FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donald Morrison in conversation with the late John Farquhar Munro Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Iain Fearchar Rothach, nach maireann

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme thuige Seo with John Farquhar Munro Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo le Iain Fearchar Rothach

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Iain Fearchar Rothach, nach maireann

[Dòmhnall Moireasdan] Iain Fearchar Rothach, ball pàrlamaid Albannach, comhairliche fad iomadh bliadhna, maraiche, contractor, sàr Ghàidheal bhon t-seann stoc, dh’ fhaodadh tu ag ràdh. Mar a thuirt cuideigin rium bho chionn ghoirid, fìor dhuine gasta a rinn feum mhòr dhan choimhearsnachd. Fàilte oirbh, Iain.

[Iain Fearchar Rothach, nach maireann] Mòran taing.

[Dòmhnall Moireasdan] Nuair a bha sibhse òg ann an Loch Aillse ag èirigh suas. Nam biodh duine air a ràdh ribh gum biodh sibh air a bhith nur ball anns a’ Phàrlamaid, dè bhios sibh air a ràdh?

[Iain Fearchar Rothach] Uill, chan eil mi ro chinnteach mu dheidhinn sin. Bhon a bha mise a’ fàs suas ann an Glean Seile san an Loch Aillse, mar a thuirt thu, cha robh mòran meas agam ann an saoghal poilitigs is cha robh mi dhen bheachd gun robh e a’ dol a bhuntainn ormsa anns na bailtean iomallach mar Ghleann Seile. Ach tha saoghal caran neònach far a bheil sinn beò agus leis an sin cha robh mi fhèin an dùil mòran bhliadhnaichean an-dèidh a bhith a’ fàs suas ann an Glean Seile gum biodh mi an-diugh an-sàs ann am poilitigs mar a tha sinn.

[Dòmhnall Moireasdan] Chan e duine politigeach a bh’ annaibh?

[Iain Fearchar Rothach] Chan e, chan e mar sin.

[Dòmhnall Moireasdan] Uill, thig sinn air ais gu mar a dh’atharraich sin, ach cò na daoine gam buin sibh ma-thà ann an Glean Seile?

[Iain Fearchar Rothach] Uill, anns a’ chiad àite bha iomadach fear timcheall orm air an robh mi eòlach a thug taic dhomh, na maighstirean sgoile, neach-teagaisg nuair a bha sinn sa sgoil, bha iad a’ dèanamh uallach mòr orm.

[Dòmhnall Moireasdan] Agus an teaghlach fhèin, co às a bha an teaghlach agaibh?

[Iain Fearchar Rothach] Uill, bha ma sheanmhair às Na Hearadh à Manais. Thàinig i gu Gleann Seile nuair a bha i fìor òg. Bha i ag innse dhòmhsa gun tàinig i gu Gleann Seile, cas rùisgte, nuair a bha i còig-deug bliadhna…

[Dòmhnall Moireasdan] A dh’obair?

[Iain Fearchar Rothach] A dh’ obair, seadh. Ach cha robh sin neònach aig an àm, bha sin a’ tachairt ann an iomadach àite. Aon uair ‘s gun robh iad deiseil anns an sgoil, ma bha iad san sgoil, bha iad a’ dol a-mach a dh’ obair a’ dol air seirbheis, mar a bhiodh aca air . Agus ‘s e sin na thachair dhith-se.

[Dòmhnall Moireasdan] Agus thachair i ri geamair, an e ?

[Iain Fearchar Rothach] Uill, thachair i ri fear a bha geamaireachd agus phòs iad ann an Glean Sèile, ach gu mì-fhortanach, bha teaghlach òg aca agus chaill i an duine aice, mo sheanair, air a bàsaich e sìos aig Ceann Loch Duich, dìreach aig tobhtaig ann an sin . Agus bha e gu math duilich dhi aig an àm, teaghlach òg a thogail agus gun dùine timcheall airson taic a thoirt dhaibh.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!