FaclairDictionary EnglishGàidhlig

What was lockdown like for Eilidh? Cò ris a bha lockdown coltach do dh’Eilidh?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Cò ris a bha lockdown coltach do dh’Eilidh?

[Eilidh] Dè tha thu ag iarraidh a dhèanamh nuair a tha an lockdown deiseil?

[Eilidh] Snàmh.

[Eilidh] Dè eile?

[Eilidh] Halò!

[Eilidh] Is mise Eilidh Hart. Tha mi a’ fuireach ann an Airdrie còmhla ri gille beag agam. Tha mi a’ feuchainn ri theagaisg aig an taigh. Tha mi nam thidsear. Ann an dòigh tha e furasta dhòmhsa oir nach eil agam ach an aonan ach aig an aon àm, tha e mar gum biodh, chan eil duine aige ga chluicheas e leis. So tha e rud beag aonranach. Tha e a’ coimhead ormsa airson cluich, airson leasanan, airson obair, airson biadh, airson a h-uile càil.

[Eilidh] Tha Cathal an seo uabhasach fhèin math air a bhith leughadh leabhraichean Gàidhlig.

[Eilidh] Cùm a’ dol.

[Eilidh] Tha mi air a bhith ro thrang, tha mi smaoineachadh, mus tàinig an lockdown, ’s mar sin tha mi smaoineachadh chun an-ath-bhliadhna, nuair a bhios mi an dòchas gum bi a h-uile sian air ais mar a b’ àbhaist, agus chan eil mi a’ dol a dhèanamh an leithid ’s a bha mi a’ dèanamh.

[Eilidh] Sin agad e a-nist, latha eile seachad. Tha mi an seo, tha an gille beag anns an leabaidh. Mus tòisich mi a’ coimhead air na filmichean agam agus an tràilleach a bhios mise watcheadh, tha mi dìreach dol a thoirt mionaid bheag dhomh fhìn a’ faireachdainn cho sàmhach ’s tha an taigh, cho socair ’s cho toilichte ’s a tha sinn ged nach e àm uabhasach cinnteach no uabhasach sàbhailte a th’ ann an-dràsta. Tha sin gam chumail toilichte. Cuideachd, ag ithe pacaid bhriosgaidean rium fhìn agus ag òl tì. Cumaidh mi an fìon chun an deiridh-seachdain.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!