FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The county's pupils are successful in their exams Sgoilearan na dùthcha soirbheachail sna deuchainnean aca

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Sgoilearan na dùthcha soirbheachail sna deuchainnean aca

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Tha sgoilearan air feadh Alba air a bhith a’ faighinn a-mach an-diugh mar a chaidh leotha anns na deuchainnean aca. Rinn còrr is ceud gu leth mìle òganach pàipearan aig Ìre Choitcheann, Àrd Ìre no Sàr Àrd Ìre. Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach robh sgoilearan na dùthcha a-riamh cho soirbheachail. Seo cuideachd a’ bhliadhna mu dheireadh dhen Ìre Choitcheann nuair a dh’ fhosglas na sgoiltean nas fhaide air a’ mhìos, ‘s e Ìre Nàiseanta Ceithir ‘s a’ Chòig a bhios ann. An aithris-sa aig Darren Linc.

[Darren Linc – Neach-aithris] Bliadhna eile agus clàr eile ga bhriseadh. Tha sgoilearan na h-Alba a’ dèanamh nas fheàrr anns na deuchainnean aca aig Ìre Choitcheann, Àrd Ìre agus Sàr Àrd Ìre na rinn iad a-riamh roimhe. ‘S e àrdachadh beag a th’ air a bhith ann, ach àrdachadh a dh’ aindeoin sin

[Darren Linc – Neach-aithris] Aig Sgoil Gàidhlig Ghlaschu na bu tràithe an-diugh, bha Molly a’ faighinn a-mach na rinn i tro theachdaireachd teagsa. Bha am post gun tadhal fhathast le litir ach abair thusa gun robh Molly agus a h-athair toilichte le na bha iad a’ faicinn.

[Molly] Chaidh leam gu math. Fhuair mi A agus sia aon aig an Ìre Choitcheann agus tha mi gu math toilichte le sin.

[Darren Linc – Neach-aithris] Fhuair Molly na bha i ag ullachadh air a shon, ach gach bliadhna, feumaidh grunn sgoilearan taic agus tha iad a’ dèanamh nas fheàrr no, ‘s dòcha, nas miosa na bha dùil aca.

[Donalda NicComb] Bidh sinne a’ toirt seachad taic aig an deireadh sheachdain. Tha luchd-obrach na sgoile a tha a’ gabhail uallach airson taobh stiùiridh. Bidh iadsan a-staigh, air eagal ‘s gu bheil sgoilearan ann a tha, ‘s dòcha ceistean aca a thaobh an d’ fhuair iad gu leòr airson faighinn air cùrsa sònraichte, no ma rinn iad na b’ fheàrr a bheil rudeigin eile a bu chòir dhaibh a bhith a’ beachdachadh air?

[Darren Linc – Neach-aithris] Bidh gàirdeachas a-nis ga dhèanamh air feadh Alba agus sgoilearan a’ dèanamh nas fheàrr na rinn iad a-riamh roimhe sna deuchainnean aca. Ged-thà, bidh feadhainn a-nis cuideachd a’ ceasnachadh an e a tha a’ tachairt dìreach gu bheil na deuchainnean air fàs nas fhasa?

[Donalda NicComb] Cha chanainn-sa gu bheil na deuchainnean a’ fàs nas fhasa. Chunnaic mise na h-aodannan aig na sgoilearan a’ tighinn a-mach às an rùm-deuchainn as-dèidh feadhainn de na cuspairean am bliadhna seo fhèin. Agus tha fhios ‘am gu bheil an luchd-obrach anns an sgoil a tha seo agus air feadh Alba ag obair cho trang.

[Molly] Bha mi a’ smaointinn gun robh iad doirbh gu leòr agus rinn mi tòrr obrach airson seo. ‘S dòcha gu bheil iad nas fhasa, ach bha mi a’ smaointinn gun robh iad fhathast doirbh gu leòr.

[Darren Linc – Neach-aithris] Leis an naidheachd mu shoirbheachas a bharrachd, tha deireadh linne ann cuideachd. Seo bliadhna mu dheireadh dhen Ìre Choitcheann, an Standard Grades, a th’ air a bhith ann bho mu mheadhan nan ochdadan. Na àite, thig Ìrean Nàiseanta a Ceithir agus a Còig nuair a dh’ fhosglas na sgoiltean a-rithist. ‘S e barrachd sùbailteachd ann a bhith ag ionnsachadh cuspairean, aon rud a thathas a’ coimhead air a shon le na h-Ìrean ùra. Le barrachd cuideim ga thoirt air sgilean agus foghlam practaigeach. Mar sin, ‘s e obair cùrsa tron bhliadhna a bhios anns a’ chumantas a’ sealltainn cho math ‘s a rinn sgoilear. Agus chan e dìreach ciamar a rinn iad ann an seòmar-deuchainn. An dòchas a th’ ann, ‘s e gun obraich seo do sgoilearan, do thidsearan agus do luchd-fastaidh. Darren Linc, BBC An Là, ann an Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!