FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A bit of fun: Advice from Adele about filming Beagan spòrs: Comhairle bho Adele airson bhidio a chlàradh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Beagan spòrs: Comhairle bho Adele airson bhidio a chlàradh

[Adele] Halò! Is mise Adele agus 's e seo an treasamh bhlog agam airson BBC ALBA. An t-seachdain sa, tha mise air a bhith a’ coimhead air ais air na bloopers agam. Bha tòrr ann. Agus 's e sin a tha mi dol a bhith sealltainn dhuibh an-diugh so 's e seo liost' de na rudan nach bu chòir dhuibh a dhèanamh ma tha sibh airson an bhlog agaibh fhèin a dhèanamh.

[Adele] A’ chiad rud – dèan cinnteach nach eil thu a’ filmeadh ann an àite le cus fuaime no distractions.

[Adele] Uhhh... wasp.

[Adele] Wait there...

[Adele] Ò, halò!

[Adele] An dàrna rud nach bu chòir dhuibh a dhèanamh 's e tòiseachadh filmeadh gun smaoineachadh mu dheidhinn dè tha thu dol a ràdh.

[Adele] Yeah... seo... dè na tha mise...

[Adele] Attempt... what’s attempt in Gaelic? I don’t know...

[Adele] Feumaidh mi ràdh chan e Bary… “Bary Merry”?!

[Adele] Feumaidh mi ràdh chan e Bary... oh my god!

[Adele] A’ cur am fòn agad ann an àite gun churam. Chleachd tripod ma tha tripod agad.

[Adele] Rudeigin eile nach bu chòir dhuibh a dhèanamh, 's e filmeadh an bhlog air fad ann an portrait mode an àite landscape.

[Adele] Bidh feum agad an bhlog air fad a' filmeadh a-rithist.

[Adele] Agus aon rud eile: a’ dèanamh cinnteach nach eil sibh a dèanamh a h-uile càil a tha mise dìreach air a ràdh aig an aon àm.

[Adele] Happy vlogging!

[Adele] Shhh... Shhhh...

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!