FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Hero of the Iolaire Gaisgeach an Iolaire

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Iolaire Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Iolaire

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Gaisgeach an Iolaire

[Preseantair] Chaidh tomhas mhòr de na thàinig beò às an Iolaire a shàbhaladh ri linn ròpa Iain Mhurdo. Ach a dh’aindeoin na rinn e cha robh e riamh ga fhaicinn fhèin mar ghaisgeach.

[Iain Murchadh MacLeòid] Nan deigheadh tu a dh’fhaighneachd dha fhèin ciamar a fhuair e air tìr chanadh e riut “Thurchair dhòmhsa sin, gun d’ rinn mi an rud ceart aig an àm cheart.” Sin an còmhradh aige fhèin. “Rinn mi an rud ceart aig an àm cheart.” Cha b’ e càil ach gun thurchair gun do dh’obraich e a-mach dha. Ach an dèidh sin a ràdh saoilidh mise gun robh rud no dhà na adhbhar agus ’s e sin an t-eòlas a bh’ aige air obair na mara a thaobh nan cliathan agus na bha ann. Mar a bha mi a’ cantainn ribh chan eil àite, chan eil àite anns an eilean as fheàrr a chuireas tu eòlas air dol-a-mach na fairge na thall againne ann an Nis. Ach ged a bhiodh an duine a b’ fheàrr air an t-saoghal a’ snàmh cha b’ e an snàmh a shàbhaladh e. Ach ’s e gun do chùm e fhèin air uachdar ’s gun do leig e dhan mhuir dèanamh na rudan nach urrainn dha fhèin a dhèanamh. Sin an rud. Sin an rud a chanas esan mu dheidhinn. ‘S gun adhbhrachadh gun d’ rinn e an rud ceart aig an àm cheart.

Chaidh am prògram seo, Iolaire, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!