FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fulfilling an obligation Dleastanas a choileanadh

Video, Gaelic transcript, English translation and vocabulary from the programme HMS Timbertown Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram HMS Timbertown

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Dleastanas a choileanadh

[Angela NicIlleathain] Nuair a thòisich an cogadh ann an naoi ceud deug agus ceithir deug, chaidh fir na dùthcha a ghairm airson seirbheis a thoirt seachad. Ann an Leòdhas a-mhàin bha na mìltean mar-thà air an treànadh anns a’ mhailisidh no nan seòladairean cùl-earalais sa Chabhlach Rìoghail, an RNR. Bha aig na fir a-nis leis an dleastanas a bh’ orra bho bhith nam buill anns na buidhnean sin a choileanadh.

[Anna NicSuain] Cha robh tòrr airgid aca tighinn a-steach, de dh’airgead fhèin mar gum biodh. Agus mar sin bha tòrr aca dha na fir a’ dol dhan mhailisidh agus a’ dol dhan RNR no an RNVR son bha iad a’ faighinn beagan airgid. Agus ann an dòigh bha sin a’ ciallachadh air a thàinig an cogadh gun robh iad dìreach air an glacadh anns an t-suidheachadh.

[Angela NicIlleathain] Chruinnich sluagh mòr air a’ chidhe ann an seo ann an Steòrnabhagh ’s iad a’ guidhe soraidh slàn dha na fir. Thàinig na fireannaich às gach ceàrnaidh dhan eilean, às Ùig, bho taobh siar, An Rubha, Tolastadh bho Thuath. Thòisich feadhainn ann an seo. Thàinig cuid eile air gige. Fiù ’s nach tàinig bàta làn fhireannach à Nis. Às an seo rinn iad air tìr-mòr, far an robh tuilleadh òrduighean a' feitheamh orra.

Chaidh am prògram seo, HMS Timbertown, a chraoladh an toiseach ann an 2014.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!