FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Hugh Dan’s first shinty stick A’ chiad chaman aig Hugh Dan

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Lean gu Dlùth Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Lean gu Dlùth

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

A’ chiad chaman aig Hugh Dan

[Hugh Dan] Camanachd – gur roghainn spòrs e e, Càit a bheil coimeas ris san Eòrpa? Mar a thuirt am bàrd. Uill cha robh cus camanachd anns na Hearadh far am buineadh an teaghlach againne ach ’s ann an seo air Sràid Glenkingie, an Caol a’ Ghearastain, a thogadh mi. Fhuair mi mo chiad chaman bho fhear a bha càirdeach dhomh, Niall MacIllFhinnein, a bha a’ fuireach air an aon shràid.

[Hugh Dan] Tha mo mhàthair an-diugh air gluasad bhon t-seann dhachaigh gu Inbhir Lòchaidh.

[Hugh Dan] A bheil sibh a-staigh?

[Màthair Hugh Dan] Nach tu tha dèanamh strainnsear dhìot fhèin.

[Hugh Dan] Chan eil. Thig a-mach. Càit’ a bheil thu? Tha thu sin. Ciamar a tha thu?

[Hugh Dan] Tha deagh chuimhne aicese air mo chiad cheumannan le caman.

[Hugh Dan] An e sin a’ chiad caman a bh’ agam ge-tà?

[Màthair Hugh Dan] ’S e sin a’ chiad chaman a fhuair thu riamh.

[Hugh Dan] ’S co às a thàinig sin?

[Màthair Hugh Dan] Bha Niall an sàs anns a’ chamanachd. Ach chan fhaigheadh tu de cheannach caman an uair sin, ged a dheigheadh tu air do bheul fodhad, air m’ onair chan fhaigheadh agus bha Niall, thachair gun robh e aige, is ghabh e thruas agus sgreamh dhìotsa anns an èiginn anns an robh thu agus dh’fhalbh e dhachaigh is thàinig e leis an siud is chuir e do smiogaid air mullach a’ mhaide

[Hugh Dan] Ach bha sin fada ro mhòr. Dè thachair an uair sin? Cha b’ urrainn dhomh cluich leis an siud.

[Màthair Hugh Dan] Thug e pìos eile dheth. Bhiodh tu a’ falbh às dèidh a h-uile duine aig am faiceadh tu bata, ’s g’ e b’ e clach no buntàta bha thu a’ toirt slaic dha leis an sin. ’S bha Niall an uair sin a’ gabhail a leithid de thàmailt nach robh fear ceart agad.

[Hugh Dan] Dè cho tric ’s a bhitheamaid a’ cluich camanachd, ma-thà?

[Màthair Hugh Dan] Ò, bha sibh a’ dol a-mach air an rathad mhòr siud fad an t-siubhail. Cha robh an còrr ann a bhiodh sibh a’ dèanamh.

[Hugh Dan] Cha robh - fhad ’s is fhiosrach mi – cus ùidh aig m’ athair ann an camanachd. Rè ùine, bha ùidh gu leòr aig mo mhàthair ann ’s i a’ toirt rabhadh dhomh a h-uile turas a bhithinn a’ falbh, a bhith falbh le drathais ghlan orm gun fhios nach landainn anns an ospadal an oidhche sin ’s mi air mo ghoirteachadh. Sin an saoghal a bh’ againn ann an Caol a’ Ghearastain aig an àm sin ’s cha robh ann ach ceum an rathaid às an seo gu bhith cluich bho moch gu dubh ann am pàirc na sgoile, ceum an rathaid air falbh. Bha mi tòrr na bu shùbailte anns na làithean sin na tha mi an-diugh.

Chaidh am prògram seo, Lean gu Dlùth, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!