanntan no snàmh aig tràigh, tha mi air an cothrom a ghabhail tòrr rothaireachd agus tòrr ruith a dhèanamh.

[Calum] Sin trì, seo doirbh.

[Calum] Agus uaireannan dìreach coiseachd càs rùisgte air an raon-goilf.

[Calum] Leis nach eil duine a’ cluich, cha tèid mo bhualadh le ball.

[Calum] Chan eil mi air mo bhana-charaid fhaicinn airson dà mhìos ’s tha sin doirbh ach tha sinn a’ bruidhinn a h-uile latha agus tha mi air barrachd de mo charaidean fhaicinn tro fharpaisean ceist na bhithinn mar às àbhaist, chanainn.

[Calum] Agus tha fhios agam nach eil eacarsaich mar sin dhan a h-uile duine, do chuid ’s e a bhith a’ faighinn air chall ann an leabhar a tha gan cuideachadh. Ach tha mi a’ smaointinn gu bheil an ceangal sin le daoine eile air leth cudromach agus a bhith a’ bruidhinn mu mar a tha sinn a’ faireachdainn. Tha cuimhne a’m a’ chiad turas a rinn mi e cha robh mi cleachdte ris agus bha e eagalach ach chuidich e mi. Ma tha droch latha agam gabhaidh mi beachd air na rudan air a bheil smachd agam. Bheil mi air gu leòr òl? Bha mi air biadh fallainn ithe? Bheil feum agam air norrag? Rudan sìmplidh aig a bheil smachd agam fhèin air. Bruidhinn air sin, tha mi a’ dol a-muigh!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!