FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donald Morrison in conversation with Anne Lorne Gillies Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Anna Latharna NicGillÌosa

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo with Anne Lorne Gillies Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo le Anna Latharna NicGillÌosa

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Anna Latharna NicGillÌosa

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Anna Latharna NicGillÌosa, seinneadair, neach-ciùil, tidsear, eòlaiche foghlaim, sgrìobhadair, neach-poilitigs agus tha mi cinnteach g’ eil iomadach fear eile a dh’ fhaotainn a ràdh cuideachd, ‘s dòcha gun tig sinn thuca mus bi sinn deiseil, fàilte, oirbh, Anna.

[Anna Latharna NicGillÌosa] Tapadh leat, tha mi a’ faireachdainnean sgìth mu thràth.

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Uill, ‘s ann mar a tha mi fhìn a’ faireachdainn, a’ leughadh eachdraidh ur beatha. Dh’fhaodainn ag ràdh gur ann, daoine a bhios a’ coimhead a’ phrògraim-sa, gur ann mar sheinneadair Gàidhlig, ‘s dòcha as motha tha iad eòlach oirbh. ‘Eil sibh toilichte bhith air ur faicinn mar sheinneadair Gàidhlig?

[Anna Latharna NicGillÌosa] Tha mi gu math toilichte, ‘s e sin a bhithinn-sa air son a bhith, nuair a thig e, chan ann thuige seo ach as-dèidh seo, mar gum b’ e aig ceann thall an latha, gur ann mar sin a bhiodh mi bhithinn airson ‘s gum biodh cuimhne aig daoine orm. Ach ann an corra àiteachan, chan ann mar sin a tha daoine gam fhaicinn idir.

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Ciamar a tha iad gad fhaicinn?

[Anna Latharna NicGillÌosa] Uill, tha mi fhathast a’ dèanamh tòrr seinn agus bha mi riamh a’ dèanamh tòrr seinn air feadh Alba agus ann an àiteachan eile, ach tha mi fhathast ag obair gu h-àraidh ann an taobh an ear-thuath dhen dùthaich agus ann an siud tha iad ag iarraidh orm McGinty’s Meal and Ale is gnothaichean mar sin a sheinn agus tha mi a cheart cho cofhurtail, feumaidh mi ag ràdh, a bhith seinn ann an Gàidhlig agus Albais agus cànanan eile agus tha e a’ còrdadh rium a bhith ann an dòigh a bhith a’ seinn anns a’ chànan as motha a tha dlùth ri daoine ris an luchd-èisteachd agam.

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Uill, tha sin na chomharra air an fharsaingeachd agam, tha mi cinnteach. Tha e nad bheatha agus thig sinn gun sin. Ach an t-ainm agaibh, Anna Latharna NicGillÌosa, ‘s ann tro sheinn Ghàidhlig a thàinig an t-ainm cuideachd.

[Anna Latharna NicGillÌosa] Uill, chan ann, ann an dòigh. Nuair a thòisich mi a’ seinn, bha mi a’ seinn ann an Gàidhlig mar Anna NicGillÌosa, ‘s e sin a bh’ ormsa, ach bhiodh iad ag ràdh rium “Anna NicGillÌosa camaig, às an Òban”, agus an uair sin, bha teile nach maireann, seinneadair, sàr sheinneadair a bh’ innte cuideachd às an Eilean Sgitheanach, a bha a’ pòsta aig a’ Cheanadach agus ‘s e Anna NicGillÌosa camaig an Eilean Sgitheanach a chanadh iad rithe-sa, ach nuair a thàinig mi gu bhith a’ seinn ann am Beurla air an tele, bha agam an uair sin ri ballrachd a thoirt a-mach às an aonadh agus bha ise na ball mu thràth agus mar sin, cha b’ urrainn dhomh Anne “Oban” Gillies a ràdh rium fhèin, ‘s e Anne Lorne Gillies a thuirt mi rium fhèin. Agus tha mi cho fortanach is gun d’ fhuair mi cead sin a dhèanamh agus gun do thaghadh mi. bha mi seachdainean a’ dol “Jessie McGinty” no …, eil fhios agad? Nuair a thòisicheas tu a’ smaoineachadh air ainm eile a chur ort tha e cianail doirbh, gu h-àraidh as-dèidh a bhith nad Anne Gillies airson iomadh bliadhna.

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Uill, sin an t-ainm a thug sibh oirbh fhèin Anna Latharna NicGillÌosa, airson na sgìre agus tha an t-ainm sin oirbh fhathast …

[Anna Latharna NicGillÌosa] ‘S e a bhios orm…

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] a bhios a-chaoidh is air a bheil daoine eòlach

[Anna Latharna NicGillÌosa] Seadh

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Agus ‘s ann air sgàth a’ cheangail leis an sgìre, le Latharna, le Earra-Ghàidheal. Nise, feumaidh mi aideachadh, bha mise a’ smaoineachadh gur ann gu daingeann do mhuinntir Earra-Ghàidheil a bha sibh, ach chan ann buileach.

[Anna Latharna NicGillÌosa] Chan ann agus tha fhios, uill anns na làithean-sa, ‘s e rud eadar-dhealaichte a th’ ann ach sna làithean sin, bhiodh tu, eil fhios agad, fichead no dà-fhichead, no leth-cheud bliadhna fuireach ann an Earra-Ghàidheal agus bhiodh daoine fhathast gad fhaicinn mar uilebheist a thàinig a-steach à taobh a-muigh.

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Co às a thàinig an teaghlach a-steach?

[Anna Latharna NicGillÌosa] Uill, rugadh m’ athair agus mo mhàthair, mo dhithis phàrant, rugadh iadsan ann an Lunnainn. Bha Gàidhlig aig mo sheanair aig athair mo mhàthar agus bha m’ athair airson fuireach ann an Alba, gu h-àraidh air a’ Ghàidhealtachd agus fhuair esan obair ann an cuaraidh sglèat ann an Gleann Comhann agus an uair sin, nuair a dhùin na cuaraidhean a bha siud, fhuair e obair eile faisg air Sruighlea agus ‘s e sin bu coireach gun do rugadh mi fhèin is mo bhràthair faisg, ann an àite gu math iomallach, muigh air an dùthaich taobh a-muigh Sruighlea agus chaidh mise airson aon teirm sgoile gu bun-sgoil faisg air Sruighlea agus an uair sin cho luath ‘s a fhuair m’ athair obair anns an Oban bha an casan leis agus bha sinn air falbh agus tha cuimhne agamsa fiù ‘s nuair a bha mi nam leanabh beag bìodach, nam naoidhean gum biodh iad ag innse dhomh gun robh sinn gu bhith a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd agus gu h-àraidh ‘s e Earra-Ghàidheal a bha a’ còrdadh ri m’ athair.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!