FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Have you tried these ideas? An do dh’fheuch thusa na beachdan seo?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

An do dh’fheuch thusa na beachdan seo?

[Lauren] Halò, is mise Lauren, agus chan eil fhios agam mu dheidhinn sibhse, ach tha mise a’ fàs beagan sgìth den ghlasadh sluaigh a tha seo. Dè eile is urrainn dhomh a dhèanamh? Choimhead mi air-loidhne agus tha iomadh liosta ann ag innse dhomh dè seòrsa rudan a dh’fhaodainn fheuchainn fhad ’s a tha mi stuigte am broinn an taighe. Tha mi air cuid dhuibh seo fheuchainn an-diugh agus faodaidh sibhse tagh ma bha mi soirbheachail agus ma sibhse ag iarraidh fheuchainn iad seo sibh fhèin.

[Lauren] Àireamh a h-aon: yoga. Chuala mi gu bheil yoga math airson do bhodhaig agus d’ inntinn. ‘S urrainn dhuibh fhaicinn gu bheil mise glè mhath air mar-tha.

[Lauren] Dè mu dheidhinn ealain nam foileagan airson rudeigin diofraichte? ’S e taigh a th’ ann… gu cinnteach.

[Lauren] No ’s dòcha fèin-dealbh ma-tha?

[Lauren] Chan urrainn dhomh dìochuimhneachadh m’ fhalt curladh! Hmm… caran eagalach.

[Lauren] Fuine, cuir teachdaireachd thugam.

[Lauren] Thuirt na liostaichean gur e deagh chothrom ionnsramaid ùr ionnsachadh… ach thuit sinn a-mach le chèile gu math luath.

[Lauren]’S dòcha gum bi mi na b’ fheàrr cànan eile ionnsachadh.

[Lauren] Fuirich aig an taigh

[Lauren] Mu dheireadh, dè mu dheidhinn fort? Cha robh seo air liosta sam bith, bha mi dìreach ag iarraidh fear a chruthachadh. Thig a-steach!

[Lauren] Air sgàth ’s… uill.. air sgàth ’s!

[Lauren] Tha e caran cramped a-staigh an seo.

[Lauren] Tìoraidh!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!