FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Are you as busy as Shannon? A bheil thusa cho trang ri Shannon?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

A bheil thusa cho trang ri Shannon?

[Shannon] Halò is mise Shannon agus ’s e banaltram a th’ annam ann an A&E ann an Glaschu. Agus an-dràsta tha sinne trang a’ sabaid an aghaidh an coronavirus agus mur nach robh sinn trang gu leòr le sin, tha sinn air a bhith a’ gluasad agus tha sinn nise ann an flat ùr, air a bhith trang a’ peantadh agus a’ dèanamh rudan ùr' dhan flat seo. So, tha mi dìreach a’ dol a shealltainn ribh dè rinn sinn.

[Shannon] Lorg sinn am bòrd seo agus dh’fheuch mi upcycling airson a’ chiad turas.

[Shannon] Seo Seòras!

[Shannon] Ged a tha e a' coimhead tòrr nas fheàrr, bha mi uabhasach sgìth agus bha e uabhasach doirbh. Agus cha robh Seòras a’ cuideachadh.

[Shannon] Bha an seòmar agam dona donn so bha feum agam atharrachadh.

[Shannon] Bheil e a’ coimhead math? Chan eil fhios a’m...

[Shannon] Dh’ionnsaich mi mar a bhios tu a' dèanamh dealan-dè, a’ cleachdadh origami.

[Shannon] Tha iad a' coimhead cho snog, bidh iadsan a’ dol suas nam sheòmar!

[Shannon] Tha an seòmar agam gu bhith deiseil.

[Shannon] Tha an seòmar-suidhe a’ coimhead nas fheàrr cuideachd.

[Shannon] Coltas gu bheil Alannah agus Seòras measail air cuideachd.

[Shannon] Sin sinn airson an-diugh, tha mi a' smaoineachadh gu bheil an t-àm ann airson glainne fionna.

[Shannon] Slàinte!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!