FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donald Meek’s new challenge An dùbhlan ùr aig Dòmhnall Meek

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Càirdeas Cogaidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Càirdeas Cogaidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

An dùbhlan ùr aig Dòmhnall Meek

[Preseantair] Tha Dòmhnall Meek an-diugh a’ fuireach anns an Eaglais Bhric agus e air a dhreuchd anns an saoghal acadaimigeach a leigeil dheth. Tha e a-nis air aire a thionndadh gu beatha Iain, bràthair a sheanmhar a rannsachadh.

[Dòmhnall Meek] Tha mise air a bhith beò còmhla ri Iain mar gum biodh, fad mo bheatha ann an dòigh car annasach, ach tha mi a’ faireachdainn nach do chrìochnaich mi, nach do dhùin mi an cearcall anns an teaghlach agus feumaidh mi dol a-null don Fhraing. Tha mi a’ faireachdainn car ciontach nach do sheas mi riamh aig uaigh Iain.

[Dòmhnall Meek] Ach a bharrachd air an sin nach d’ fhuair mi fhathast tuigse cheart air càit’ an do thuit e agus càit’ an deach e a thiodhlacadh mu dheireadh.

[Preseantair] Chaidh Iain às an rathad air a’ chiad latha de Bhlàr Arras air an naoidheamh latha den Ghiblean naoi-deug ‘s a seachd-deug. Bhon àm a chaidh a thogail dhan airm gu latha a’ bhàis, bhiodh e a’ sgrìobhadh litrichean agus cairtean gu theaghlach agus nuair a ràinig e dhan Fhraing, leabhar-latha.

[Dòmhnall Meek] Bha fhios agamsa nuair a bha mi nam bhalach gun robh litrichean ann a bha prìseil, ach cha do thuig mi gus o chionn ghoirid dè cho prìseil ‘s a bha iad. Tha na litrichean ag innse dhuinn ciamar a bha e a’ faireachdainn. Chan eil iad ag innse dhuinn idir mòran mun Chogadh fhèin. Tha e mar gum biodh, a’ seachnadh taobh, salach grod a’ Chogaidh, murt is marbhadh chan eil sin a’ nochdadh mòran idir.

Chaidh am prògram seo, Càirdeas Cogaidh, a chraoladh an toiseach ann an 2014.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!