FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A’ cumail sàbhailte am broinn ‘Bùth Bharraigh’ Keeping safe inside ‘Bùth Bharraigh’

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Keeping safe inside ‘Bùth Bharraigh’

[Ceitidh] Halò, is mise Ceitidh, tha mi air a bhith ag obair ann am bùth fhad ’s a thàinig mi air ais a’ Bharraigh airson an t-samhraidh. Tha a’ ghrian dìreach a’ deàrrsadh an seo, cha mhòr nach eil mi gad fhaicinn! Ach co-dhiù, tha na bùithtean an seo air a bhith dèanamh tòrr air rudan airson ar cumail sàbhailte agus tha iad a’ dèanamh... uill tha tòrr air atharrachaidh really bhon a thòisich a h-uile sgàth seo. So tha sin dol a dhol gu Barra Island Stores airson faicinn na tha air atharrachadh an sin agus na tha iadsan a’ dèanamh airson ar cumail sàbhailte.

[Ceitidh] Tha gloves aca airson do làmhan, tha masks ann airson d’ aodann agus cuideachd tha beagan de sheo ann airson do làmhan a ghlanadh.

[Ceitidh] Tha bagaichean aca le biadh tioram gus am bi gu leòr ann airson rudeigin airson a h-uile duine. Tha glasraich aca. So tha buntàta. Tha measan aca ‘s tomatoes ’s tòrr de rudan. Tha feum agam fhìn rud no dhà a thogail suas fhad ’s a tha mi seo.

[Ceitidh] Agus maorach!

[Ceitidh] ’S dòcha gun tog mi tè dhiubh seo shuas cuideachd fhad ’s a tha iad ann.

[Ceitidh] So, tha mi dìreach air ais on bhùth, cha tug e fada idir really, dìreach thog mi shuas rud no dhà. Cha robh queues sam bith ann, bha e gu math socair, tha sinn cho fortanach mar sin - chan eil mi a’ smaointinn gu bheil e mar sin idir air an tìr-mhòr. Co-dhiù, tha mi smaointinn gu bheil e cho cudromach gu bheil sinn taingeil airson na th’ againn an seo ann am Barraigh agus na tha a h-uile duine dèanamh anns na bùithtean air feadh Alba airson sinne a chumail sàbhailte agus a toirt dhuinn na tha feum againn air. So, gu math pròiseil agus gu math taingeil!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!