FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A Brigadier from Tobermory Brigadier à Tobar Mhoire

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo with the Brigadier John MacFarlane Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo leis am Brigadier Iain MacPhàrlain

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Brigadier à Tobar Mhoire

[Dòmhnall Moireasdan – Am Preseantair] A dh’ aindeoin sin, am biodh sibh uair sam bith a’ faireachdainn anns a’ mhess, còmhla ri àrd, àrd oifigearan eile a thàinig bho shaoghal eile, am biodh sibh ag ràdh ribh fhèin uaireannan “Dè tha mise, à Tobar Mhoire, a’ dèanamh an seo?”?

[Brigadier Iain MacPhàrlain] Chan eil. Oir cha robh mi idir a’ faireachdainn mar sin idir, oir tha mise a’ creidsinn gu bheil Gàidheil cho math ri duine sam bith a th’ ann agus cha do dh’ atharraich mise mi fhèin agus bha iad gam ghabhail mar a tha iad gam fhaicinn.

[Dòmhnall Moireasdan – Am Preseantair] Uill, tha sinn follaiseach nach eil sibh air atharrachadh agus tha sibh air tilleadh chun na Gàidhealtachd a Thaigh an Uillt an dèidh an t-airm fhàgail agus air a dhol an-sàs ann an saoghal Gàidhealach a-rithist.

[Brigadier Iain MacPhàrlain] Gu dearbh, tha e a’ còrdadh rium cho math a bhith air ais agus na freumhan a chuireadh sìos anns a talamh far an tàinig mo shinnsearachd agus tha mi a’ seinn anns a’ chòisir-chiùil. Tha coisir-chiùil sònraichte math againne ann an Taigh an Uillt agus tha sinn a’ seinn aig a h-uile Mòd a th’ ann agus tha sinn a’ buannachadh a h-uile uair, cha mhòr. Agus tha mi an-sàs anns an Eaglais Easbaigeach agus tha mi an sàs le taic a thoirt dha na saighdearan, tha mi ann an SSAFA, tha mi a’ ruith SSAFA, sin Earra-Ghàidheal agus Bòid, ‘S e Solider, Sailor And Air Force Association a tha a’ toirt taic do shaighdearan a tha bochd no aig a bheil tinneas no rud mar sin.

[Dòmhnall Moireasdan – Am Preseantair] Is carson a ràinig sibh Taigh an Uillt, àite sinnsearachd taobh bhur màthar seach a dol air ais a Mhuile?

[Brigadier Iain MacPhàrlain] Uill, ‘s e ceist car doirbh a tha sin, chan eil fhios a’m carson, bhon bha taobh m’ athar gam tharraing do Thobair Mhoire, ceart gu leòr. Ach tha Tobar Mhoire air atharrachadh cho mòr. Chan e àite Gàidhealach a th’ ann idir a-nis agus tha mi a’ faireachdainn, tha Muilich ann fhathast ach tha mòran de choigrich ann cuideachd. Agus, ann an Taigh an Uillt, bha e a’ còrdadh rium a bhith far an robh Rèile, Railways bhon Òban dlùth, ‘s urrainn dhomh a dhol gu Muile uair sam bith.

[Dòmhnall Moireasdan – Am Preseantair] Seadh, agus co às a tha a’ bhean agaibh

[Brigadier Iain MacPhàrlain] Tha ise à Siorrachd Pheairt.

[Dòmhnall Moireasdan – Am Preseantair] An robh ise toilichte a’ tilleadh dhan Ghàidhealtachd?

[Brigadier Iain MacPhàrlain] Cha robh.

[Dòmhnall Moireasdan – Am Preseantair] Nach robh?

[Brigadier Iain MacPhàrlain] Cha robh, bha ise airson fuireach ann an Hampshire far an robh na bùithtean agus far nach eil stoirmean ‘s gèillidhean agus clachan-meallain agus siud ‘s an seo. Bha sinn a’ fuireach, far an robh an taigh againne ann an Winchester, baile brèagha agus tha fhios a’d, cofhurtail agus tha an dùthaich cofhurtail.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!