FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Seonag is exercising at home. What about you? Tha Seonag ag eacarsaich aig an taigh. Dè mu do dheidhinn sa?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Tha Seonag ag eacarsaich aig an taigh. Dè mu do dheidhinn sa?

[Seonag] Halò! Seonag Buxton an seo a-rithist agus an-diugh tha mi a’ dol a bhith ag innse dhuibh na rudan a tha mi air a bhith a’ dèanamh bhon taigh agam airson a bhith a’ fuireach fit tron ghlasadh sluaigh a tha seo. Tha mi glè fhortanach gu bheil cnoc beag air cùl an taighe agam a bhios a’ toirt mu aon uair a bhith ga sreap dhan a’ mhullach. Bidh mi ga sreap ’s dòcha dà thuras gach seachdain agus ’s e deagh eacarsaich a th’ ann. An seo, chì thu right thairis air Ceann a’ Ghiùthsaich a-null dhan a’ Mhonadh Ruadh.

[Seonag] Agus tha mi air a’ mhullach a ruighinn, seall cho àlainn ’s a tha e!

[Seonag] Bhon a’ mhullach, chì thu right sìos An Srath bho Ceann na Creige seachad air Ruthven Barracks agus Ceann a’ Ghiùthsaich, seachad air Baile Ùr an t-Slèibh agus sìos gu Lagan.

[Seonag] Dòigh eile a tha mi air beagan gluasad fhaighinn a-steach ’s e a bhith feuchainn yoga. Nist, chan eil mi uabhasach math air yoga idir ach tha e air a bhidh a còrdadh rium. Agus ’s urrainn dhut a dhèanamh an àite sam bith, anns a’ ghàrradh no anns an taigh. Tha e uabhasach math airson blàthachadh sìos an dèidh eacarsaich no dìreachstretch beag aig àm sam bith. Tha tòrr bhidiothan air YouTube ma tha sibh a’ lorg stiùireadh.

[Seonag] Ceart, an-diugh tha mi a’ dol a dhol a’ ruith. Tha mi uabhasach fhèin fortanach gu bheil rathad baidhsagail agam dìreach air taobh a-muigh an taighe agam agus sin far a bheil mi dol a dhol.

[Seonag] Fhad ’s a tha mi a’ ruith, bidh mi ag èisteachd ri podcast no ceòl, ’s toigh leam an tìde seo leam fhìn.

[Seonag] Deiseil!

[Seonag] Latha snog eile a th’ ann agus tha mi a' dol a dhol a-mach air a’ bhaidhsagal.

[Seonag] ’S e cycle-friendly-village a th’ ann an Ceann a’ Ghiùthsaich agus tha tòrr slighean timcheall air an sgìre.

[Seonag] Agus seo sinn aig Tromie Bridge.

[Seonag] Chaidh am fear a rinn mise an-diugh seachad air Ruthven Barracks, thairis air Tromie Bridge, seachad air Drumguish, seachad air Loch Insh, timcheall air Ceann na Creige agus air ais gu Ceann a’ Ghiùthsaich.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!